Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Invalid Content.

mygaelic.com aig a’ Chruinneachadh

Faic mar a chaidh dhuinn aig ‘An Cruinneachadh’...

’S e Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh a chaidh a thoirt air 2009 – agus thug seo an cothrom an cruinneachadh as motha a-riamh dhe na cinnidhean a chumail! Bha An Cruinneachadh no ‘The Gathering’ air a chumail ann am Pàirc Taigh an Ròid agus thug e cotrhrom dha na cinnidhean tighinn còmhla gus an dualchas Albannach aca a chomharrachadh. A bharrachd air buidhnean Gàidhlig eile leithid Bòrd Na Gàidhlig, An Comunn agus Comhairle nan Leabhraichean bha mygaelic.com ann gus barrachd fiosrachaidh a thoirt do dhaoine mun Ghàidhlig.

mygaelic pannel.JPG

Mhair an tachartas fad dà latha agus bha an t-àite loma làn tartan, grian gu leòr agus mar a bhiodh dùil ann an Alba, fras no dhà cuideachd. Bha Disathairne teth agus chaidh mòran a losgadh leis a’ ghrèin ro dheireadh gnothaich. ’S ann mu dhèidhinn daoine a’ tighinn còmhla a bha An Cruinneachadh agus bha fìor fhaireachdainn coimhearsnachd ann, le daoine a’ còmhradh mu dhualchas, cultar agus cànan ri seann eòlaichean agus ri daoine ris nach do choinnich iad riamh roimhe. Bha sinne ri taobh an àrd-ùrlair ann an teanta Bhòrd na Gàidhlig, ann am ‘Baile na Gàidhlig’, agus bha sinn fortanach gu leòr feadhainn dhe na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a chluinntinn. Nam measg sin bha Criostaìn Cheanadach, Kirsteen NicDòmhnaill, Calum Màrtainn, Darren Mac ’IllEathain, Art Mac Carmaig agus mòran eile cuideachd. Thadhail am Prionnsa Teàrlach fhèin air an teanta agus an taisbeanadh air seann shaoghal na Gàidhlig agus air a’ Ghàidhlig anns an latha an-diugh. Chan e sin a-mhàin ach bha Gàidhlig ri cluinntinn air an àrd-ùrlar le Capercaillie agus Julie Fowlis a’ cur chuirmean air leth air chois.

Bha gnothaichean a’ cheart cho math air Didòmhnaich ach gun robh beagan a bharrachd fhrasan ann. Cha robh an aimsir cho dona ’s a bhathar a’ maoidheadh agus cha do chuir e cus dragh air daoine agus chùm a’ phartaidh Ghàidhealach a’ dol. Bha pìobairean, drumairean agus seinneadairean agus dannsairean a’ dol bho thaobh gu taobh, ’s iad a’ dol dha na teantaichean agus chun nan stàlaichean. Chòrd The Red Hot Chilli Pipers ri mòran air an dàrna latha, agus bhathar a’ tilgeil a’ chabar – seallaidhean gu math measgaichte de dh’Alba.

Mar a’ chànan as sinne ann an Alba agus cànan nàiseanta na dùthcha, bha a’ Ghàidhlig ann le teachdaireachd làidir – tha a’ Ghàidhlig beò agus fallain. Eadar cuirmean sònraichte, òraidean inntinneach agus fealla-dha gu leòr – bha a’ Ghàidhlig air a sealltainn mar chànan a tha fhathast air bilean an t-sluaigh a dh’aindeòin na chanas cuid. Thug mygaelic.com agus a h-uile duine eile a bha ann an teanta na Gàidhlig a’ chànan gu sluagh an tartain agus bhrosnaich sinn mòran dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh agus fhuair mòran an cothrom smaoineachadh air dè a bha Gàidhlig a’ ciallachadh dhaibhsan agus do dh’Alba. Tha sinn dhen bheachd gun robh An Cruinneachadh soirbheachail agus gu bheil Gàidhlig a’ cheart cho cudromach ’s a bha i riamh ann a bhith a’ cur ri cultar beartach na h-Alba.

Bha An Cruinneachadh gu sònraichte soirbheachail do Jenny Lugton à Surrey a bhuannaich an crannchur againn!!! Bidh Jenny a’ faighinn HP Pavilion Entertainment Notebook PC luach £500 agus baga làn stuthan mygaelic.com anns a bheil camara diodsaiteach, cluicheadair MP3 agus mòran rudan eile!!! Meal do naidheachd Jenny!

Ma bha thu aig a’ Chruinneachadh leig fios thugainn agus innis dè shaoil thu dhe!

bannerkingbig3

roomflag4

runnerchick4

seatingmannqn4

girlssunbathers2

peoplebraveheart2

peopledress2

piperblindsalute2

runNjump2

signsaltire 2

signshirt2

singersman 2

tartanharris2

weeguynbook2

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: