Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Na Gàidheil a’ togail airgid!

Shreap luchd-obrach (staff) Fèisean nan Gàidheal suas Beinn Nibheis agus iad an dòchas £1,000 a thogail do Bhuidheann Aillse Mhic a’ Mhaoilein (MacMillan Cancer Support). Leugh tuilleadh airson faighinn a-mach ciamar a chaidh dhaibh...

’S e buidheann Gàidhlig a th’ ann am Fèisean nan Gàidheal a bhios ag obair còmhla ri fèisean (festivals) air feadh na h-Alba agus tha iad ag iarraidh taic a chumail ri Gàidhlig tro na h-ealain (arts). Bidh iad a’ cuideachadh dhaoine de dhiofar aoisean gus am fàs na comasan (abilities) Gàidhlig agus ciùil aca nas fheàrr, agus bidh iad a’ dèanamh obair chudromach le bhith a’ neartachadh (strengthening) na Gàidhlig. Ge-tà, chuir luchd-obrach romhpa (staff decided) o chionn ghoirid gu robh iad a’ dol a chuidicheadh daoine ann an dòigh eile.

Chaidh iad suas a’ bheinn as àirde ann am Breatainn agus iad ag iarraidh airgead a thogail – do Bhuidheann Aillse Mhic a’ Mhaoilein. Bha iad ag iarraidh £1,000 a thogail don bhuidheann-carthannais (charity) le bhith streap gu mullach Beinn Nibheis, ach rinn iad nas fheàrr na sin!!! Fhuair iad tòrr thabhartasan (donations) bho dhaoine còire, agus thog na daoine bho Fèisean nan Gàidheal còrr is £1,500 airson na buidhne-carthannais. Bha uisge mòr ann, ceò thiugh agus gaoth làidir aig a’ mullach nuair a bha iad a’ coiseachd, ach cha robh sin a’ dol a chur stad orra, agus thog iad an t-airgead a bha iad ag iarraidh, thog agus barrachd.

Thuirt Cairistìona Nic an t-Saoir bhon sgioba: “Chaidh luchd-obrach bho Fhèisean nan Gàidheal agus cuid de na caraidean aca suas Beinn Nibheis o chionn ghoirid gus airgead a thogail do Nursaichean Mhic a’ Mhaoilein. Tha iad air còrr is £1,500 a thogail mu thràth agus thig barrachd airgid a-steach fhathast bho gheallaidhean (pledges) eile a fhuair sinn. Ged a bha sinn uile air ar dòigh glan nuair a rinn sinn an gnothaich air (when we succeeded), bha sinn uile a’ smaoineachadh gu robh e gu math doirbh, ged a bha spòrs againn! Feumaidh sinn a-nis smaoineachadh dè nì sinn an ath-bhliadhna!”

Bu thoigh le mygaelic.com meal-a-naidheachd a chur (to congratulate) air a h-uile duine aig Fèisean nan Gàidheal a bha an sàs san streap! Ma tha sibh ag iarraidh airgead a chur ris (to add to) na thog iad tha ùine agaibh fhathast.

Fàg na beachdan agad gu h-ìosal, cuir meal-a-naidheachd air an sgioba agus innis dhuinn mu dheidhinn ma rinn thu fhèin dad airson carthannas!!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: