Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

mygaelic.com aig Fèis Taobh Siar Ghlaschu 2009

WEF Header

Fhuair Fèis Taobh Siar Ghlaschu blas den Ghàidhlig am-bliadhna! Chaidh mygaelic.com do Fhèis Taobh Siar Ghlaschu airson a’ chiad tachartas ciùil riamh a chur iad air dòigh a chumail…ann an stoidhle!

Air clàr-ama na h-oidhche bha na seinneadairean Gàidhlig traidiseanta iomraiteach Maeve NicFhionghain agus Seumas Greumach, a chur iongnadh air an luchd-èisteachd leis cho eòlach is a bha iad air na bha iad a’ seinn agus na pìosan iongantach aon-neach agus dithis, le fuaimean co-phàirteach agus stoidhlean teicnigeach. A’ dèanamh compàirt dhaibh bha còmhlan-taighe mygaelic.com air a dhèanamh an-àirde de Sheumas Napier, Raonaid Newton agus Barry Reid.

Bha ruitearan na h-oidhche nam fianaisean air deagh mheasgachadh de dh’òrain Ghàidhlig traidiseanta bho Maeve agus Seumas, agus fuinn Albannach le car ùr annta. Dh’èirich measgachadh mìorbhaileach de fhuaimean clasaigeach bho chlàrsach dhealain, meur-chlàr, fìdeag, cuislean agus giotar bho na Gàidheil agus binneas fionnaraichte caran coltach ri jazz a chuireadh na casan a’ dol is na cinn a’ bogadh. Bhiodh e air a bhith na dhùbhlan do dhuine sam bith a bha ag èisteachd a chumail socair nan cathraichean gun a bhith a’ dannsadh. A’ cur ris an fhair-shuidheachadh a bha beothachail mar-thà air an oidhche bha ceathrar nighnean òga às an Eaglais Bhreac; sheinn Mòrag Dunn, Amanda Sim, Raonaid Deans agus Emma Deans Acappella ann an co-fhuaimneachd a’ dèanamh measgachadh de ghuthan binn a lìon taigh-grèine Bar Brell, Caol-shràid Ashton, bho bhalla-gu-uinneag. Bha am binneas tiamhaidh mar iomsgaradh air na ruithimean beothail aotrom bho chòmhlan mygaelic.com.

Bha an luchd-amhairc cuideachd fortanach gu leòr blasad de dhannsa-ceum Albannach bho Sheumas Napier fhaicinn, le cuideachadh bho Maeve agus Seumas, a chur an sluagh ag èigheachd le beagan puirt-a-beul ruithimeach. Anns an eadar-ùine, chaidh cuireadh a thoirt do dhaoine pàirt a ghabhail ann an co-fharpais nan ceist aig mygaelic.com le cothrom camara didseatach agus inneal MP3 a bhuannachadh cho math ri iomadh duais mhath eile. Is mòran a’ gabhail pàirt, thàinig cùisean gu crìoch le ceist a-bharrachd (tòisich ceòl dràmatach!). Mu dheireadh thall, bhuilich mygaelic.com dà phoca dhuaisean air na buannaichean fortanach, Fiona NicAonghais agus Cailean Masterton. Bha deagh fhaireachdainn na h-oidhche air a stiùireadh le bean-an-taighe, Fiona Dunn.

Chan e a-mhàin gun robh an cuirm fhèin air leth spòrsail, a’ taisbeanadh feadhainn de na tàlantan-ciùil as fheàrr à Alba, ach cuideachd bha e na phàirt mòr ann a bhith a’ toirt na Gàidhlig a-steach gu fèisteas a’ mhòr-chuid. Le luchd-amhairc ioma-chultarail de gach aois is de gach ìre de fhileanatachd anns a’ Ghàidhlig agus, gu dearbh, cànanan cèin cuideachd, bha a’ Ghàidhlig aig cridhe chùisean. Le sàr chluicheadairean, deagh chraic, àite air leth agus fuaim binn na Gàidhlig ga bruidhinn gu socair, b’ ann ann an da-rìreabh is a bha mygaelic.com a’ soirbheachadh aig Fèis Taobh Siar Ghlaschu 2009.

Bhideos aig MygaelicTube

AGUS

Gabh sùil air na dealbhan againn:


Maeve,James-focal BW on Maeve.JPG

Banner and Harp - BW.JPG

Band - red light glow.JPG

BarryBanner - cool effect.JPG

Crowd shot&banner.JPG

Fiona FocalBW-red light and speaker.JPG

Banner and Room2.JPG

James - good light-solo.JPG

Hamish and Flute.JPG

James and Maeve colour.JPG

Hamish Dance.JPG

James solo - blue light.JPG

M&J Duet.JPG

James solo colour.JPG

Maeve Solo.JPG

Maeve and James - soundcheck.JPG

Maeve singing and Barry.JPG

Mave B&W

Quartette.JPG

Quiz winners.JPG

Rachel and Clarsach B&W.JPG

Satge ban, harp&mic.JPG

Alba Gu Brath!.JPG

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: