Seo na h-òrain:
Teann A Nall
He Mo Leannan
O Teannaibh Dluth is Togaibh Fonn
Eilean an Fhraoich
Eilean mo Ghaoil
Ille Chrubaich
Fhir a Bhata
Rubha na Cudeagan
Balaich an Iasgaich
Am biodh ùidh agadsa ann an Seinn Thu Fhèin? Tha sinne dhen bheachd gum biodh! An seo aig mygaelic.com tha sinn air fad ag ionnsachadh Gàidhlig agus chan eil dòigh nas fheàrr na sin a dhèanamh uaireannan na bhith a’ seinn òran no dhà! ’S e fìor dheagh dhòigh a tha seo air spòrs a bhith agad led chuid Gàidhlig. ’Se fìor dheagh bheachd a bha ann an ‘Seinn Thu Fhèin’.
Seo Carson a tha sinn dhen bheachd gu bheil Seinn Thu Fhèin cho math:
Math do luchd-ionnsachaidh – Ionnsaich Gàidhlig ’s tu a’ seinn nan òran. Tha an DVD air a’ Bheurla a chur an cois na Gàidhlig, agus mar sin gheibh thu fiosrachadh mu Alba agus mun Ghàidhealtachd fhad ’s a tha thu a’ seinn.
A’ brosnachadh na Gàidhlig - ’S e deagh chothrom a tha seo dhan h-uile duine a tha ag iarraidh cànan na h-Alba a bhrosnachadh! Thoir leat e agus seinn na h-òrain ge brith càite an tèid thu agus leig le daoine a chànan as toigh leat a chluinntinn!
Dhan h-uile duine – Chan ann a-mhàin dha na Gàidheil a tha seo – faodaidh duine sam bith na h-òrain air an DVD a sheinn...agus spòrs gu leòr a bhith agad ga dhèanamh!
Air chuairt – Ged a bhiodh tu thairis air a’ mhuir no air rathad – tha Seinn Thu Fhèin na DVD math. Dh’fhaodadh tu a thoirt leat a dh’àite sam bith airson partaidh Ghàidhlig a dhèanamh.
Ionnsaich òrain – Tha an DVD a’ toirt cothrom do dhaoine a’ chiad òran Gàidhlig aca ionnsachadh, no ionnsaich fear no dhà eile.
Math do phàrantan – Cleachd an DVD gus do chuid cloinne a chuideachadh gus piseach a thoirt air an sgilean seinn agus air an cuid Gàidhlig. Dòigh mhath dha na pàrantan barrachd ùidh a ghabhail ann Gàidhlig agus gus spòrs a bhith aca.
Dhuibhse as toigh leibh ceòl – Tha na h-òrain a tha air an DVD gu math ceòlmhor agus breàgha. ’S dòcha nach biodh tu ach ag iarraidh èisteachd ris na h-òrain. ’S e cothrom air leth a tha ann uiread de dh’òrain cèilidh fhaighinn ann an aon àite!
Do dhuine sam bith, airson partaidhean sam bith, do dh’fhileantaich, luchd-ionnsachaidh no duine gun Ghàidhlig sam bith – tha ‘Seinn Thu Fhèin’ math dhan h-uile duine. Feuch e, còrdaidh e riut.
Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn agus gus an DVD a cheannach bruth an seo.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.