Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Fèis Ceilteach Innse Gall 09! Hebridean Celtic Festival 09!

Heb Celt pic

Tha an fhèis shònraichte (amazing) seo math fhèin agus cha dhiochuimhnich (forget) thu i, mura gabh tè no dhà a bharrachd (one too many) (cuimhnich (remember), na gabh cus deoch-làidir)! Le measgachadh de dhaoine bhon àite agus luchd-tadhail (visitors) tha fìor dheagh fhaireachdainn (atmosphere) aig an fhèis.


AN T-SEACHDAIN SEO...La Bottine Souriante, Còmhlan Karen NicMhathain, Blàr Dùghlas, The Wilders, Box Club, Còmhlan Michael McGoldrick, Face the West, Garry Innes agus Ewan Robertson, The Ploughboys, Còmhlan Sharon Shannon, agus Sìneag Nic an t-Saoir + barrachd (more)! Chan eil mòran fhèisean anns an t-saoghal a bheir seachad farsaingeachd (variety) cho mòr de luchd-ciùil. ’S e ainmean mòra a tha seo ann an saoghal a’ chiùil, agus tha iad uile airidh air am faicinn (they are all a must see). Chan eil ach aon fhèis far am faighear luchd-ciùil cho math seo ann an àite sam bith as t-samhradh….Fèis Ceilteach Innse Gall!

Karen Matheson

Bidh na seallaidhean breagha (beautiful views) ann an Leòdhas a’ cur gu mòr ris a’ cheòl cuideachd. Tha an fhèis shònraichte (amazing) seo math fhèin agus cha dhiochuimhnich (forget) thu i, mura gabh tè no dhà a bharrachd (one too many) (cuimhnich (remember), na gabh cus deoch-làidir)! Le measgachadh de dhaoine bhon àite agus luchd-tadhail (visitors) tha fìor dheagh fhaireachdainn (atmosphere) aig an fhèis.

Lewis castle college

Bidh cothrom aig an fheadhainn (those) a bhios aig an fhèis iomadach (many) cuirm fhaicinn ann an iomadach àite. Bidh na làithean làn thachartasan agus bidh gu leòr ri fhaicinn anns an eilean fhèin ma tha miann (urge) aig duine beagan a bharrachd fhaicinn. Bidh gu leòr a’ dol air adhart air na h-oidhcheannan cuideachd aig an Fhèis Cheilteach! A h-uile oidhche, bidh cothrom aig daoine a dhol gu Club na Fèise a bhios anns An Lanntair bho 11 a dh’oidhche. Seo an t-àite dhutsa ma chàill tha dad tron latha!

Tha Gàidhlig na pàirt mhòr de Fhèis Cheilteach Innse Gall agus tha mòran dhen luchd-ciùil fileanta agus cliùteach (well-known) ann an saoghal ceòl Ceilteach agus ann an saoghal na Gàidhlig. Faodaidh tu a’ chànan àlainn (beautiful) seo a chluinntinn air a seinn le feadhainn dhe na seinneadairean as fheàrr agus feuch am bruidhinn thu a’ Ghàidhlig mas urrainn dhut! Cluinn Gàidhlig nàdarrach (natural) agus faodaidh beagan spòrs a bhith agad le muinntir (crowd) an àite cuideachd.

Stornoway

Ma tha thu air a bhith ann, no am beachd a dhol gu Fèis Ceilteach Innse gall, feuch gun innis thu dhuinn! Fàg beachd gu h-iseal (below) agus innis dhuinn dè shaoil thu dhen fhèis, dhen àite, dhen cheòl, dhen chànan agus rud sam bith eile!


  • My first time in Lewis. posted by gary_stiubhart

    We travelled from Somerset, England.

    What a week! What a festival! What a place!

    As a semi-skilled musician/semi-fluent gaelic speaker, it was inspirational!

Follow us on: