- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Buidheann-còmhraidh (Conversation Group) Ghàidhlig ann an Glaschu
Tha mòran chùrsaichean math Gàidhlig ann an-diugh. Bidh daoine air feadh an t-saoghail (throughout the world) ag ionnsachadh cànan àlainn (beautiful) na h-Alba. Ach faodaidh e a bhith (it may be) doirbh nuair a tha na cùrsaichean sin deiseil, oir (because) chan eil e an-còmhnaidh (always) furasta a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig. Tha buidheann ann an Glaschu a tha ag iarraidh cuideachadh leis an duilgheadas (difficulty) seo.
Buidheann-còmhraidh (Conversation Group) Ghàidhlig ann an Glaschu
Thòisich a’ buidheann seo (this group started) tro làrach-lìn air a bheil meetup.com. Tha iad airson coinneachadh cho tric ’s as urrainn dhaibh, agus bu toil leotha (they would like) tòiseachadh air clasaichean Gàidhlig foirmeil ann an Glaschu uaireigin (sometime). An-dràsta tha cuspair (subject) ann airson gach seisean agus faodaidh daoine ullachadh (preparation) a dhèanamh airson na coinneimh. Mar sin, ma tha thu math no dona ann an Gàidhlig bidh ùine (time) gu leòr agad gus obair a dhèanamh air ceistean math.
Bha mygaelic.com aig a’ chiad choinneimh (bidh sinn aig feadhainn eile cuideachd) anns an Òran Mòr air Byres Road agus bha e uabhasach math! Bha e gu math neo-fhoirmeil (informal) - deagh leisgeul (excuse) airson beagan cabadaich (a wee blether/some chat). Tha a h-uile duine aig diofar ìrean (different levels) agus cha robh e eagallach (frightening) do luchd-tòiseachaidh (beginners), oir bha an fheadhainn adhartach (advanced) a’ cuideachadh agus, aig an aon àm (at the same time), bha na sgilean (skills) acasan a’ tighinn air adhart (progressing) cuideachd.
Tha mygaelic.com a’ smaoineachadh gur e cothrom sònraichte (excellent opportunity) a tha seo do dhuine sam bith a tha a’ fuireach ann, no faisg air, Glaschu aig a bheil ùidh (interest) sa chànan no a tha aig ìre-tòiseachaidh (beginners’ level) agus a tha ag iarraidh tuilleadh (more)! Airson barrachd fiosrachaidh (more info) agus brathan ùra (updates) clàraich (register) airson àite-còmhraidh na buidhne air mygaelic.com no coimhead air an àite aca air meetup.com.
A bheil thu eòlach air buidhnean eile mar seo? Cuir fios thugainn (let us know)! Tha sinn ag iarraidh cluinntinn mu chruinneachaidhean (gatherings) Gàidhlig sam bith! Fàg fios (leave a comment) gu h-ìseal (below) no cuir sìos na smuaintean (thoughts) agad tro shusbaint luchd-cleachdaidh!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.