Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Invalid Content.

mygaelic.com aig Fèis Cheann an Iar Ghlaschu 2009

WEF Header

Fhuair Fèis Taobh Siar Ghlaschu (West End Festival, Glasgow) blas den Ghàidhlig am-bliadhna! Bha mygaelic.com aig an Fhèis airson a’ chiad tachartas ciùil (musical event) a chùm iad riamh … ann an stoidhle!

Chuir na seinneadairean Gàidhlig traidiseanta ainmeil Maeve NicFhionghain agus Seumas Greumach iongnadh (awe, surprise) air an luchd-èisteachd (audience) leis cho eòlach is a bha iad air na bha iad a’ seinn, agus cho sgileil is a bha na pìosan iongantach a sheinn iad mar aon-neach (solo) agus no dithis (duo). A’ cluich còmhla riutha bha còmhlan-taighe (house band) mygaelic.com - Seumas Napier, Raonaid Newton agus Barry Reid.

Chuala na daoine a bha ann deagh mheasgachadh de dh’òrain Ghàidhlig traidiseanta bho Maeve agus Seumas, agus fuinn Albannach (Scottish tunes) le car ùr (a new twist) annta. Dh’èirich measgachadh mìorbhaileach de fhuaimean clasaigeach bho chlàrsach dhealain, meur-chlàr, fìdeag, cuislean agus giotar bho na Gàidheil agus ceòl gu math socair coltach ri jazz a chur daoine a’ dannsadh. ’S e dùbhlan (challenge) a bha ann do dhuine sam bith a bha ag èisteachd gun a bhith a’ dannsadh is iad a’ suidhe sìos. Cuideachd air an oidhche shònraichte seo bha ceathrar nighnean òga às an Eaglais Bhreac; sheinn Mòrag Dunn, Amanda Sim, Raonaid Deans agus Emma Deans Acappella còmhla is bha na guthan binn aca a’ lìonadh taigh-grèine (conservatory) Bar Brell, air Caol-shràid Ashton, bho bhalla-gu-uinneag. Bha am binneas aca cho diofraichte bho na ruithimean beothail aotrom (upbeat rhythms) bho chòmhlan mygaelic.com.

Bha an luchd-amhairc cuideachd fortanach gu leòr blasad de dhannsa-ceum Albannach bho Sheumas Napier fhaicinn, le cuideachadh bho Maeve agus Seumas, a chur an sluagh ag èigheachd le beagan puirt-a-beul (mouth music) ruithimeach. Anns an eadar-ùine, bha cothrom aig daoine camara didseatach agus inneal MP3 a bhuannachadh (to win) ann an co-fharpais nan ceist aig mygaelic.com cho math ri iomadh duais eile. Ghabh mòran pàirt anns a’ cho-fharpais, agus bha feum ann air ceist a-bharrachd aig an deireadh (tòisich ceòl dràmatach!). Mu dheireadh thall, bhuannaich Fiona NicAonghais agus Cailean Masterton dà phoca dhuaisean bho mygaelic.com. Bha bean-an-taighe (host, compere), Fiona Dunn, a’ cumail na h-oidhche glè bheothail a’ dol.

Bha an consart spòrsail, a’ taisbeanadh feadhainn de na tàlantan-ciùil as fheàrr ann an Alba. Bha e cudromach cuideachd oir bha e a’ cur Gàidhlig ann am fèisteas àbhaisteach (mainstream entertainment). Bha daoine bho iomadh cultar de gach aois ann, daoine le beagan Gàidhlig is daoine fileanta, daoine le cànanan eile cuideachd, ach bha a’ Ghàidhlig aig a’ chridhe. Le cluicheadairean math, deagh chraic, àite sgoinneil agus daoine a’ bruidhinn na Gàidhlig gu nàdarra, abair thusa gun robh oidhche gu math soirbheachail aig mygaelic.com aig an Fhèis.

Gabh sùil air na bhideos bhon oidhche aig MygaelicTube

AGUS

Gabh sùil air na dealbhan againn:


Maeve,James-focal BW on Maeve.JPG

Banner and Harp - BW.JPG

Band - red light glow.JPG

BarryBanner - cool effect.JPG

Crowd shot&banner.JPG

Fiona FocalBW-red light and speaker.JPG

Banner and Room2.JPG

James - good light-solo.JPG

Hamish and Flute.JPG

James and Maeve colour.JPG

Hamish Dance.JPG

James solo - blue light.JPG

M&J Duet.JPG

James solo colour.JPG

Maeve Solo.JPG

Maeve and James - soundcheck.JPG

Maeve singing and Barry.JPG

Mave B&W

Quartette.JPG

Quiz winners.JPG

Rachel and Clarsach B&W.JPG

Satge ban, harp&mic.JPG

Alba Gu Brath!.JPG

There are no comments on this item.

    Follow us on: