Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (Scottish Funding Council) ag iarraidh bheachdan air a’ Phlana Ghàidhlig aca

Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (CMA), am buidheann nàiseanta a tha a’ cosg airgead poblach (public) air colaistean agus oilthighean, ag iarraidh cuideachadh bho choimhearsnachdan Gàidhlig gus am bi an cànan na phàirt nas motha den obair aca air feadh na h-Alba.

Tha an CMA ag iarraidh faighinn a-mach, an urrainn dhi barrachd taic a thoirt do dh’ionnsachadh Gàidhlig anns na colaistean agus oilthighean a tha a’ faighinn airgead bhon Chomhairle, agus ciamar a nì i sin. Tha a’ Chomhairle cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach an urrainn dhi barrachd Gàidhlig a chleachdadh nuair a tha i a’ conaltradh (communicating) ri oileanaich, luchd-obrach a tha an sàs ann am foghlam agus ri daoine san fharsaingeachd (people in general). Tha i cuideachd ag iarraidh bheachdan bho dhaoine air dè as urrainn don Chomhairle a dhèanamh na h-obair gus Gàidhlig agus a cultar bhrosnachadh (promote).

Faodaidh duine sam bith beachdan a chur a-steach air an làrach-lìn aig a’ Chomhairle suas chun 8mh den Chèitean, agus faodaidh daoine bho na coimhearsnachdan Gàidhlig a dhol gu oidhche ann an Glaschu air 27mh den Ghiblean, far am bi a’ Chomhairle ag iarraidh bheachdan dhaoine a chluinntinn.

Ma tha daoine ag iarraidh beachd a chur a-steach, no ma tha iad ag iarraidh clàradh (regsiter) airson an oidhche ann an Glaschu, a tha saor ’s an-asgaidh, bu chòir dhuibh tadhal air an làrach-lìn aig CMA aig www.sfc.ac.uk agus tadhailibh air earrainn nan naidheachdan (news section).

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh le bhith fònadh gu 0131 313 6570 no le bhith cur post-d gu lpsadmin@sfc.ac.uk

  • Petroc ap Seisyllt posted by petroc2

    I would suggest that SFC ensure Gaelic provision anywhere in the UK is funded as generously as English provision is for foreigners. ie free or very cheap classes and small class sizes. The Scots are the largest minority in England over 700,000 more than the Irish or Welsh. If a deal can be made with Wales' funding council a reciprocal agreement would allow the subsidised teaching of Welsh in Scotland and vice versa. Welsh speakers are perhaps 50x more likely to learn Gaelic than others. There is also a strong understanding of bilingual issues and good practice should be shared. One interesting scheme allows 3 or 4 months paid study for teachers to train to teach via Welsh - in order to ensure a supply of teachers for the rapidly growing Welsh medium education system. (currently nearly 100,000 in Welsh medium schools, and 300,000 learning Welsh as a second language) As Scotland has a larger population than Wlaes one can forsee similar huge figures in 20 years time - but where will the teachers come from?

Follow us on: