- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Buidheann-còmhraidh Gàidhlig ann an Glaschu
Tha mòran chùrsaichean sgoinneil ann gus ur cuideachadh le ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh daoine air feadh an t-saoghail ag ionnsachadh cànan àlainn na h-Alba. Ach bidh duilgheadas aig mòran nuair a thig e gu cothroman còmhraidh fhaighinn nuair a tha na cùrsaichean seachad agus nuair nach eil na caraidean a bh’ aca sa chlas aca tuilleadh. Tha buidheann ann an Glaschu a tha airson fuasgladh a thoirt dhan trioblaid seo.
Buidheann-còmhraidh Gàidhlig ann an Glaschu
Choinnich a’ bhuidheann seo tro làrach-lìn air a bheil meetup.com. Tha iad airson coinneachadh cho tric ’s as urrainn dhaibh, ’s iad ag amas air ùidh gu leòr a thogail gus leigeil leotha tòiseachadh air clasaichean Gàidhlig foirmeil ann an Glaschu. Thathas a’ taghadh cuspair airson gach seisean gus an urrainn do gach duine ullachadh airson na coinneamh agus na sgilean cànain aca a dhaingneachadh. Mar sin, ge bith dè an ìre aig a bheil thu, gheibh thu tìde gus ullachadh agus obair a dhèanamh air na ceistean cudromach a bhios a dhìth.
Chaidh mygaelic.com a-mach dhan chiad choinneimh (tha sinn an dùil a bhith aig an fheadhainn eile cuideachd) anns an Òran Mòr air Byres Road agus bha e sònraichte math! Bha e gu math neo-fhoirmeil agus ’s e deagh leisgeul a bh’ ann son beagan cabadaich. Tha a h-uile duine aig diofar ìrean agus, ged a dh’fhaodadh seo a bhith eagallach do luchd-tòiseachaidh, bha an fheadhainn a bha na b’ fhaide air thoiseach gu math deònach a bhith gan cuideachadh agus, aig an aon àm, thug seo togail do na sgilean aca fhèin sa chànan.
Tha sinne aig mygaelic.com den bheachd gur e cothrom sònraichte a tha seo do dhuine sam bith a tha a’ fuireach ann, no faisg air, Glaschu aig a bheil ùidh sa chànan no a tha air tòiseachadh air ionnsachadh ’s a tha ag iarraidh tuilleadh! Airson barrachd fiosrachaidh agus brathan ùra clàraich airson àite-còmhraidh na buidhne air mygaelic.com no thoir sùil air an àite aca air meetup.com.
Ma tha thu eòlach air buidhnean eile mar seo leig fhaicinn dhuinn! Ge bith càite no ge bith dè an ìre innis dhuinn mu na cruinneachaidhean Gàidhlig agaibh! Fàg fios gu h-ìseal no innis dhuinn mu na beachdan agad tro shusbaint luchd-cleachdaidh!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.