Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Mu mygaelic.com

’S e làrach-lìn (website) ùr airson Gàidhlig a th’ ann am mygaelic.com le tòrr fiosrachaidh mun a’ Ghàidhlig – an cànan, turasachd (tourism), tachartasan Gàidhlig agus tòrr rudan eile ceangailte (connected) ri Gàidhlig. Tha sinn ag iarraidh gum bi mygaelic.com na phrìomh àite airson na Gàidhlig.

Tha an làrach-lìn na choimhearsnachd air-loidhne (online) cuideachd: àite far am faod daoine bruidhinn ri daoine ann an Gàidhlig no mu dheidhinn na Gàidhlig agus rudan eile. Faodaidh tu bruidhinn ri luchd-ionnsachaidh eile, ri daoine a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, no ri daoine a tha fileanta ann an Gàidhlig.

Anns a’ phàirt den làrach-lìn far a bheil daoine a’ conaltradh (communicating) ri daoine eile, faodaidh daoine ‘buidheann luchd-cleachdaidh’ (user group) a chruthachadh (create). Faodaidh daoine a tha nam buill (members) de mygaelic.com a bhith nam buill den buidheann seo. Tha na buidhnean luchd-cleachdaidh seo gu math feumail, ma tha thu ag iarraidh innse do dhaoine mu rudeigin a tha a’ tachairt, mar eisimpleir (for example). Faodaidh tu brath (message) a chur don bhuidheann luchd-cleachdaidh, agus gheibh a h-uile duine anns a’ bhuidheann agad am brath sin.

Tha an làrach-lìn airson:

  1. Daoine a tha aois 16 – 45+ gun Ghàidhlig
  2. Daoine a tha aois 16 – 45+ a tha ag ionnsachadh Gàidhlig
  3. Daoine a tha aois 16 – 45+ a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig

Faodaidh tu coimhead air an làrach-lìn ann an trì dòighean:

• Ann am Beurla • Ann an Gàidhlig Shìmplidh • Ann an Gàidhlig Adhartach

Tha putan beag ann aig mullach na duilleige, agus ma bhriogas (click) tu air, chì thu gu bheil roghainn (choice) ann, far am faod thu aon de an trì dòighean seo a thaghadh (choose). Tha seo feumail nuair a tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig, oir faodaidh tu an làrach-lìn a leughadh ann an Gàidhlig Shìmplidh, mar a tha thu an-dràsta, no faodaidh tu an làrach-lìn a leughadh ann am Beurla, ma tha rudeigin ann a tha doirbh a thuigsinn. Agus faodaidh tu an làrach-lìn a leughadh ann an Gàidhlig Adhartach, ma tha seo ro fhurasta dhut!

Ma tha thu dìreach a’ coimhead air an làrach-lìn mar neach-tadhail, agus chan eil thu air logadh (log) a-steach, chì thu na duilleagan air an làrach-lìn le fiosrachadh agus am pàirt den làrach-lìn far a bheil e ag innse dhut Dè tha a’ Dol?

Luchd-cleachaidh (Users) a logas a-steach – daoine a chlàraich (register) airson cunntas (account)

Faodaidh daoine a tha a’ cleachdadh an làraich-lìn cunntas a chruthachadh dhaibh fhèin. ’S urrainn dhut tòrr rudan eile a dhèanamh anns an làrach-lìn, ma nì thu seo. Faodaidh tu coimhead airson caraidean agus iarraidh air daoine eile a tha air clàradh, a bhith nad charaid air mygaelic.com. Faodaidh tu cuideachd brathan (messages) a chur gu daoine a tha nam buill de mygaelic.com, agus faodaidh tu brathan fhàgail air na bùird-bratha (message boards).

Ma tha thu air clàradh, faodaidh tu na sgrìobhaidhean agad a chur a-steach thugainn. Agus faodaidh tu inneal shònraichte (specific tool) a chleachdadh: leabhar-abairtean (phrasebook). Leis an leabhar seo, ’s urrainn dhut pìosan teacsa (pieces of text) agus rudan eile bhon làrach-lìn a chumail anns an leabhar. Bidh seo feumail airson ionnsachadh agus airson cuimhneachadh air rudan.

Faodaidh luchd-cleachdaidh buidheann air-loidhne (buidheann luchd-cleachdaidh) a chruthachadh, agus faodaidh iad a bhith nam buill de bhuidhnean luchd-cleachdaidh eile.

Dè am prìomh amas (main aim)?

