Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Dearbh FhiosrachadhGaelic Facts Gaelic FactsDearbh Fhiosrachadh
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
’S e cànan Ceilteach a th’ ann an Gàidhlig, agus tha an cunntas-sluaigh (census) mu dheireadh (2001) ag innse dhuinn gu bheil 58,652 duine a’ bruidhinn Gàidhlig ann an Alba. Tha an aon chunntas-sluaigh ag innse dhuinn gu bheil 43,300 de na daoine sin a’ fuireach sna h-Eileanan Siar, ann an Roinn na Gàidhealtachd (Highland Region), agus ann an Earra-Ghàidheal agus Bòid.
Tha 18 litrichean ann an aibidil na Gàidhlig, agus bha gach litir ceangailte ri (connected to) craobh gu h-eachdraidheil. Bha Gàidhlig aig seann Rìghrean na h-Alba, daoine mar an Rìgh MacBeatha agus Raibeart am Brusach (the Bruce).
Fhuair an seinneadair Gàidhlig Julie Fowlis Duais (Prize) airson Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna bho BBC Rèidio 2, ’s e Julie a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a fhuair an duais seo. Bha an DVD aig Runrig, ‘Year of the Flood’, anns a’ chiad àite air clàr nan DVDan (the DVD chart) airson ceòl ann am Breatainn ann an 2008. Thàinig am film ‘Seachd’ a-mach ann an 2007, bha daoine a’ moladh an fhilm gu mòr. Chunnaic daoine an opara Gàidhlig, ‘Hiort: Opara Eòrpach’, ann an 2007. Bha cothrom aig daoine coimhead air an opara ann an còig dùthchannan san Roinn Eòrpa (Europe), agus bha e air an eadar-lìon (internet) cuideachd.
Tha tòrr fhaclan ann am Beurla a thàinig bho Ghàidhlig an toiseach. Faclan mar: galore (gu leòr); twig (tuig); whisky (uisge-beatha); agus ceilidh (cèilidh).
Bòrd na Gàidhlig - Prìomh bhuidheann leasachaidh (development organisation) na Gàidhlig
Comann na Gàidhlig - Fiosrachadh mun Ghàidhlig air làrach-lìn (website) Chomann na Gàidhlig
Highland Council - Fiosrachadh mun chànan agus cothrom èisteachd ri Gàidhlig
Gaelic dictionary - Faclair Gàidhlig Pàrlamaid (Parliament) na h-Alba
Culture Hebrides - Fiosrachadh mun Ghàidhlig.
Wikipedia - Fiosrachadh mu dheidhinn tòrr rudan ceangailte (connected) ri Gàidhlig
Seanfhaclan (proverbs) Gàidhlig
[Gaelic Words][12] - Faclan Beurla a tha daoine a’ smaoineachadh a thàinig à Gàidhlig na h-Alba no Gàidhlig na h-Èireann ’s dòcha
[12]: http://http://www.gaelic.ca/language/words.htm - Liosta de dh’fhaclan Beurla ’s dòcha a thàinig bho Ghàidhlig no Gaeilge(G). A list English words which may have Scottish or Irish Gaelic origins(E). Faclan Beurla a tha daoine a’ smaoineachadh a thàinig à Gàidhlig na h-Alba no Gàidhlig na h-Èireann ’s dòcha(SG).