Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Fèis Ceilteach Innse Gall 09!

Heb Celt pic

Tha an fhèis shònraichte seo math fhèin agus cha dhìochuimhnich thu i, mura gabh tè no dhà a bharrachd (cuimhnich, na gabh cus deoch-làidir)! Le measgachadh de dhaoine bhon àite agus luchd-tadhail tha fìor dheagh fhaireachdainn aig an fhèis.


AN T-SEACHDAIN SEO...La Bottine Souriante, Karen NicMhathain, Còmhlan Blàr Dùghlas, The Wilders, Box Club, Còmhlan Michael McGoldrick, Face the West, Garry Innes agus Ewan Robertson, The Ploughboys, Sharon Shannon, agus Sìneag Nic an t-Saoir (ceangal) + barrachd! Chan eil mòran fhèisean anns an t-saoghal a bheir seachad farsaingeachd cho mòr de luchd-ciùil. ’S e ainmean mòra a tha seo ann an saoghal a’ chiùil dhualchasaich agus cheiltich, agus tha iad uile airidh air am faicinn. Chan eil ach aon fhèis far am faighear luchd-ciùil cho math seo ann an àite sam bith as t-samhradh….Fèis Ceilteach Innse Gall!

Karen Matheson

Bidh na seallaidhean brèagha ann an Leòdhas a’ cur gu mòr ris a’ cheòl cuideachd. Tha an fhèis shònraichte seo math fhèin agus cha dhìochuimhnich thu i, mura gabh tè no dhà a bharrachd (cuimhnich, na gabh cus deoch-làidir)! Le measgachadh de dhaoine bhon àite agus luchd-tadhail tha fìor dheagh fhaireachdainn aig an fhèis.

Bidh cothrom aig an fheadhainn a bhios aig an fhèis iomadach cuirm fhaicinn ann an iomadach àite. Bidh na làithean làn thachartasan agus bidh gu leòr ri fhaicinn anns an eilean fhèin ma tha miann aig duine beagan a bharrachd fhaicinn. Bidh gu leòr a’ dol air adhart air na h-oidhcheannan cuideachd aig an Fhèis Cheilteach! A h-uile oidhche, bidh cothrom aig daoine a dhol gu Club na Fèise a bhios anns An Lanntair bho 11 a dh’oidhche. Seo an t-àite dhutsa ma chàill tha dad tron latha!

Lewis castle college

Tha Gàidhlig na pàirt mhòr de Fhèis Cheilteach Innse Gall agus tha mòran dhen luchd-ciùil fileanta agus cliùteach ann an saoghal ceòl Ceilteach agus ann an saoghal na Gàidhlig. Faodaidh tu a’ chànan àlainn seo a chluinntinn air a seinn le feadhainn dhe na seinneadairean as fheàrr agus feuch am bruidhinn thu a’ Ghàidhlig mas urrainn dhut! Cluinn Gàidhlig nàdarrach agus faodaidh beagan spòrs a bhith agad le muinntir an àite cuideachd.

Stornoway

Ma tha thu air a bhith ann, no am beachd a dhol gu Fèis Ceilteach Innse gall, feuch gun innis thu dhuinn! Fàg beachd gu h-iseal agus innis dhuinn dè shaoil thu dhen fhèis, dhen àite, dhen cheòl, dhen chànan agus rud sam bith eile!


  • My first time in Lewis. posted by gary_stiubhart

    We travelled from Somerset, England.

    What a week! What a festival! What a place!

    As a semi-skilled musician/semi-fluent gaelic speaker, it was inspirational!

Follow us on: