Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

mygaelic.com aig An Cruinneachadh (The Gathering)

Faic mar a chaidh dhuinn aig ‘An Cruinneachadh’(The Gathering)...

’S e Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh (Homecoming) an t-ainm a tha air a’ bhliadhna seo 2009 – agus thug seo an cothrom an cruinneachadh as motha a-riamh dhe na cinnidhean (clans) a chumail! Bha ‘An Cruinneachadh’ ann am Pàirc Holyrood agus thug e cothrom dha na cinnidhean tighinn còmhla gus an dualchas Albannach (Scottish heritage) aca a chomharrachadh. Bha buidhnean Gàidhlig eile leithid Bòrd Na Gàidhlig, An Comunn agus Comhairle nan Leabhraichean ann còmhla ri mygaelic.com gus barrachd (more) fios a thoirt do dhaoine mun Ghàidhlig.

mygaelic pannel.JPG

Bha ‘An Cruinneachadh’ air airson dà latha agus bha an t-àite làn tartan, grian gu leòr agus mar a bhiodh dùil ann an Alba, fras (shower of rain) no dhà cuideachd. Bha Disathairne teth agus chaidh mòran a losgadh (burned) leis a’ ghrèin. ’S ann mu dhèidhinn daoine a’ tighinn còmhla a bha ‘An Cruinneachadh’ agus bha fìor choimhearsnachd ann, le daoine a’ còmhradh (discussing) mu dhualchas, cultar agus cànan ri seann eòlaichean agus ri daoine ris nach do choinnich iad riamh roimhe (ever before). Bha sinne ri taobh an àrd-ùrlair (stage) ann an teanta Bhòrd na Gàidhlig, ann am ‘Baile na Gàidhlig’, agus bha sinn fortanach gu leòr feadhainn dhe na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a chluinntinn. A’ seinn bha Criostaìn Cheanadach, Kirsteen NicDòmhnaill, Calum Màrtainn, Darren Mac ’IllEathain, Art Mac Carmaig agus mòran eile cuideachd. Thadhail am Prionnsa Teàrlach fhèin air an teanta agus an taisbeanadh (display) air seann shaoghal na Gàidhlig agus air a’ Ghàidhlig anns an latha an-diugh. Bha Gàidhlig cuideachd air an àrd-ùrlar le Capercaillie agus Julie Fowlis a’ cur cuirmean air leth air chois.

Bha gnothaichean a’ cheart cho math air Didòmhnaich ach bha beagan a bharrachd uisge (rain) ann. Cha do chuir an t-uisge cus dragh air daoine agus chum a’ phartaidh Ghàidhealach a’ dol. Bha pìobairean, drumairean agus seinneadairean agus dannsairean a’ dol bho thaobh gu taobh, ’s iad a’ dol dha na teantaichean agus chun nan stàlaichean. Chòrd The Red Hot Chilli Pipers ri mòran (many) air an dàrna latha, agus bhathar a’ tilgeil a’ chabar (caber tossing)– seallaidhean gu math measgaichte (varied, mixed sights) de dh’Alba.

(Picture)

Mar a’ chànan as sinne ann an Alba agus cànan nàiseanta na dùthcha, bha a’ Ghàidhlig ann le teachdaireachd (message) làidir – tha a’ Ghàidhlig beò agus fallain (healthy). Eadar cuirmean (performances) sònraichte, òraidean inntinneach (interesting talks) agus fealla-dha gu leòr – bha a’ Ghàidhlig air a sealltainn mar chànan a tha fhathast air bilean an t-sluaigh a dh’aindeòin na chanas cuid. Thug mygaelic.com agus a h-uile duine eile a bha ann an teanta na Gàidhlig a’ chànan gu sluagh (multitude) an tartain agus bhrosnaich (inspired) sinn mòran dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh agus fhuair mòran an cothrom smaoineachadh air dè a bha Gàidhlig a’ ciallachadh dhaibhsan agus do dh’Alba. Tha sinn dhen bheachd gun robh ‘An Cruinneachadh’ math agus gu bheil Gàidhlig a’ cheart cho cudromach (important) ’s a bha i riamh ann a bhith a’ cur ri cultar beartach (rich culture) na h-Alba.

Bha ‘An Cruinneachadh’ gu sònraichte soirbheachail (successful) do Jenny Lugton à Surrey a bhuannaich an duais againn!!! Bidh Jenny a’ faighinn HP Pavilion Entertainment Notebook PC luach £500 agus baga làn stuthan mygaelic.com anns a bheil camara diodsaiteach (digital) , cluicheadair MP3 agus mòran rudan eile!!! Meal do naidheachd Jenny!

Ma bha thu aig The Gathering leig fios thugainn agus inns dè shaoil thu dhe!

bannerkingbig3

roomflag4

runnerchick4

seatingmannqn4

girlssunbathers2

peoplebraveheart2

peopledress2

piperblindsalute2

runNjump2

signsaltire 2

signshirt2

singersman 2

tartanharris2

weeguynbook2

There are no comments on this item.

    Follow us on: