Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Eachdraidh

Mar a tha fhios againn uile, ’s e cànan Ceilteach a th’ ann an Gàidhlig a tha dlùth cheangailte ri Gàidhlig na h-Èireann. B’ àbhaist daoine gabhail ris gun tàinig Gàidhlig a dh’Alba timcheall air a’ 5mh linn AD, nuair a thòisich Èireannaich bho Uladh a’ tuineachadh air cost an iar na h-Alba. Ach a-nis tha cuid a sgoilearan a’ cumail a-mach gu robh seann Ghàidhlig (cànan Q-Ceilteach) ga bruidhinn ann an taobh siar na h-Alba, san sgìre ris an canar Earra-Ghàidheal an-diugh, fada ron àm seo, ged a bhathar a’ bruidhinn cànan P-Ceilteach ann an ceàrnaidhean eile de Bhreatainn.

Aon rud a tha fìor, ’s e Ceiltich a th’ anns na Gàidheil a thaobh a’ chànain aca. Tha sin gar ceangal ri sluagh a chuir eagal am beatha air na Ròmanaich agus na Greugaich aig aon àm, agus aig an robh cultar brìoghmhor agus buadhmhor a sgaoil gu caochladh cheàrnaidhean anns an Roinn Eòrpa. Agus ged a chrìon an t-sìobhaltachd shaibhir seo air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, dh’fhuirich e tro chànan agus dualchas ann am Breatainn agus Èirinn, agus taobh iar-thuath na Frainge. An-diugh tha sia cànanan Ceilteach fhathast gam bruidhinn: Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn (cànanan Q-Ceilteach); agus Cuimris, Breton agus Còrnais (cànanan P-Ceilteach). Thug na Ceiltich agus na Gàidheil buaidh mhòr air eachdraidh Bhreatainn agus eachdraidh an t-saoghail, agus tha sin a’ tachairt fhathast.

Soillseachadh san Dorchadas

B’e Crìosdaidhean Ceilteach ann an Gaul a’ chiad fheadhainn a lean beatha an aonaranaich chràbhaidh ann an taobh siar na Roinn Eòrpa tràth san 4mh linn AD a rèir coltais, agus nuair a sgaoil Crìosdaidheachd gu Èirinn losgadh lasair shoilleir a chuir gu mòr ri soillseachadh mòr nam manach san Linn Dhorcha. Dh’ionnsaich na manaich seo ann an Alba, Èirinn agus ri ùine an còrr de Bhreatainn, sgrìobhadh agus chuir iad eòlas air sgrìobhaidhean Greugais is Laideann. Bha daoine iomraiteach mar an Naomh Calum Cille air cheann iomairtean gus an creideamh Crìosdail a sgaoileadh ann am Breatainn, agus leis a’ chreideamh sgaoil iad an cuid foghlaim agus eòlais. Ach b’ e aon de na dìleaban a bu bhòidhche a dh’fhàg iad na h-ìomhaighean brèagha a chithear a’ sgeadachadh nan làmh-sgrìobhainnean Crìosdail aca, agus ’s e Leabhar Cheanannais (no Leabhar Kells) am fear as maisiche dhiubh sin – leabhar a tha cuid a’ cumail a-mach a chaidh a dhèanamh ann an Eilean Idhe, no pàirt dheth co-dhiù. Dè bhiodh air tachairt às aonais nan Gàidheal?

Tighearnas Gàidhlig

B’ e Somerled, no Somhairle, a’ chiad Rìgh Innse Gall às dèidh dha rìoghachd a ghlèidheadh dha fhèin san 12mh linn, a bha cho fada deas ri Eilean Mhanainn agus cho fada tuath ri Rubha Robhanais air costa an iar na h-Alba, agus e os cionn Ghàidheil agus Lochlannaich. Ri ùine thàinig tighearnas Gàidhlig às an rìoghachd seo air an robh ceannas aig sliochd Shomhairle fon ainm Triath nan Eilean. B’ e sinnsirean Raghnaill (aon de na mic aig Somhairle) a bha a riaghladh an tighearnais no rìoghachd seo fo ainm Chlann Dhòmhnaill (mac Raghnaill) aig a’ cheann thall. Airson ùine mhòr b’ e seòrsa de rìoghachd neo-eisimeileach a bha seo, rìoghachd chumhachdach Ghàidhlig aig àm nuair a bha cuibhreann mòr de dh’Alba Gàidhlig. Bha iad san fharsaingeachd dìleas do Rìghrean na h-Alba – bu mhòr an taic a thug Aonghas Òg, Triath nan Eilean, do Raibeart am Brusach mar eisimpleir. Fad linntean fada thug an tighearnas seo dachaigh do ealain agus cultar làidir Gàidhlig, agus tha an dìleab seo fhathast ri faicinn air costa an iar na h-Alba an-diugh. Dè bhiodh air tachairt às aonais nan Gàidheal?

Tìr a’ Gheallaidh

Cho tràth ri 1621 bha na Gàidheil a’ falbh gu Canada air bàtaichean a’ sireadh beatha ùr ann an Tìr a’ Gheallaidh. Mu leth cheud bliadhna às dèidh sin, leis a’ bhuidheann mhalairt ainmeil, An Companaidh Hudson Bay, thuinich Gàidheil eile san dùthaich bhrèagha, chunnartach seo. Ach a dh’aindeoin cunnart sam bith, bha na Gàidheil – agus gu leòr dhiubh a chaidh fhuadachadh bho na dachaighean aca ann an Alba – a’ coimhead air Canada mar thìr thorrach, làn chothroman. Bha buaidh mhòr aig iomadach Gàidheal air eachdraidh na dùthcha seo, agus ainmean àite gu leòr a’ toirt fianais air a’ bhuaidh sin. Thathar den bheachd gu robh mu 200,000 duine ann an Ameireagaidh a Tuath Bhreatannach (British North America) ann an 1850 a’ bruidhinn Gàidhlig, agus tha an cànan fhathast ga bruidhinn ann an ceàrnaidh no dhà de Cheap Bhreatainn an-diugh, ged as ann glè bheag a tha an àireamh de luchd-labhairt an-diugh. Dè bhiodh air tachairt às aonais nan Gàidheal?

Dìleas don Rìgh

Bha ainm riamh aig na Gàidheil mar shaighdearan calma a bha dìleas don Rìgh, agus don Bhanrigh. ’S iomadh turas ann an eachdraidh Alba agus Bhreatainn a b’ iad na Gàidheil fon cinn-chinnidh agus an uair sin sna rèisimeidean Gàidhealach a thug buaidh. Agus nuair a chaidh iarraidh orra a dhol a shabaid a-rithist sa Chogadh Mhòr, b’ ann nan dròbhan a chaidh iad don arm agus don Chabhlach Rìoghail. B’ iomadh Gàidheal a fhuair bàs sna cogaidhean thall thairis ann an arm Bhreatainn. Ach mar a chluinnear sna dàin aca, ged a bha iad ro dheònach iad fhèin a chur ann an cunnart, bha iad gu math mothachail air fulangas agus amaideas nam blàran. Dè bhiodh air tachairt às aonais nan Gàidheal?

Tuilleadh mu eachdraidh nan Gàidheal:

Bòrd na Gàidhlig - Fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig bho Bhòrd na Gàidhlig

Cearcaill na Gàidhlig

Am Baile - Fiosrachadh mu dhualchas agus eachdraidh na Gàidhealtachd, le tòrr fiosrachaidh mun Gàidhlig

Crann Tara - Sùil fharsaing air eachdraidh na Gàidhlig

Alba na Gàidhlig

Save Gaelic - Sùil air eachdraidh nan Gàidheal

VisitScotland - VisitScotland a’ coimhead air eachdraidh na Gàidhlig

Comhairle na Gàidhealtachd - Comhairle na Gàidhealtachd a’ coimhead air eachdraidh na Gàidhlig

Comhairle nan Eilean Siar - Eachdraidh na Gàidhlig

Wikipedia - Wiki a’ coimhead air Gàidhlig agus a h-eachdraidh

Gàidhlig ann an Canada - Fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann an Canada

Follow us on: