Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Film agus Telebhisean

Thòisich saoghal ùr do thelebhisean Gàidhlig ann an 2008 nuair a thàinig sianal (channel) telebhisean Gàidhlig ùr, BBC ALBA. Tha an sianal a’ sealltainn diofar phrògraman. Chì thu na naidheachdan, prògraman spòrs agus prògraman dràma air an t-sianal ùr.

‘Seachd’

Fhuair am film ‘Seachd’ moladh mòr bho dhaoine air feadh (throughout) an t-saoghail. ’S e seo a’ chiad film Gàidhlig ann an ùine mhòir, agus tha am film ag innse mu ghille a tha a’ coimhead airson freagairtean. Rinn iad am film san Eilean Sgitheanach agus bha Gàidhlig aig tòrr de na daoine a bha ag obair air an fhilm.

Seachd

Ball-coise

Chì thu ball-coise bhon SPL air BBC ALBA. Sheall iad a’ chuairt dheireannach (the final round) de Chupa Dùbhlain Alba (the Alba Challenge Cup) air an t-sianal an-uiridh, agus bidh iad a’ sealltainn gèam bhon SPL gach Disathairne. Tha iad a’ sealltainn tòrr spòrs eile air BBC ALBA.

BBC ALBA

Dràma agus Comadaidh (Comedy)

’S e ‘Eilbheas’ aon de na prògraman dràma as fheàrr a sheall iad air BBC Alba ann an 2008. Tha an dràma a’ leantainn punc òg ann an Eilean Leòdhais air an latha a chaochail Eilbheas Pressley.

Eòrpa

Bidh am prògram ‘Eòrpa’ ag innse dhuinn mu naidheachdan bhon Roinn Eòrpa (Europe). Fhuair iad duaisean (prizes) agus moladh mòr airson cho math ’s a tha am prògram. Thòisich ‘Eòrpa’ ann an 1993 agus am measg nan duaisean a fhuair iad tha BAFTA Albannach.

Eòrpa

MG ALBA - Buidheann craolaidh (broadcasting organisation) Gàidhlig

BBC ALBA - Dachaigh craoladh (broadcasting) na Gàidhlig air BBC ALBA agus BBC Rèidio nan Gàidheal

MNE Media - Companaidh telebhisein Gàidhlig

Mac TV - Companaidh telebhisein Gàidhlig

Studio Alba

tele G - Dachaigh Sianal Didseatach (digital channel) Gàidhlig

Follow us on: