Bidh daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn diofar rudan sna bùthan-obrach, rudan mar: leughadh stòiridhean, geamannan Gàidhlig, a’ dèanamh na Gàidhlig follaiseach (prominent), a’ toirt blas (taste) beag den Ghàidhlig do dhaoine, a’ cuideachadh le obair-dachaigh (homework), ag ionnsachadh fhaclan a tha daoine a’ cleachdadh san dachaigh, agus goireasan Gàidhlig air-loidhne (Gaelic online resources).
Chuir Cathraiche Chomann nam Pàrant Inbhir Nis Brian Ó hEadhra fàilte mhòr air an taic – “tha sinn uabhasach toilichte gun d’ fhuair sinn an tabhartas (award) seo bho Bhòrd na Gàidhlig agus cuidichidh e sinn leis a’ phròiseact chudromach seo. Chan eil e an-còmhnaidh furasta, ma tha sibh nur pàrant, fiosrachadh no stiùireadh (guidance) a lorg mu chur-seachadan (activities) Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus tha sinn an dòchas gun cuidich na bùthan-obrach seo pàrantan ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ag ionnsachadh nan sgilean a tha a dhìth air pàrant (the skills that a parent needs).”
Tha Comann nam Pàrant Inbhir Nis ag iarraidh gum fàs foghlam Gàidhlig aig gach ìre (at every level) ann an Inbhir Nis. Bidh a’ Choinneamh Bhliadhnail (Annual Meeting) aca air 28mh Sultain aig 7f ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Bidh luchd-labhairt (speakers) agus buidhnean Gàidhlig ionadail (local) ann agus bidh iad a’ bruidhinn mu dhiofar rudan a tha a’ dol a thoirt buaidh air (which effect) foghlam Gàidhlig ’s dòcha – Àrd-sgoil ùr don sgìre, am beachd aig Cùram Chloinne (Childcare) Inbhir Nis gum bu chòir ionad ro-sgoile (pre-school centre) a bhith ann & am moladh (proposal) a th’ aig daoine gum bu chòir “hub” Gàidhlig a bhith ann an Inbhir Nis.
Thuirt Mgr Ó hEadhra: “Tha foghlam Gàidhlig ag obair glè mhath san sgìre seo agus feumaidh sinn coimhead ri dè tha a’ dol a thachairt a-nis agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil goireasan (facilities) is foghlam freagarrach againn aig an ìre ro-sgoile agus àrd-sgoile (at the pre-school and secondary school level). Tha gach buidheann oifigeil (official) ag obair gu cruaidh gus am bi coimhearsnachdan dà-chànanach agus ioma-chànanach (bi-lingual agus multi-lingual) againn air a’ Ghàidhealtachd agus tha sinn a’ cur fàilte air duine sam bith a tha ag iarraidh cuideachadh leis an obair thogarrach (uplifting) seo.”
Tòisichidh na bùthan-obrach do phàrantan san Dàmhair agus nochdaidh (appear) fiosrachadh mu chuin a thèid an cumail (when they will be held).
There are no comments on this item.