’S e buidheann Gàidhlig a th’ ann am Fèisean nan Gàidheal a bhios ag obair còmhla ri fèisean air feadh na h-Alba agus e na amas aca Gàidhlig a neartachadh tro dhiofar ealain. Bidh iad a’ cuideachadh dhaoine de dhiofar aoisean na comasan Gàidhlig agus ciùil aca a leasachadh, agus tha àite cudromach aca san iomairt spionnadh a thoirt do chultar na Gàidhlig. Ge-tà, chuir luchd-obrach romhpa o chionn goirid gun cuidicheadh iad daoine ann an dòigh eile.
’S e rinn iad, chuir iad aghaidh ris na siantan agus chaidh iad suas a’ bheinn as àirde ann am Breatainn gus airgead a thogail – do Bhuidheann Aillse Mhic a’ Mhaoilein. Bha an sgioba ag iarraidh £1,000 a thogail don bhuidheann-carthannais le bhith streap (climb) gu mullach Beinn Nibheis, ach thug iad bàrr air an sin!!!
’S iomadh tabhartas fialaidh a fhuair iad, agus thog muinntir nam Fèisean còrr is £1,500 airson carthannas. B’ ann an uisge mòr, ceò thiugh agus le gaoth làidir gan cuartachadh aig a’ mhullach a rinn iad a’ choiseachd, ach cha robh dad a’ dol a chur stad air an sgioba agus iad ag amas air an t-sùim a thogail.
Thuirt Cairistìona Nic an t-Saoir bhon sgioba: “Chaidh luchd-obrach bho Fhèisean nan Gàidheal agus cuid de na caraidean aca suas Beinn Nibheis o chionn ghoirid gus airgead a thogail do Nursaichean Mhic a’ Mhaoilein. Tha iad air còrr is £1,500 a thogail mu thràth agus tha barrachd ri thighinn a-steach fhathast bho gheallaidhean eile a fhuair sinn. Ged a bha sinn uile air ar dòigh glan nuair a rinn sinn an gnothaich air, bha sinn uile den bheachd, ged a bha spòrs againn, gu robh e gu math doirbh! Feumaidh sinn a-nis smaoineachadh dè nì sinn an ath-bhliadhna!”
Bu thoigh le mygaelic.com meal-a-naidheachd a chur air a h-uile duine aig Fèisean nan Gàidheal a bha an sàs san streap!
Fàg na beachdan agad gu h-ìosal, cuir meal-a-naidheachd air an sgioba agus innis dhuinn mu thachartas carthannais sam bith anns an robh thu fhèin an sàs!!
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.