Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Invalid Content.

‘Deagh Dheis Aodaich’ (A Good Suit of clothes). Le Fiona NicCoinnich agus Irvin Duguid, air fhoillseachadh (released) le Greentrax Recordings Ear. agus MacDug Music Ear.

Tha Fiona NicCoinnich (Fiona Mackenzie) agus Irvin Duguid air tighinn còmhla bho chionn ghoirid (recently), ’s iad a’ cur air bhog (releasing) a’ chompanaidh foillseachaidh (publishing company) aca fhèin, MacDug Music Ear. Le Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh (Year of the Homecoming) ann an 2009 tha Fiona agus Irvin ann an deagh àm (good time) airson cultar agus Dualchas (heritage) na h-Alba a chomharrachadh. Tha Fiona agus Irvin air clàr (CD) ùr fhoillseachadh(released), ‘Deagh Dheis Aodaich’ – òrain eilthireachd (songs of the emigrant). Bha an clàr a chur air bhog (launched) anns an Ògmhios 2009, air The Tall Ship, air Abhainn Chluaidh (the River Clyde) ann an Glaschu. Bha mygaelic.com ann agus seo a’ bharail (opinion) a bha againn...


Tha e inntinneach (interesting) a bhith a’ dol air bòrd an Tall Ship (’s d’ fheuch tadhal oirre co-dhiù). Cho luath ’s a thèid thu sìos an staidhre (stairs), tha thu air do chòmhdachadh (emerged) ann an Eachdraidh(history). Nach math gun robh biadh gu leòr mur coinneamh (in front of us) agus champagne (ann an deigh - on ice) air muin cuid dhe na seann bharailtean (old barrels). Ged a bha an luchd-èisteachd (audience) air an deagh choimhead às an dèidh (well looked after) le biadh agus deoch an asgaidh (free), suidheachain cofhurtail (comfy seats) agus àite air leth cha robh air an àrd-ùrlar (stage) ach microfòn agus meur-chlàr (keyboard). Fhad ’s a bha a’ chuirm (performance) a’ dol air adhart thàinig e am follais (became clear) carson a bha am bàta seo air a taghadh (chosen) – bha ceangal (link) eadar an Tall Ship agus eilthireachd nan Gàidheal (emigrant Gael). Bha feadhainn dhe na daoine mu an robh Fiona a’ seinn air fàgail bho Abhainn Chluaidh ’s iad a’ falbh bho Fhuadach nan Gàidheal, ’s iad air an cur às an taighean gu àiteachan leithid Canada agus na Stàitean Aonaichte.

Lìon guth (voice) Fiona am bàta agus bha ceòl-taic (accompaniment) Irvin a’ cur gu brèagha ris na h-òrain. Bha na h-òran shìmplidh a’ nochdadh nam faireachdainnean (feelings) a bha aig daoine a dh’fhalbh gun mòran aca – rinn Fiona agus Irvin an aon rud air an oidhche. Cha robh feum air dreach sam bith (no fancy set-up was needed) bhon a bha na h-òrain làidir gu leòr. Thug an Fiona agus Irvin dhuinn blasad (taster) de 4 òrain bhon chlàr a chaidh fhoillseachadh air Greentrax Recordings Ear.; ‘Dèan Cadalan Sàmhach’(Sleep Quietly), ‘Tha thu Beò nam Anamsa’(You are Alive in my Soul), ‘O Mo Dhùthaich’ (Oh my Country) agus ‘Dùthaich nan Craobh’(Land of Trees). B’ e taghadh (choice) uabhasach math a bha seo airson na h-oidhche, agus bha an luchd-èisteachd (audience) ag iarraidh barrachd (more) a chluinntinn. Bha feum aig mygaelic.com air an clàr seo fhaighinn.

Chan eil an clàr seo direach a’ daingneachadh (just confirming) an tàlant aig Fiona agus Irvin, ach tha e cuideachd a’ taisbeanadh (demonstrating) tàlant ciùil (musical talent) eile . Air a’ chlàr (CD) tha Màiri Anna Nicualraig (Mary Ann Kenedy), Darren Mac ’Illeathain (Darren MacLean), Sìneag Nic an t-Saoir(Sineag Macintyre), Cathy Ann Nic a’ Phì (Cathy Ann MacPhee), Anna Massie, Fraser Fifield agus iomadach (lots) neach-ciùil math eile. Tha an luchd-ciùil (performers) na h-òrain mhatha agus an ùidh (passion) a tha aig Fiona ann an Gàidhlig a’ tighinn còmhla gus clàr air a bheil 12 òran a chruthachadh (put together).

Tha na h-òrain air a’ chlàr a’ toirt luaidh (pays homage) air an daoine a dh’fhàg Alba ’s iad a’ falbh gus beatha (life) ùr a dhèanamh dhaibh fhèin ann an 18mh, 19mh agus anns an 20mh lìnn (century). Tha feadhainn dhe na h-òrain sunndach (sad) agus tha feadhainn eile tùrsach (happy), ach tha iad uile breàgha (beautiful). Tha an t-seinn làidir agus tha an ceòl-taic (accompaniment) a’ cur gu mòr ris na guthan. ’S iad na faclan (words) a tha cudromach (important) agus gun faireachdainn (feeling), bhiodh na h-òrain air tòrr dhen ciall (meaning) air chall (lost). Ach, chan e sin dhan chlàr seo. Tha tuigse (understanding) aig Fiona air na h-òrain agus bhiodh na h-eilthirich moiteil (the emigrants would be proud) dhen chlàr seo. Tha an clàr a’ toirt guth dhaibhsan (those) a b’ fheudar Alba fhàgail agus ann am Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh (Year of the Homecoming), tha e cudromach (important) aithne (recognition) a thoirt dha na guthan seo agus gus ceangal a dhèanamh (to make links) ri ar caraidean (friends) agus ar chàirdean (family) thall-thairis (abroad). Tha an clàr seo, ‘Deagh Dheis Aodaich’ ag innse sgeulachdan (stories) nan Gàidheal agus tha e a’ taisbeanadh (porteying) nam faireachdainnean aig na daoine a dh’fhàg.

Beachd mygaelic.com: Feumaidh dhan h-uile duine aig a bheil ùidh ann an Eachdraidh (history) na h-Alba agus ann an deagh cheòl ‘Deagh Dheis Aodaich’ a cheannaich (buy). Tha e loma làn eachdraidh agus tàlant.


An dèidh na cuirm (performance) bhruidhinn mygaelic.com ri dithis a bha anns an luchd-èisteachd (audience):

Thuirt G. Macready - (chan eil facal Gàidhlig aige, à Port Ghlaschu): “’S e cuirm (gig) air leth a bha siud; b’ e an t-òran à Uibhist [Oh mo Dhùthaich] a b’ fheàrr a chòrd rium fhìn. Chan eil dad a dh’fhios agam dè bha i ag ràdh ach ge brith dè bha i ag ràdh bha i a’ cur faireachdainn ann. Sònraichte (stunning).”

Ms Brough - (Glaschu) – “Chan eil mòran Gàidhlig agamsa, ach chan fheum thu, gus tuigse fhaighinn air deagh cheòl. Nach ann aice a tha an guth! Thug Fiona fiosrachadh mu na h-òrain mus do sheinn i iad agus bha an ceòl-taic air leth math. Deagh àite, deagh chuirm agus deagh champagne! Agus nach eil fhios gun do cheannaich (bought) mi an clàr.”

There are no comments on this item.

    Follow us on: