- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Crabshakk
4 rionnagan airson an taigh-bidh ùr seo a' toirt biadh na mara a tha sònraichte gu Glaschu!
Ma tha biadh na mara a’ còrdadh riut, bu chòir dhut tadhal air an taigh-bìdh ùr seo ann an Glaschu. Dh’fhosgail duine à Leòdhas, Iain MacLeòid, agus a bhean Crabshakk o chionn greis, agus tha an taigh-bìdh air a bhith làn a h-uile oidhche, cha mhòr (almost)! Gheibh thu taghadh math de bhiadh a tha air a chòcaireachd ann an dòigh shìmplidh – dè eile a tha a dhìth! Tha an clàr-bìdh (menu) aca goirid, ach nuair a tha blas a’ bhìdh cho math, agus coltas gun deach an t-iasg a ghlacadh air an latha fhèin, tha fhios agad gum bi a h-uile càil air a’ chlàr-bìdh glè mhath! Tha an t-àite beag snog seo ann am Finnieston, sgìre far a bheil tòrr chompanaidhean ùra air tòiseachadh o chionn ghoirid. Faodaidh tu biadh a ghabhail aig àm loin (lunchtime) no àm dìnneareach, no faodaidh tu dìreach deoch a ghabhail anns a’ bhàr aca. Ach le cidsin-fosgailte, agus na fàilidhean mìorbhaileach (marvellous), bidh thu a’ toirt sùil air a’ chlàr-bìdh ann an ùine nach bi fada. Agus...cùm sùil a-mach airson na dealbhan bho Leòdhas shuas an staidhre!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.