Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Film agus TelebhiseanFilm and Television Film and TelevisionFilm agus Telebhisean
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Dh’atharraich saoghal telebhisean na Gàidhlig ann an 2008 nuair a thòisich an sianal Gàidhlig ùr. Na phàirt de sheirbheis dhidseatach ùr, air a ruith le MG ALBA agus am BBC, tha BBC ALBA a’ sealltainn taghadh farsaing de phrògraman, nam measg: dràma ùr, prògraman aithriseach, spòrs, agus fiù ’s filmichean cinema. Tha na Gàidheil a’ faighinn cothrom cruthachaidh agus ceasnachaidh air an t-sianal aca fhèin, agus ’s ann dùbhlanach, drùidhteach agus làn dibhearsain a tha na toraidhean.
Tha am film cinema ‘Seachd’ (2007) air moladh mòr fhaighinn air feadh an t-saoghail. ’S e a’ chiad film cinema Gàidhlig o chionn ùine mhòr, agus ’s e stòiridh mu ghille òg a tha air tòir na fìrinne a th’ ann, stòiridh a tha làn uirsgeoil agus samhlaidhean cumhachdach. Chaidh am film a dhèanamh gu tur san Eilean Sgitheanach, le sgioba anns an robh cuid mhath le Gàidhlig, agus tòrr de na cleasaichean gun eòlas proifeiseanta air a’ ghnìomhachas.
Tha ball-coise Albannach bhon SPL ga shealltainn air BBC ALBA, an sianal Gàidhlig, gu cunbhalach. ’S e seo an aon àite far am facar a’ chuairt-dheireannach de Chupa Dùbhlain Alba beò an-uiridh, agus tha an sianal a’ sealltainn aon ghèam bhon SPL gach Disathairne, ‘mar gum biodh beò’, mu thrì uairean a thìde às dèidh dha crìochnachadh. Tha am ball-coise seo a’ cur ri farsaingeachd spòrs a chìthear air BBC ALBA.
‘Eilbheas’: dràma suidhichte ann an Leòdhas air an latha chluinnear mu bhàs ‘an Rìgh’, agus e an uair sin a’ nochdadh do phunc òg san eilean, nach eil ro thoilichte gur e duine meadhan-aoiseach ann an deise ghleansach gheal a tha a’ toirt comhairle dha...
Tha am prògram aithriseach ‘Eòrpa’ air duaisean agus moladh mòr fhaighinn airson mar a tha an sgioba a’ rannsachadh agus a’ ceasnachadh stòiridhean-naidheachd Eòrpach, agus gan cur am fianais luchd-amhairc ann an Alba. Sa Chèitean 2008 thuirt Cathraiche Coimisean Craolaidh na h-Alba, Blàr Jenkins: “Bha e inntinneach fhaicinn mar a chaidh Eòrpa aig BBC 2 Alba ainmeachadh aig a h-uile tachartas poblach againn, gun fhaighneachd, le daoine aig nach robh Gàidhlig, mar eisimpleir de phrògram math air a bheil spèis aig daoine.” Thòisich an sreath soirbheachail seo ann an 1993, agus am measg nan duaisean a tha e air gleidheadh, tha BAFTA Albannach.
MG ALBA - Buidheann craolaidh Gàidhlig
BBC ALBA - Dachaigh craoladh na Gàidhlig air BBC ALBA agus BBC Rèidio nan Gàidheal
MNE Media - Companaidh telebhisein Gàidhlig
Mac TV - Companaidh telebhisein Gàidhlig
tele G - Dachaigh Sianal Didseatach Gàidhlig