- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Dearbh Fhiosrachadh
’S e cànan Ceilteach a th’ ann an Gàidhlig agus tha 58,652 duine ann an Alba a tha comasach air Gàidhlig a bhruidhinn a rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh (2001). A rèir an aon chunntas-sluaigh tha barrachd dhaoine le comas ann an Gàidhlig a’ fuireach sna h-Eileanan Siar (18,420), Roinn na Gàidhealtachd (18,360) agus Earra-Ghàidheal & Bòid (6,520) na ann an roinnean-comhairle sam bith eile ann an Alba, ach tha dùmhlachdan mòra de dhaoine a’ fuireach ann am bailtean mòra mar Ghlaschu is Dùn Èideann taobh a-muigh nan roinnean dùthchasach seo.
Tha 18 litrichean ann an aibidil na Gàidhlig agus bha gach litir ceangailte ri craobh ann an dualchas nan Gàidheal. B’ e Gàidhlig cànan seann rìghrean na h-Alba agus bha Gàidhlig aig leithid an Rìgh MacBeatha agus Raibeart am Brusach agus ’s iomadh ainm-àite a tha fhathast a’ sealltainn mar a sgaoil na Gàidheil air feadh Alba nuair a thàinig iad à Èirinn an toiseach.
B’ i Julie Fowlis a’ chiad seinneadair Gàidhlig a bhuannaich an Duais airson Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna, aig na Duaisean Traidiseanta aig BBC Rèidio 2 ann 2008. Bha an DVD ciùil aig Runrig ‘Year of the Flood’ aig mullach clàr nan DVDan ciùil ann am Breatainn ann 2008, agus ràinig e àireamh a h-aon san Danmhairg agus àireamh a dhà sa Ghearmailt ann an clàran nan DVDan ciùil sna dùthchannan sin. Thàinig a’ chiad film cinema Gàidhlig, ‘Seachd’, a-mach ann an 2007 bhon a nochd ‘Hero’ ann an 1982. Fhuair am film moladh mòr agus tha e a-nis ri fhaotainn air DVD. Chaidh opara Gàidhlig, ‘Hiort: Opara Eòrpach’, luach 2.4 millean Euro a chur air an àird-ùrlar ann an 2007 eadar còig àiteachan anns an Roinn Eòrpa agus aig an aon àm ann an Hiort fhèin, agus a h-uile àite ceangailte tron eadar-lìon agus a h-uile càil ga chraoladh beò air làrach-lìn a’ BhBC.
Agus mar a tha fhios againn uile, ’s e cànan brìoghmhor, eirmseach a th’ ann an Gàidhlig a tha air grunn math fhaclan a chur gu feum bho chànanan eile mar Laideann, Greugais, Frangais agus Beurla. Ach tha gu leòr fhaclan Gàidhlig no Gaeilge rim faicinn ann an cànanan eile, gu sònraichte Beurla. Gu leòr mar eisimpleir – galore. An tuig thu, no Do you twig? Math fhèin, agus ’s dòcha gu bheil thu feumach air drama uisge-beatha, no a dram of whisky? Agus às dèidh tè bheag no dhà, bidh thu deiseil airson cèilidh, no ceilidh.
Bòrd na Gàidhlig - Prìomh bhuidheann leasachaidh na Gàidhlig
Comann na Gàidhlig - Fiosrachadh mun Ghàidhlig air làrach-lìn CnaG
Faclair Gàidhlig - Fiosrachadh mun chànan agus cothrom èisteachd ri Gàidhlig
Faclair Gàidhlig - Faclair Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba
Culture Hebrides - Beagan dearbh fhiosrachaidh mun Ghàidhlig
Wikipedia - Sealladh farsaing air Gàidhlig
Gaelic Words - Liosta de dh’fhaclan Beurla ’s dòcha a thàinig bho Ghàidhlig no Gaeilge