Tha sinn ag iarraidh gun tèid daoine, aois 16 – 45+ ann an Alba, an sàs ann an Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal. Tha sinn ag iarraidh gun tèid daoine a tha nas fileanta an sàs anns na fòraman a tha nas adhartaiche, agus gum bi iad nan luchd-measaidh (moderators) air fòraman eile. Faodaidh iad an uair sin daoine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig a chuideachadh.

Tha pàirtean den làrach-lìn cuideachd far a bheil sinn ag iarraidh air daoine na sgrìobhaidhean aca fhèin, no na h-òrain aca fhèin, no rud sam bith a tha freagarrach, a chur a-steach thugainn. Faodaidh tu dealbhan le taobh (aspect) Gàidhlig no taobh Gàidhealach a chur a-steach cuideachd.

Ionnsachadh na Gàidhlig air mygaelic.com

Tha aon phàirt den làrach-lìn far am faic thu fiosrachadh mu ionnsachadh na Gàidhlig. An-dràsta, chì thu fiosrachadh mu carson a tha daoine ag ionnsachadh Gàidhlig, agus ciamar a dh’ionnsaicheas agus càite an ionnsaich daoine Gàidhlig. Tha fiosrachadh ann mu thaic (support) a gheibh thu (that you will get) ma tha thu ag ionnsachadh, agus tha daoine ag innse dhuinn carson a dh’ionnsaich iad fhèin Gàidhlig, no carson a tha iad a’ moladh (recommending) do dhaoine eile Gàidhlig ionnsachadh.

Tha sinn an dòchas, ri ùine (in time), gum bi leasanan air an làrach-lìn bho ìre (level) luchd-tòiseachaidh gu ìre eadar-mheadhanach (intermediate level). Bidh teacsa ann, faidhleachan fuaim (sound files), agus rudan eile a bhios feumail do luchd-ionnsachaidh. Tha sinn cuideachd an dòchas gum bi stuth (material) ann airson clann. Bidh an stuth seo spòrsail (fun), le geamannan agus rudan eile a chòrdas ri cloinn.

Am bi e feumail do bhuidhnean (organisations)?

Chì thu fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig, agus buidhnean a tha an sàs ann an Gàidhlig, anns an làrach-lìn, agus chì thu ceanglaichean ris na buidhnean seo. Faodaidh buidheann urrasachd (sponsorship) a thoirt don làrach-lìn agus tha sin a’ ciallachadh gum bi àite nas follaisiche (prominent) air an làrach-lìn. Faodaidh buidhnean clàradh airson a bhith nam buill cuideachd, agus sin a’ ciallachadh gum faod iad buidheann luchd-cleachdaidh a chruthachadh dhaibh fhèin. Bidh sin ag obair mar buidheann luchd-cleachdaidh sam bith eile, agus mar sin ’s urrainn don bhuidheann fiosrachadh mu dheidhinn a’ bhuidhinn aca a chur gu daoine a tha anns a’ bhuidheann luchd-cleachdaidh aca. Agus ’s urrainn dhaibh iarraidh air duine sam bith a bhith nam ball den bhuidheann luchd-cleachdaidh aca. Agus faodaidh iad na tachartasan aca a chur a-steach chun a’ mhìosachain (calendar) aca, a tha ag innse mu dheidhinn nan tachartasan aca. Bidh sinn a’ cur gach tachartas aig na buidhnean air-loidhne (no buidhnean luchd-cleachdaidh (user groups)) a-steach gu prìomh mhìosachan an làraich-lìn a tha ag innse mu thachartasan na Gàidhlig.

A bheil dòigh ann innse do dhaoine mu dheidhnn Tachartasan Gàidhlig?

Tha am pàirt den làrach-lìn, leis an ainm Dè tha a’ Dol?, gu math cudromach. Chì thu fiosrachadh an seo mu dheidhinn tachartasan Gàidhlig, agus faodaidh tu coimhead airson tachartasan a rèir diofar chuspairean. Mar eisimpleir, faodaidh tu coimhead airson tachartasan ciùil. Cuideachd, ma bhriogas tu (click) air tachartas, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn.

Rudan eile air an làrach-lìn:

Bidh diofar fharpaisean air an làrach-lìn. Ma bheir thu dhuinn an fhreagairt cheart airson ceist, mar eisimpleir, ’s dòcha gum faigh thu duais.

A’ conaltradh ri daoine eile

Tha bùird-bratha agus buidhnean luchd-cleachdaidh air an làrach-lìn. Tro na bùird-bratha agus na buidhnean luchd-cleachdaidh, faodaidh tu bruidhinn ri daoine eile mu dhiofar chuspairean.

Naidheachdan ùra

Gheibh luchd-cleachdaidh fiosrachadh mu rudan ùra tron bhogsa-bratha (inbox, literally message box) aca.

Liosta de na Buill (Members)

Ma tha thu nad bhall de mygaelic.com, faodaidh tu fios a chur gu buill eile. Faodaidh tu an seo fios a chur gu daoine a tha am measg nan ‘caraidean’ agad agus gu daoine nach eil am measg nan caraidean agad air mygaelic.com. Tha dà sheòrsa buidhinn luchd-cleachdaidh ann: Buidheann Poblach (faodaidh duine sam bith a bhith nam ball den buidheann seo) agus Buidheann Prìobhaideach (feumaidh tu cuireadh (invitation) fhaighinn bhon duine a stèidhich (established) am buidheann, ma tha thu gu bhith nad bhall den bhuidheann seo). Faodaidh neach-cleachdaidh sam bith buidheann poblach a chruthachadh, agus faodaidh neach-cleachdaidh sam bith buidheann prìobhaideach a chruthachadh, agus cuireadh a thoirt do dhaoine a bhith nam buill den bhuidheann ùr aca.

A’ Lorg Buidheann

Tha inneal-lorg (search engine) aig an làrach-lìn. Faodaidh tu coimhead airson buidheann, ma chuireas tu an t-ainm aca a-steach don inneal seo, no ma chuireas tu fiosrachadh mu dheidhinn a’ bhuidhinn a-steach don inneal seo. Faodaidh tu na h-innealan-lorg aig na mìosachain agus buidhnean còmhraidh air an làrach-lìn a chleachdadh cuideachd.

Cunntasan Luchd-cleachdaidh

Tha an cunntas agad gu math feumail airson a bhith a’ coimhead air an làrach-lìn. Tha clàr-aithne (profile) aig gach neach-cleachdaidh, agus le cunntas faodaidh tu brathan a chur gu luchd-cleachdaidh eile. Cuideachd bheir cunntas dhut roghainnean a thaobh mar a bhios tu a’ cleachdadh an làraich-lìn.

Clàr-aithne (Profile)

Nuair a gheibh thu clàr-aithne, tha cothrom agad beagan innse mu do dheidhinn fhèin, ach cha bhi sinn ag iarraidh ort cus fiosrachadh pearsanta a thoirt dhuinn. Nuair a tha thu a’ lìonadh nam beàrnan (filling in the blanks), bidh sinn gad bhrosnachadh (encouraging) a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Faodaidh luchd-cleachdaidh dealbh no ìomhaigh (image) a chur suas san chlàr-aithne aca. Cuideachd faodaidh daoine innse mun chor (status) aca: mar eisimpleir, faodaidh iad a bhith sgìth, no toilichte, no faodaidh iad aon de na h-abairtean againn ann an Gàidhlig a chleachdadh. No faodaidh tu an abairt agad fhèin a chur a-steach.

Faodaidh tu cuideachd innse do dhaoine dè cho comasach ’s a tha thu ann an Gàidhlig. Mar eisimpleir: a’ tòiseachadh ag ionnsachadh, aig ìre eadar-mheadhanach, aig ìre adhartach no fileanta. Tha seo a’ ciallachadh gum faod daoine a tha nas fileanta daoine a tha ag ionnsachadh a chuideachadh, agus faodaidh luchd-ionnsachaidh iarraidh air fileantaich cuideachadh a thoirt dhaibh. No, ’s dòcha gun lorg thu cuideigin a tha aig an aon ìre riut fhèin.

Mo Leabhar-abairtean

Tha leabhar-abairtean aig gach neach-cleachdaidh. Faodaidh an neach-cleachdaidh stuth feumail a chumail san leabhar seo. ’S dòcha gum faic thu abairt ann an Gàidhlig air an làrach-lìn a tha thu ag iarraidh a chumail. ’S urrainn dhut an abairt sin a chur don leabhar-abairtean agad, agus coimhead air uair sam bith. ’S urrainn dhut a’ Bheurla a chur ann, agus ma tha faidhle fuaim ann cuideachd, faodaidh tu sin a chur ann. Tha sinn an dòchas gum bi an leabhar seo feumail do luchd-ionnsachaidh.

Follow us on: