Litreachas
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha dualchas làidir aig na Gàidheil a thaobh litreachais. Bho na filidhean agus na manaich ann an Èirinn is Alba, a ghlèidh eòlas agus fiosrachadh sna sgrìobhaidhean aca san Linn Dhorcha, gu clàraidhean CD de nobhailean, agus sgoilearan a tha a’ dèanamh sgrùdadh air obair nan sgrìobhadairean ùra, tha na Gàidheil agus na sinnsirean aca air a bhith ri sgrìobhadh o chionn fhada.
Ge-tà, airson ùine mhòr b’ e ‘litreachas’ beòil a bh’ aig na Gàidheil airson iad fhèin a chur an cèill. Chluinneadh tu òran no pìos bàrdachd, sgeulachdan gleusta na Fèinne, seanchas agus iomadh seòrsa beul-aithris agus chitheadh tu am Bìoball agus corra leabhar eile, ach b’ e glè bheag de litreachas ann an clò a chunnacas am measg an t-sluaigh. Bha litreachas gu leòr ann, ach chan ann ann an leabhar a chitheadh tu e.
Tha cùisean air atharrachadh gu mòr a-nis, agus chì thu gu leòr de bhàrdachd, dràma agus rosg ann an clò. Thàinig sreath de leabhraichean bàrdachd ùra a-mach o chionn ghoirid le daoine mar Aonghas Pàdraig Caimbeul, Màrtainn Mac an t-Saoir, Meg Bateman, Maoilios Caimbeul agus Ruaraidh MacThòmais. Agus leis an t-sreath rosg ùr, Ùr-sgeul, tha sinn a’ faicinn nobhailean ùra a tha ealanta agus drùidhteach. Tha tòrr a’ tachairt ann an litreachas na Gàidhlig, agus tha sinne a’ leughadh mu dheidhinn.
Aonghas Pàdraig Caimbeul
Carson a tha mi a’ sgrìobhadh?
“Tha mi a' sgrìobhadh airson ùine a lìonadh eadar àm bracaist, àm lòin, àm dìnnearach, suipeir agus leabaidh. Cur-seachad math a th’ ann, mar golf neo iòga.”
Iain Fionnlagh MacLeòid
Carson a tha litreachas cudromach?
“’S ann cudromach a tha e do chànan sam bith gu bheil litreachas fallainn aige. Le bhith a’ cur an cèill do shaoghail tro fhaclan, tha thu ga dhearbhadh gu ìre, tha thu ga dhèanamh “fìor” ann an dòigh agus ga nochdadh do dhaoine eile. Coimhead air a’ Bhaile Àtha Cliath aig Joyce, no Glaschu Alasdair Gray, dà bhaile-mhòr a chunnaic daoine às ùr tro litreachas, dà bhaile a thàinig gu bith cha mhòr, a chaidh a chruthachadh ’s dòcha, tron sgrìobhadh aig na h-ùghdaran sin.
Tha beagan den “duilleig bhàin”, mar a chanadh am bàrd Crìsdean Whyte ris, ann an litreachas na Gàidhlig. Àite (culturach no fiosaigeach) neach deach a mhapadh fhathast ann am faclan. Tha an t-àite bàn no geal seo a’ toirt cothrom do sgrìobhadair cruthachadh agus tha e a’ toirt saorsa dhut, canabhas bàn, gun bacadh sam bith bho sgrìobhaidhean a thàinig roimhe. Chì thu buaidh na bàine neo-chrìochnach seo anns an Nobhail Mhòr Ameireaganach. An leithid a rùm airson sgeulachd. An leithid a tha ùr agus dìomhair.
“Dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil tòrr den àite bhàn seo anns na h-eileanan airson sgrìobhadair, oir ’s e glè bheag de nobhailean a tha suidhichte annta. ’S e ìoranas mòr a th’ ann ge-tà gun deach tìr nan eilean a chlàradh mar nach deach tìr sam bith eile cha mhòr, agus na h-ainmean-àite agus stòiridhean co-cheangailte ris gach àite, mean air mhean, air seòladh thar fàire ar n-eachdraidh. Ach tha seo a’ toirt cothrom air leth don sgrìobhadair Ghàidhlig, rèidhlean geal anns am faod e no i siubhal, gun chomharran no treòrachadh, agus doimhneachd na h-eachdraidh is dualchais aca mar bhun-stèidh.”
Màrtainn Mac an t-Saoir
Dè an leabhar Gàidhlig as fheàrr leat, agus carson?
“B' fhèarr leam gum b' urrainn dhomh deich leabhraichean a thaghadh (faic http://www.booksfromscotland.com/Features/Readers-Choices/Martin-MacIntyre) ach mas e aon fhear thar chàich a dh' fheumar, seo agaibh e ma-tà. ‘Eimhir’ le Somhairle MacGill-Eain. “’S e iad seo dàin ghaoil mhìorbhailteach, agus air am filleadh riutha cuspairean mòra mar dhualchas, dleastanasan pearsanta agus poilitigs na Roinn Eòrpa. A' Bheurla aig Iain Mac a' Ghobhainn a' co-fhreagairt orra 's gam foillseachadh gu pongail snasail.”
Norma NicLeòid
Cò ris a bhios litreachas na Gàidhlig coltach ann an 50 bliadhna eile?
“Bidh leabhraichean dhe gach seòrsa fhathast a’ nochdadh, ach ann an diofar riochdan. Bidh leabhraichean didsiotach ann agus faodaidh tu dhol a bhùth agus priontaidh iad leabhar sam bith a-mach dhut am priobadh na sùla. Mar as motha a ghabhas ceòl a-null saoghal na Gàidhlig, agus a bhios luchd-ionnsachaidh a’ seinn barrachd is barrachd, nochdaidh mòran leabhraichean òran de gach seòrsa le CD nan cois. Saoilidh mi gur dòcha gum bi barrachd foillseachadh ‘vanity’ ann air dhòigh ’s gum faigh neach sam bith a tha deònach cosg air a’ mhodh sin air leabhar a chur a-mach nan ainm fhèin gun a bhith a’ feitheamh, eadhon ged a bhiodh barrachd mhearachdan dhe gach seòrsa annta. Bidh coimpiutairean beaga bìodach aotrom ann a bheir thu leat nad phòcaid agus faodaidh tu leabhar a cheannach ann an riochd tiop a leughas tu an àite sam bith.
“Saoilidh mi gum bi àite mòr ann fhathast dha foillsichearan mar as aithne dhuinne iad, a bheir aire dhan ealain a tha an cois a bhith a’ cur a-mach leabhraichean snasail, agus gum bi leughadairean fhathast ann a bhios ag iarraidh nan seòrsaichean leabhraichean sin a tha tlachdmhor rin làimhseachadh agus ris am fairich an leughadair dlùth mar sheann mhaoir-eòlaich. Bidh fìor dhoimhneachd a’ chànain stèidhichte air dualchas coimhearsnachd gun sgeul oirre. Bidh a h-àite air a ghabhail le Gàidhlig an ath ghinealaich, le dòighean litireil a’ tighinn am follais barrachd is barrachd agus iad sin nas ceangailte ri structairean na Beurla. Fairichidh daoine gu bheil an seòrsa cainnt a tha Gàidheil a’ cleachdadh an-diugh ro dhuilich a leughadh agus gum buin i do ghinealach eile.
“Ach, ge b’ e dè an riochd sam bi na leabhraichean, bidh fhathast na h-aon chuspairean a’ nochdadh: gaol, creideamh, gàire, doilgheas, bròn agus cuilbheart sna nobhailean agus sa bhàrdachd, agus bidh corra neach fhathast a’ gabhail ùidh ann an leabhraichean eachdraidheil agus ann an leabhraichean fiosrachaidh agus leabhraichean dhealbh.”
Sgrìobhadairean
Fiosrachadh mu Rody Gorman
Fèisean litreachais
Leabhar is Craic - fèis litreachais Gàidhlig
Faclan - Fèis Litreachais Innse Gall
Fiosrachadh coitcheann
Electric Scotland - Sùil air litreachas Gàidhlig an latha an-diugh
Wikipedia - Beagan fiosrachaidh mu litreachas na Gàidhlig
Fiosrachadh mu litreachas na Gàidhlig
Comhairle nan Leabhraichean - Tòrr leabhraichean ùra rin ceannach
Pròiseact nan Ealan - Pròiseact nan Sgeulachdan
Sgoil Eòlais na h-Alba - An iris aca Tocher, le tòrr fiosrachaidh mu bheul-aithris nan Gàidheal
Leabharlann Nàiseanta na h-Alba - Cruinneachaidhean Gàidhlig aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Ur Sgeul - Nobhailean Gàidhlig

