Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Gàidhlig, Pizza agus Pot Noodle.

Bha Ceàrnag Sheòrais a’ cur thairis le pizza, pot noodles agus ceòl o chionn ghoirid agus oileanaich ùra bho oilthighean air feadh Alba a’ cruinneachadh ann gus beachd fhaighinn air cò ris a bhios am beatha ùra aca coltach, agus gus tiodhlac no dhà an asgaidh a thogail! Leig Scotcampus, a chuir an tachartas air dòigh, le mygaelic.com a dhol am measg nan òganach tapaidh seo agus sinn a’ faighneachd dhaibh dè dìreach am beachd air a’ Ghàidhlig...

Bha mygaelic.com ann agus pasgain dhuaisean didseatach againn rin toirt seachad, agus bha bogsa bhidio sheunta againn a bha coltach ri Tardis. Thairis air an dà latha, thàinig ceudan de dh’oileanaich ùra a-steach don stiùidio chlàraidh againn agus fhreagair iad ceistean mòra mun Ghàidhlig, an suidheachadh an-dràsta agus na tha an dàn dhi. Bha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè fios a bh’ aig daoine mun chànan, an robh iad ga cluinntinn tric agus dè ghabhadh a dhèanamh gus Gàidhlig a chur air adhart.

Fhuair sinn freagairtean air leth math, agus fhuair sinn beachdan nan oileanach fhèin air film a thaobh dè bha iad a’ smaoineachadh a bha an dàn don chànan. Chòrd am bogsa bhidio gu mòr ri daoine, agus bha ùidh aig tòrr dhiofar dhaoine ann. Seach nach cluinneadh tu a-muigh dè bhathar ag ràdh sa bhogsa, fhuair sinn beachdan làidir, fìrinneach bhon ath ghinealach de ghaisgich is ceannardan.

Fhuair sinn a-mach gu bheil ùidh mhòr aig daoine òga sa Ghàidhlig agus tha iad ro dheònach cuideachadh le bhith sguabadh air falbh bacadh sam bith a tha a’ cur stad air adhartas a’ chànain. Fhuaras beachdan agus chaidh an clàradh, agus chòrd e ris a h-uile duine! Cùm sùil air an duilleag dachaigh agus chì thu cuid de an pìosan film as fheàrr bho ar caraidean, agus gheibh thu a-mach dè bha iad ag ràdh mun Ghàidhlig!


Our stall

3 myagaelic amigos

Big-up for Gaelic

China Gaelic.

Gaelic Chat.

Gillian and Pamela and Glasses

Glasses on

Group in the booth. Glasses.

Gym at the box

Happy guy coming out of box.

Instructions in the booth.

Jacks in the box

Kangaroo 2

Kangaroo in a box.

Our booth

Our stall

Pile in

Prize draw

Sign-up mygaelic

Sign-up

Sister sister - glasses and taches.

T-shirt

Talking Gaelic.

Thumbs up

_1050526

booth panel

enter the draw. mygaelic girls

mygaelic stand and Pamela

skippy dance.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: