Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

  • BeurlaEnglish
  • Simple GaelicSimple Gaelic
  • GàidhligGaelic

Òraid Barack Obama

le Niall58

Eadar-theangachadh de dh'Òraid Barack Obama le Niall Gòrdan.

A Gaelic translation of barack Obama's Speech by Niall Gòrdan.

Òraid Barack Obama

Ma tha duine a-muigh an-sin aig a bheil teagamh fòs gur àite Aimeireaga far an gabh a h-uile rud a dhèanamh, agus a tha a’ smaointinn a bheil aisling ar n-athraichean fòs beò nar linne, agus aig a bheil ceistean mu chumhachd ar deamocrasaidh, ‘s e a-nochd ur freagairt.

‘S e am freagairt sin na sreathan de dhaoine a shìn mun cuairt sgoiltean agus eaglaisean, uiread ‘s nach fhacas riamh roimhe san nàisean seo; daoine a bha a’ feitheamh fad trì neo ceithir a dh’ uairean, cuid dhiubh airson a’ chiad uair nam beatha, o chionn ‘s gun do chreid iad gum biodh cùisean eadardhealaichte an turas seo, ‘s gur e an guth fhèin a dhèanadh an t-eadardhealachadh sin.

Freagairt a thug sean is òg, bochd is beairteach, Deamocrat is Poblach, dubh is geal, Latíneach, Aisianach, Tùsanach Aimeireaganach, homoghnèithseach, gnèithseach, ciùrramach agus neo-chiùrramach – Aimeireaganaich a thug brath dhan an t-saoghal nach robh sinn riamh mar chruinneachadh de Stàitean Dearga is Gorma: gur e a tha annainn, an ceartuair agus gu dìlinn, ach Stàitean Aonaichte Aimeireaga.

Freagairt a dh’ fhàg an fheadhainn sin - a chaidh innse le uiread dhaoine fad uidhear ùine a bhith amharasach agus làn eagail, teagmhach mu dheidhinn nas urrainn dhuinn dèanamh – a’ dèanamh oidhirp an làmh fhèin a chur air arc na h-eachdraidh agus a lùbadh ‘s a cumadh aon uair eile a dh’ ionnsaigh latha ùr an dòchais.

Cha b’ ann an dè no an diugh a bha còir aige tachairt, ach a-nochd, ri linn ‘s na rinn sinne ar an latha seo, tha atharrachadh air tighinn air Aimeireaga.

Fhuair mi glaodh-fòin fìor urramach an dràsta fhèin o Seanatar Mac Cadhain. Rinn esan mòran saothrach fada cruaidh san iomairt seo, agus eadhan tòrr a bharrachd sabaid is strì air sgàth tìr a ghràidh. Rinn e ìobairt air tàillibh Aimeireaga, ìobairt nach saoileadh a’ mhòr-chuid againn idir, agus is mòr is fheàirrde sinn an t-seirbhis a rinn an ceannaire treun seo nach do smaoinich air fhèin a-riamh. Tha mi a’ dèanamh gàirdeachais leis agus leis an Gobharnar Palin a thaobh na thug iad gu buil, agus nì mi fiùghair ri bhith ag obair cuide riutha gus gealltanas na nàisein seo a choimhlionadh sna mìosan a tha romhainn.

Bu toil leam taing a thoirt do mo cho-obraiche san obair seo, fear a rinn iomairt bhon a’chridhe agus a thog a ghuth air sgàth nam fear ‘s nam bàn sin a dh’ fhàs e suas leotha air sràidean Scranton agus a thill dhachaidh còmhla riutha air an trèan sin gu Delaware – Leas-uachdaran taghte nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden.

Cha bhithinn nam sheasamh an-seo a-nochd gun làn-thaic a’ charaid a b’ fheàrr a bh’ agam fad nan sia bliadhnaichean deug a chaidh seachad, carraig dhaingean ar teaghlaich agus gaol mo bheatha, an ath thè a bhios mar Bhean-Uachdarain ar nàisein, Michelle Obama. A Sasha agus a Malia, tha gaol mòr agam oirbh le chèile, agus is math a thoill sibh an cuilean ùr a tha a’ tighinn cuide rinn chun an Taigh Ghil. Agus ged nach eil i againn tuilleadh, tha fios agam gu bheil mo sheanmhair a’ cumail sùil oirnn, mar a tha an teaghlach a dh’ fhàg mi mar a tha mi. Tha mi gan ionndrainn a-nochd, agus tha fios agam gu bheil mi gu mòr nan comain.

Do mo mhanaidsear-iomairt David Plouffe, mo phrìomh-innleachdair David Axelrod, agus dhan sgioba-iomairt a b’ fheàrr a chuireadh ri chèile riamh ann an eachdraidh poilitigs – ‘s e sibhse a thug seo gu buil, agus bidh mi nur comain gu dìlinn air sgàth na h-ìobairt a rinn sibh gus a dhèanamh.

Cha b’ e mise a’ chiad duine a shaoileadh a bhiodh freagarrach dhan obair seo. Cha robh mòran airgid neo cliù againn an toiseach. Cha deach ar n-iomairt a chur ri chèile ann an tallaichean Washington – thòisich i ann an cùil Des Moines agus seòmraichean-suidhe Concord agus beul dorsan Charleston.

Chaidh a togail le daoine cumanta a thug seachad na bh’aca sa bhanca – còig neo deich neo fichead dolar – gus an iomairt seo a thòiseachadh. Tharraing i a neart on òigridh a dhiùlt gabhail ris a’ bhreug gun robh an ginealach fhèin coma-co-dhiù; o dhaoine a dh’ fhàg an dachaidhean ‘s an teaghlaichean airson obraichean a thug dhaibh glè bheag de phàigheadh agus nas lugha de chadal; o dhaoine rud beag nas sine a chuir aghaidh ri fuachd uamhasach agus teas cianail gus gnogadh air doras an fhìor choigrich; o na millionan de dh’ Aimeireaganaich a rinn obair gu saor-thoileach, a chuir cùisean air dòigh agus a dhearbhaich gun robh – dà linn an dèidh làimh – Riaghaltas nan Daoine air uachdar an talmhainn. Seo bhur buaidh.

Tuigidh mi nach d’ rinn sibh seo dìreach gus taghadh a bhuannachadh, neo air mo shon-sa. Rinn sibh e o chionn ‘s gun tuig sibh cho mòr is cho doirbh is a tha an obair a tha romhainn. Oir eadhan ged a tha sinn a’ dèanamh ceilearadh a-nochd, tha fios againn gum bi na dùbhlain is motha nar beatha riamh ann an dàn dhuinn a-màireach – dà chogadh, domhan air èiginn, agus an cruaidh-chàs as miosa fad linne nar n-eaconamaidh. Eadhan ged a sheasas sinn an seo a-nochd, tha fios againn gu bheil Aimeireaganaich treuna a’ dùsgadh ann am fàsaichean Iraq agus ann am beanntan Afghanistan, a’ cur am beatha fhèin ann an cunnart dhuinn. Tha pàrantan a bhios gun chadal an dèidh dhaibh am pàisdean a chur san leabaidh a’ smaoineachadh mu ciamar a thèid aca air a’ mhortgage neo cunntas an dotair a phàigheadh, neo airgead a chur mu seach mu choinneimh colaiste air choreigin. Tha neart nuadh againn ri chleachdadh agus obraichean ùra rin cruthachadh; sgoiltean ùra rin togail, bagairtean rin smachdachadh agus caidreachas a chailleadh ri dùthchannan eile a fhaighinn air ais.

Tha rathad fada agus dìreadh cas romhainn. Cha ruig sinn ceann-uidhe taobh a-staigh bliadhna neo eadhan aon tèarma, ach muinntir Aimeireagaidh – cha robh mi riamh roimhe cho dòchasach ‘s a tha mi a-nochd gun ruig. Mo ghealladh dhuibhse – mar shluagh, ruigidh sinn ar ceann-uidhe.

Thèid rudan ceàrr. Chan aontaich a h-uile duine leis a h-uile codhùnadh neo polasaidh a nì mi mar Uachdaran, agus tha fios againn nach fuasgail riaghaltas a h-uile duiligheadas. Ach bidh mise daonnan onoireach dhuibh mu na dùbhlain a bhios romhainn. Èisdidh mi ribh, gu h-àraid nuair nach aontaich sinn ri chèile. Agus os cionn a h-uile rud, bheir mi dhuibh cuireadh a thighinn cuide rinn nar n-obair gus an nàisean seo ath-thogail san aon dòigh a rinn sinn sna 221 bliadhna mu dheireadh – mean air mhean, le obair chruaidh is làmhan goirt.

An rud a thòisich o chionn mìos thar fhichead ri doimhneachd geamhraidh, chan fhaod e tighinn gu crìch air an oidhche fhoghair seo. Chan e dìreach a’ bhuaidh seo an t-atharrachadh a tha bhuainn – chan eil ann ach cothrom atharrachadh. Agus cha tachair sin ma bhios sinn mar a bha. Cha tachair e às ur n-aonais.

Mar sin, biodh againn spiorad ùr an tìreachais, na seirbhis agus an dleasdanais far am bi gach duine againn ag obair nas cruaidhe gus coimhead an dèidh chan e dìreach sinn fhèin ach gach a chèile. Cuimhnicheamaid gun do dh’ ionnsaich sinn leasan on chruaidh-chàs eacanomach seo – ‘s e sin, nach bi Wall Street soirbheachail fhad ‘s a bhios Main Street a’ call a-mach – san dùthaich seo, bidh sinn ag èirigh neo a’ tuiteam mar aon nàisean; mar aon shluagh.

Na tilleamaid gu claonadh aon taoibh a-mhàin, neo gu suarachas agus gòraicheas, na rudan a bha nam plàigh air ar poilitigs o chionn fhada. Cuimhnicheamaid gur e duine às an stàit seo a ghiùlain an toiseach bratach a’ Phàrtaidh Phoblachdail gu ruige an Taigh Geal – pàrtaidh a chaidh a chur le chèile air bhonn fèin-earbsachd, saorsa aon-neach agus aonachd nàiseanta. ‘S iad sin na rudan a tha sinn uile a’ cur luach annda, agus ged a tha am Pàrtaidh Deamocratach air buaidh mhòr a bhuannachadh a-nochd, tha sinn a’ dèanamh sin le tomhas de dh’ irioslachd agus le rùn làidir gum faigh sinn cuidhteas nan sgaraidhean a chuir moill air ar n-adhartas. Mar a thuirt Lincoln agus e a’ bruidhinn ri nàisean a bha fada na bu sgaraichte na sinne, “Cha nàimhdean sinn, ach caraidean... is dòcha gun robh ar dealas car làidir, ach cha bu chòir dha bannan ar bàidh le chèile a bhith air am briseadh.” Agus ris na h-Aimeireaganaich sin nach do choisinn mi taic bhuapa fhathast, canaidh mi seo – is dòcha nach d’ fhuair mi bhur bhòt, ach tha mi ag èisdeachd ri ur guthan, tha mi feumach air ur cuideachadh, agus bidh mi mar Uachdaran dhuibhse cuideachd.

Agus ris a h-uile duine a tha a’ coimhead a-nochd o àiteachan fad às, o phàrlamaidean is o lùchairtean gu ruige iadsan a tha an cuideachd a chèile ag èisdeachd ris an radio ann an sgìrean iomallach ar saoghail, canaidh mi seo – ged a tha sinn air leth nar tìr, ‘s ann a tha na bhios an dàn a’ buintinn rinn uile, agus tha là ùr gu bhith aig dòigh-riaghlaidh is ceannas Aimeireagaidh. Riuthasan a rinneadh sgrios air an t-saoghal seo – canaimse, bheir sinn buaidh oirbh. Riuthasan a tha ag iarraidh sìth is sàbhailteachd – tha sinn a’ toirt taic dhuibh. Agus ris a h-uile duine a bha a’ smaointinn a bheil lòchran Aimeireagaidh fòs a’ deàlradh cho soilleir ‘s a bhiodh – a-nochd dhearbh sinn aon uair eile nach ann à cumhachd ar n-airm neo meud ar saoibhris a thig fìor neart ar nàisein, ach à dìleab maireannach làidir ar luachan: deamocrasaidh, saorsa, cothrom agus dòchas nach gèill.

Oir is e sin fìor mhèin Aimearagaidh – gun urrainn dhuinn atharrachadh. Gabhaidh ar n-aonachd a dhèanamh coimhlionta. Agus bheir na thug sinn gu buil mar tha dòchas dhuinn a thaobh na bheir sinn a-mach a-màireach.

Ri linn an taghaidh seo thachair iomadh rud airson a’ chiad uair agus bidh sgeulachdan a’ dol fad linntean mu dheidhinn. Ach tha aon sgeul air m’ inntinn a-nochd – sgeul boireannach a chaith a bhòt ann an Atlanta. Tha ise coltach ris na millionan eile a sheas suas gus an cluinnteadh a guth san taghadh seo, seachas aon rud – tha Ann Nixon Cooper 106 bliadhna dh’ aois.

Rugadh i aig àm san robh an tràilleachd dìreach air a dhol seachad san linn roimpe; àm nach robh càraichean air an rathad neo itealain san adhar; àm nach robh e ceadaichte do leithid Ann bhòt a chaitheamh air sgàth dà adhbhar – i bhith na boireannach agus ri linn dath a craicinn.

Agus a-nochd, tha mi a’ smaointinn mu dheidhinn a h-uile rud a chunnaic i na linn fhèin ann an Aimeireaga – eu-dòchas agus dòchas; cruaidh-chàs agus adhartas; amannan a chaidh innse dhuinn nach urrainn dhuinn; agus na daoine a chum orra leis a’ chreideamh Aimeireaganach sin: Is urrainn dhuinn.

Aig àm a bha boireannaich air an cumail sàmhach agus gun dòchas, ràinig ise là sa bheil iad a’ seasamh suas agus a’ bruidhinn a-mach agus a’ caitheamh bhòta. Is urrainn dhuinn.

Nuair a bha eu-dòchas agus crìonadh air feadh na dùthcha, chunnaic ise nàisean a thug buaidh air an eagal fhèin le Cùmhnant Ùr, obraichean ùra agus macmeanmna ùr a-measg an t-sluaigh. Is urrainn dhuinn.

Nuair a thuit na bomaichean air ar n-acarsaid agus rinn an-bhruid bagairt air an domhain, chunnaic ise ginealach a dh’ èirich gu mòrachd agus deamocrasaidh a chaidh a shàbhaladh. Is urrainn dhuinn.

Chunnaic i na busaichean ann am Montgomery, na taighean ann am Birmingham, drochaid ann an Selma, agus searmanaiche às Atlanta a thuirt ri sluagh: Bheir Sinn Buaidh”. Is urrainn dhuinn.

Sheas fear air a’ ghealaich, thuit balla ann am Berlin, chaidh saoghal a cheangal le chèile le ar n-eòlas agus ar macmeanmna fhèin. Agus am bliadhna, chuir ise corrag air clàr-amhairc, agus bhòt i, o chionn ‘s gu bheil fios aice, an dèidh 106 bliadhna dhe bhith ann an Aimeireaga, ri deagh-uair agus droch-uair, ciamar is urrainn do dh’ Aimeireaga atharrachadh. Is urrainn dhuinn.

Muinntir Aimeireagaidh, thàinig sinn astar mòr. Chunnaic sinn an t-uamhas. Ach tha tòrr a bharrachd ri dhèanamh. Mar sin, faighnicheamaid dhinn fhèin a-nochd – ma bhios ar clann beò san ath linn; ma bhios de dh’ àgh air ar nigheanan fuireach beò cho fada ri Ann Nixon Cooper, dè na h-atharraichean a chì iad? Dèn t-adhartas a bhios sinn air a dhèanamh?

Seo ar cothrom a’ ghairm sin a fhreagairt. Seo an t-àm againn. Seo ar linn – gus daoine a chur ag obair a-rithist agus dorsan a’ chothroim fhosgladh dhar pàisdean; gus piseach a thoirt air ais agus sìth a chur air adhart; gus Aisling Aimeireagaidh a dhùsgadh às ùr agus an fhìrinn bhunaiteach sin ath-dhaingeachadh – ‘s e sin, ged is lìonmhor sinn, is mar aon sinn; gu bheil sinn beò san dòchas; gum bi sinn ag ràdh, nuair a thig nar còir neo-chreideas is teagamh, is daoine a their rinn nach urrainn dhuinn, leis a’ chreideamh aosta sin a tha a’ cur an cèill spiorad sluaigh:

Is Urrainn Dhuinn. Tapadh libh uile, gum beannaicheadh Dia sibh, agus gum beannaicheadh an Tighearna Stàitean Aonaichte Aimeireagaidh.

© Niall Gòrdan (a’ Ghàidhlig) 28.3.2009

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: