Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- LitreachasLiterature LiteratureLitreachas
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Tha eachdraidh fhada aig na Gàidheil a thaobh (with regard to) litreachais. Thòisich an litreachas leis na bàird agus na manaich (the monks) anns na seann làithean, agus an-diugh tha sgrìobhadairean ùra a’ toirt nobhailean (novels) agus bàrdachd dhuinn a tha fìor mhath.
Airson ùine mhòr, chan e ‘litreachas’ a bh’ ann an tòrr de òrain is sgeulachdan nan Gàidheal. Cha robh daoine a’ sgrìobhadh nan òran, no cha bhiodh iad a’ sgrìobhadh na bàrdachd aca. Bhiodh cuimhne aca air an litreachas aca mar bheul-aithris (oral tradition). Bha litreachas gu leòr ann, ach cha robh e ann an leabhraichean. Bha daoine a’ cumail cuimhne air na h-òrain agus a’ bhàrdachd.
Tha tòrr leabhraichean Gàidhlig ann a-nis: nobhailean, bàrdachd agus sgrìobhaidhean eile.
Carson a tha sibh a’ sgrìobhadh?
“Tha mi a’ sgrìobhadh airson ùine a lìonadh eadar àm bracaist, àm loin, àm dìnnearach, suipeir agus leabaidh. ’S e cur-seachad math a th’ ann, coltach ri golf no iòga (yoga).”
Carson a tha litreachas cudromach?
“Tha e cudromach gu bheil litreachas fallainn (healthy) aig cànan sam bith. Nuair a tha thu a’ sgrìobhadh mun t-saoghal, ann an dòigh tha thu a’ sealltainn na fìrinn (truth) do dhaoine. Tha daoine mar Joyce agus Alasdair Gray a’ toirt dealbh ùr dhuinn de bhailtean-mòra mar Baile Àtha Cliath (Dublin) agus Glaschu leis an sgrìobhadh aca. Tha beagan de “dhuilleig bhàin” (blank or white page) ann an litreachas na Gàidhlig, mar a chanadh Crìsdean Whyte. Tha àite bàn ann far a bheil saorsa (freedom) aig an sgrìobhadair, ’s e àite a th’ ann far nach bi sgrìobhadairean a’ smaoineachadh air sgrìobhaidhean (writings) eile. Chì thu an seòrsa sgrìobhaidh seo anns na ‘Nobhailean (Novels) Mòra’ à Ameireagaidh. Tha tòrr rùm (space) agus rudan ùra anns na nobhailean seo. “Tha tòrr de an rùm bhàn seo anns na h-eileanan airson sgrìobhadair, oir chan eil mòran nobhailean ann bho na h-eileanan. Ach ma smaoinicheas tu mu dheidhinn, thà mapa againn de na h-eileanan ann an dòigh. Tha ainmean-àite agus stòiridhean againn. Tha cothrom (opportunity) aig sgrìobhadairean Gàidhlig a bhith a’ sgrìobhadh anns an àite bhàn seo, agus faodaidh iad cuideachd a bhith a’ smaoineachadh air an eachdraidh agus an dualchas (heritage) aca.”
Dè an leabhar Gàidhlig as fheàrr leat, agus carson?
“’S e ‘Eimhir’ le Somhairle MacGill-Eain an leabhar as fheàrr leam. Tha bàrdachd ghaoil ann a tha mìorbhailteach (marvellous) agus tha am bàrd cuideachd a’ bruidhinn air cuspairean mòra eile, mar dualchas (heritage) agus poilitigs na Roinn Eòrpa (European politics).”
Cò ris a bhios litreachas na Gàidhlig coltach ann an 50 bliadhna eile?
“Bidh a h-uile seòrsa leabhair fhathast ann. Bidh leabhraichean didsiotach (digital) ann. Agus nuair a bhios daoine le Gàidhlig a’ gabhail barrachd ùidh (taking more of an interest) ann an ceòl, agus nuair a bhios luchd-ionnsachaidh a’ seinn barrachd agus barrachd, chì sinn barrachd leabhraichean le òrain agus CDan còmhla ris na leabhraichean seo cuideachd. ’S dòcha gum bi daoine a’ foillseachadh (publishing) barrachd leabhraichean ‘vanity’. Thig an latha nuair a bhios coimpiutairean beaga aig daoine, agus bidh leabhraichean aca air na coimpiutairean sin ann am faidhle didsiotach (digital file), agus faodaidh iad na leabhraichean sin a leughadh ann an àite sam bith. “Bidh foillsichearan (publishers) mar a th’ againn an-diugh fhathast ann. Bidh iad a’ foillseachadh leabhraichean snoga, agus bidh daoine fhathast ag iarraidh leabhraichean ‘ceart’ mar sin a leughadh agus a làimhseachadh (to handle). Bidh a’ Ghàidhlig air atharrachadh, agus ’s dòcha nach bi na coimhearsnachdan Gàidhlig ann mar a th’ againn an-diugh. Bidh daoine a’ smaoineachadh gu bheil a’ Ghàidhlig a th’ againne an-diugh ro dhoirbh a leughadh, agus chì sinn Gàidhlig an ath ghinealaich (the next generation).
“Ach chan eil e gu diofar dè an seòrsa Gàidhlig no sgrìobhaidh a bhios ann, bidh na h-aon chuspairean (subjects) ann: gaol, creideamh (religion), gàire (laughter), bròn (sadness) agus eile. Bidh na cuspairean seo fhathast anns na nobhailean agus anns a’ bhàrdachd.”
Leabhar is Craic - Fèis litreachais Gàidhlig
Faclan - Fèis Litreachais Innse Gall
Fèis Litreachais Eadar-nàiseanta (International) Dhùn Èideann - Fèis Litreachais Eadar-nàiseanta (International) Dhùn Èideann, far am bi tachartasan (events) Gàidhlig
Further Information:
Electric Scotland - A’ coimhead air litreachas Gàidhlig an latha an-diugh
Wikipedia - Beagan fiosrachaidh mu litreachas na Gàidhlig
Fiosrachadh mu litreachas na Gàidhlig’
Comhairle nan Leabhraichean - Tòrr leabhraichean ùra rin ceannach
Pròiseact nan Ealan - Pròiseact nan Sgeulachdan
Sgoil Eòlais na h-Alba - Sgoil Eòlais na h-Alba agus an iris (journal) aca Tocher, le tòrr fiosrachaidh mu beul-aithris (oral tradition) nan Gàidheal
Leabharlann Nàiseanta na h-Alba - Leabhraichean Gàidhlig aig Leabharlann (library) Nàiseanta na h-Alba
Ur Sgeul - Nobhailean Gàidhlig