Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Cruinn-eòlas

Gu h-eachdraidheil b’ ann air a’ Ghàidhealtachd a bha Gàidhlig ga bruidhinn, agus tha sin fhathast an ìre mhath fìor an-diugh. Gu dearbh, ’s ann bhon ainm Gàidheal a tha am facal seo a’ tighinn mar a tha follaiseach do dhuine sam bith le Gàidhlig. An-diugh tha mu dhà thrian de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan. Tha an cànan agus an cultar fhathast gu math ceangailte ri sgìrean dùthchail, le beanntan àrda, lochan fada brèagha, glinn fhasgach, cladaichean fosgailte agus monaidhean farsaing. Ach tha Gàidheil gu leòr cuideachd a’ fuireach ann am bailtean mòra, agus air a’ Ghalltachd no ann am Meadhan Alba, far a bheil cruth-tìre gu math eadar-dhealaichte.

Tha tìr nan Gàidheal air buaidh mhòr a thoirt air a’ chànan agus an dualchas. Cia mheud ainm a th’ againn airson beinn, no cnoc, no sgùrr, no binnean, no bidean, no càrn, no màm, no meall, no stùc? No dè mu dheidhinn loch, caolas, inbhir, bàgh, linne, muir, cuan, fairge, sruth, allt, abhainn, lòn, fuaran, eas agus iomadh ainm eile a tha gar ceangal ris an tìr agus uisgeachan, agus an tìr agus uisgeachan rinne. Tha cruinn-eòlas agus nàdar gu math cudromach do na Gàidheil, agus tha ar cànan air buaidh mhòr a thoirt air mar a thathar a’ cur an cèill cruth-tìre na h-Alba. Tha Alba agus na Gàidheil co-nasgte tro chruinn-eòlas na dùthcha, tha iad mar snaidhm nach gabh fhuasgladh, a tha cha mhòr cho sean ris na cnuic fhèin.

Bartholomew Maps - Mapa Gàidhlig de dh’Alba

Gazetteer of Scotland - Cruinneachadh de dh’fhiosrachadh mu chruinn-eòlas, eachdraidh agus ainmean-àite na h-Alba

VisitScotland - Fiosrachadh bho VisitScotland mu chruinn-eòlas na h-Alba

Geography of Scotland - Mapa agus fiosrachadh mu chruinn-eòlas na h-Alba

itravel UK - Mapa de de dh’Alba

National Library of Scotland - Mapaichean eachdraidheil de dh’Alba

Wikipedia - Fiosrachadh mu chruinn-eòlas na h-Alba

Follow us on: