Seo na h-òrain:
Teann A Nall (Come, Lets wonder)
He Mo Leannan (Oh my Sweetheart)
O Teannaibh Dluth is Togaibh Fonn (Draw Close And Let Us Sing A Song)
Eilean an Fhraoich (The Heather Isle)
Eilean mo Ghaoil (Island of my Love)
Ille Chrubaich (Hunch-backed Boy)
Fhir a Bhàta (The Boatman)
Rubha na Cudeagan (Fish Promintary)
Balaich an Iasgaich (Lads of the Fishing)
Am biodh ùidh (interest) agad ann an Seinn Thu Fhèin? Tha sinne dhen bheachd gum biodh! An seo aig mygaelic.com tha sinn air fad ag ionnsachadh Gàidhlig agus chan eil dòigh nas fheàrr (no better way) na sin a dhèanamh uaireannan na bhith a’ seinn òran no dhà! ’S e fìor dheagh dhòigh a tha seo air spòrs a bhith agad led chuid Gàidhlig.
Seo carson a tha sinn dhen bheachd gu bheil Seinn Thu Fhèin cho math:
Math do luchd-ionnsachaidh – Ionnsaich Gàidhlig ’s tu a’ seinn nan òran. Tha an DVD air a’ Bheurla a chur an cois na Gàidhlig, agus mar sin gheibh thu fiosrachadh mu Alba agus mun Ghàidhealtachd fhad ’s a tha thu a’ seinn.
A’ brosnachadh na Gàidhlig - ’S e deagh chothrom (opportunity) a tha seo dhan h-uile duine a tha ag iarraidh cànan na h-Alba a bhrosnachadh (promote)! Thoir leat e agus seinn na h-òrain ge brith càite an tèid thu (wherever you go) agus leig le daoine a chànan as toigh leat a chluinntinn!
Dhan h-uile duine – Chan ann a-mhàin (not exclusively to) dha na Gàidheil a tha seo – faodaidh duine sam bith na h-òrain air an DVD a sheinn...agus spòrs gu leòr a bhith agad ga dhèanamh!
Air chuairt – Ged a bhiodh tu thairis air a’ mhuir no air rathad – tha Seinn Thu Fhèin na DVD math. Dh’fhaodadh tu a thoirt leat gu àite sam bith airson partaidh Ghàidhlig a dhèanamh.
Ionnsaich òrain – Tha an DVD a’ toirt cothrom do dhaoine a’ chiad (first) òran Gàidhlig aca ionnsachadh, no ionnsaich fear no dhà eile.
Math do phàrantan – Cleachd an DVD gus do chuid cloinne a chuideachadh gus piseach (help) a thoirt air an sgilean seinn (singing skills) agus air an cuid Gàidhlig. Dòigh mhath dha na pàrantan barrachd ùidh (more interest) a ghabhail ann Gàidhlig agus gus spòrs a bhith aca.
Dhuibhse as toigh leibh ceòl – Tha na h-òrain a tha air an DVD gu math ceòlmhor agus breàgha. ’S dòcha nach biodh tu ach ag iarraidh èisteachd ris na h-òrain. ’S e cothrom air leth a tha ann uiread (so many) de dh’òrain cèilidh fhaighinn ann an aon àite!
Do dhuine sam bith, airson partaidhean sam bith, do dh’fhileantaich, luchd-ionnsachaidh no duine gun Ghàidhlig sam bith – tha ‘Seinn Thu Fhèin’ math dhan h-uile duine. Feuch e, còrdaidh e riut.
Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn agus gus an DVD a cheannaich bruth an seo.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.