Chuir Cathraiche Chomann nam Pàrant Inbhir Nis Brian Ó hEadhra fàilte mhòr air an taic – “tha sinn uabhasach toilichte gun d’ fhuair sinn an tabhartas seo bho Bhòrd na Gàidhlig gus ar cuideachadh leis a’ phròiseact chudromach seo. Chan eil e an-còmhnaidh furasta mar phàrant fiosrachadh no stiùireadh a lorg mu chur-seachadan Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus tha sinn an dòchas gun cuidich na bùthan-obrach seo pàrantan ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus na sgilean a tha a dhìth air pàrant.”
Tha Comann nam Pàrant Inbhir Nis daonnan ag iarraidh foghlam Gàidhlig a leudachadh agus a leasachadh, aig gach ìre, ann an Inbhir Nis. Thèid a’ Choinneamh Bhliadhnail aca a chumail air 28mh Sultain aig 7f ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Bidh grunn luchd-labhairt agus buidhnean Gàidhlig ionadail an làthair gus bruidhinn mu chùisean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air foghlam Gàidhlig – Àrd-sgoil Ghàidhlig ùr don sgìre, am moladh aig Cùram Chloinne Inbhir Nis airson ionad ro-sgoile & “hub” Gàidhlig do Inbhir Nis.
Lean Mgr Ó hEadhra air: “Tha foghlam Gàidhlig ag obair glè mhath san sgìre seo agus feumaidh sinn coimhead ri dè tha a’ dol a thachairt a-nis gus dèanamh cinnteach gu bheil goireasan is foghlam freagarrach rim faotainn aig an ìre ro-sgoile agus àrd-sgoile. Tha gach buidheann oifigeil ag obair gu cruaidh gus am bi Gàidhealtachd dà-chànanach agus ioma-chànanach agus ur beatha do dhuine sam bith a tha ag iarraidh a dhol an sàs san obair thogarrach seo.”
Tòisichidh na bùthan-obrach do phàrantan san Dàmhair agus gheibhear fiosrachadh nas fhaide air adhart mu cuin a bhios iad ann.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.