Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Stòras Uibhist - Seachdainn SamhraidhStòras Uibhist - Gaelic Learning Week Stòras Uibhist - Gaelic Learning Week Stòras Uibhist - Seachdainn Samhraidh
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Mar chomharrachadh air ‘An Tilleadh Albannach 2009’ tha Stòras Uibhist a’ tabhann cothrom air leth do luchd ionnsachaidh na Gàidhlig, ‘Seachdain Samhraidh’ a chur seachad ann an Uibhist a Deas gus an cuid Gàidhlig a thoirt air adhart troimh bhogadh sa chànain.
Thèid ‘Seachdain Samhraidh’ a chumail ann an Loidse na h-Oighreachd ann an Gròigearaidh, le biadh agus àite-fuirich mar phàirt den t-seachdain. ‘S e cothrom air leth a tha seo do luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach bogadh fhaighinn ann an dualachas nan eilean agus a’ Ghàidhlig aca a leasachadh. Faodaidh iad an uair sin a toirt beò ann an suidheachadh nàdarra ann an togalach a tha an dà chuid eachdraidheil agus èireachdail.
Gach madainn bidh leasan Gàidhlig ann, agus air an fheasgar bidh cur-seachadan air an cur air dòigh air an lìbhrigeadh tron Ghàidhlig mar choiseachd air na cnuic ’s air a’ mhachaire agus cuairt dhan taigh-tasgaidh. Bidh Flòraidh Fhearghais (NicDhòmhnaill) ag innse mu beatha fhèin, agus gar toirt air turas a Mheadhanais air taobh-an-ear Bheinn na Faoghla. Ma cheadaicheas an t-sìde thèid sinn air turas a Mhiùghlaidh, eilean aig ceann a-deas na h-Eileanan-an-Iar a dh’fhanas nur cuimhne. Bidh spòrs gu leòr ann air an oidhche le dannsa traidiseanta, òrain, cèilidhean agus ceòl. Mar sin bheiribh leibh ar n-ionnstramaidean!
Thugainn còmhla rinn do dh’Eilean àlainn Uibhist-a-Deas far am faigh sibh seachdain loma-làn Gàidhlig. Bidh Eairdsidh Caimbeul à Beinn na Faoghla gar teagasg agus bidh e còmhla ribh fad na seachdaine cuide ri feadhainn eile bhon choimhearsnachd.
Gheibh sibh tlachd ’s toileachas fad na seachdaine bho eireachdas Uibhist agus Beinn na Faoghla, bho thràighean geal àlainn leis an gille-brìghde agus am maor-chladaich, am machaire uaine air a dhathadh le lusan, cnuic èireachdail air an còmhdachadh le fraoch far am faic sibh fèidh agus ’s dòcha an iolaire. A bharrachd air an seo tha iomadach làrach eachraidheil againn agus cultar inntinneach agus tarraingeach.
Bith am program a’ ruith bho 10 uairean madainn Diluain 13mh dh’en Iuchar, leis a h-uile duine a fagail madainn Disathuirne.
Ged nach eil e na phàirt dhen program, bidh cèilidh ann an Eirisgeidh air oidhche Dhòmhnaich a’ cur fàilte air na bhios an làthair aig ‘Gaisgeach an t-Sluaigh’ co-labhairt air beatha Mhgr Ailean Dòmhnallach air a chuir ri cheile le Ceolas. Ma tha toil agaibh a bhith ann, cuiridh sinn seo air dòigh dhuibh.
Cosgaidh an t-seachdainn seo £350 le teagasg, cuir seachadan, biadh agus aite-fuireach air a’ chomhlachadh a-staigh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh: coimhead and seo
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.