Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Taic do phàrantan Gàidhlig tro bhùthan-obrach

Comann nam parant logo

Fhuair Comann nam Pàrant Inbhir Nis taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig gus sreath de bhùthan-obrach a chumail, agus iad a’ cuideachadh pàrantan leis a’ Ghàidhlig aca agus iad gam brosnachadh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh le an cuid chloinne. Bithear ag obair air grunn chuspairean sna bùthan-obrach mar leughadh stòiridhean, geamannan Gàidhlig, mar a nìthear a’ Ghàidhlig follaiseach, blasad den Ghàidhlig, a’ cuideachadh le obair-dachaigh, faclan rin cleachdadh san dachaigh, agus goireasan Gàidhlig air-loidhne.

Chuir Cathraiche Chomann nam Pàrant Inbhir Nis Brian Ó hEadhra fàilte mhòr air an taic – “tha sinn uabhasach toilichte gun d’ fhuair sinn an tabhartas seo bho Bhòrd na Gàidhlig gus ar cuideachadh leis a’ phròiseact chudromach seo. Chan eil e an-còmhnaidh furasta mar phàrant fiosrachadh no stiùireadh a lorg mu chur-seachadan Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus tha sinn an dòchas gun cuidich na bùthan-obrach seo pàrantan ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus na sgilean a tha a dhìth air pàrant.”

Tha Comann nam Pàrant Inbhir Nis daonnan ag iarraidh foghlam Gàidhlig a leudachadh agus a leasachadh, aig gach ìre, ann an Inbhir Nis. Thèid a’ Choinneamh Bhliadhnail aca a chumail air 28mh Sultain aig 7f ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Bidh grunn luchd-labhairt agus buidhnean Gàidhlig ionadail an làthair gus bruidhinn mu chùisean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air foghlam Gàidhlig – Àrd-sgoil Ghàidhlig ùr don sgìre, am moladh aig Cùram Chloinne Inbhir Nis airson ionad ro-sgoile & “hub” Gàidhlig do Inbhir Nis.

Lean Mgr Ó hEadhra air: “Tha foghlam Gàidhlig ag obair glè mhath san sgìre seo agus feumaidh sinn coimhead ri dè tha a’ dol a thachairt a-nis gus dèanamh cinnteach gu bheil goireasan is foghlam freagarrach rim faotainn aig an ìre ro-sgoile agus àrd-sgoile. Tha gach buidheann oifigeil ag obair gu cruaidh gus am bi Gàidhealtachd dà-chànanach agus ioma-chànanach agus ur beatha do dhuine sam bith a tha ag iarraidh a dhol an sàs san obair thogarrach seo.”

Tòisichidh na bùthan-obrach do phàrantan san Dàmhair agus gheibhear fiosrachadh nas fhaide air adhart mu cuin a bhios iad ann.

There are no comments on this item.

    Follow us on: