- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Crabshakk
4 rionnagan airson an taigh-bidh ùr seo a' toirt biadh na mara a tha sònraichte gu Glaschu!
Ma tha biadh na mara a’ còrdadh riut, cha tèid thu ceàrr leis an taigh-bidh ùr seo ann an Glaschu, Crabshakk. Chaidh Crabshakk fhosgladh le fear à Leòdhais, Iain MacLeòid agus a bhean o chionn greis agus on uair sin, tha iad air a bhith làn cha mhòr a h-uile oidhche! Bho eisirean gu whitebait, gheibh thu deagh thaghadh de dh’ iasg air a chòcaireachd gu sìmplidh - seach nach eil an còrr a dhìth! Tha an clàr-bìdh goirid ach nuair a tha blas air a’ bhiadh mar gun deach e ghlachadh o chionn uair-a-thìde, tha fhios agad le cinnt gu bheil a h-uile rud air a’ chlàr-bìdh dol a bhith sònraichte math! ’S e àite beag tarraingeach a th’ ann, stèidhchte ann am Finnieston far a bheil tòrr chompanaidhean inntinneach air tòiseachadh o chionn ghoirid. Faodidh tu lòn no dìnneir a ghabhail no fiù ’s dìreach deoch aig a’ bhàr snasail a th’ aca, ach le seallaidhean a-staigh dhan chidsin-fhosgailte, cha bhi e fada gus am bi na fàilidhean mìorbhaileach gad tharraing gus sùil bheag a thoirt air a’ chlàr-bìdh! Agus...cùm sùil a-mach airson na dealbhan shuas an staidhre a chaidh a thogail ann an Leòdhas!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.