Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Gàidhlig, Pizza agus Pot Noodle.

Bha tòrr a’ dol ann an Ceàrnag Sheòrais (George Square) o chionn ghoirid nuair a bha oileanaich ùra (students) bho air feadh Alba a’ cruinneachadh (gathering). Bha iad ag iarraidh fiosrachadh mun bheatha ùir aca mar oileanaich agus bha iad a’ lorg (looking for) tiodhlac (gift) no dhà an asgaidh (for free)! Chuir Scotcampus an tachartas air dòigh (organised the event), agus thug iad cead (gave permission) do mygaelic.com bruidhinn ris na oileanaich. Bha sinn a’ faighneachd dhaibh: Dè do bheachd air a’ Ghàidhlig?

Bha mygaelic.com a’ toirt seachad pocannan le uidheam didseatach (digital equipment) an asgaidh, agus bha stiùidio bhidio againn a bha coltach ri Tardis. Thairis air an dà latha, thàinig ceudan de dh’oileanaich ùra a-steach don stiùidio chlàraidh (recording) againn agus fhreagair iad ceistean mòra mun Ghàidhlig, agus mu na tha a’ dol a thachairt don chànan. Bha sinn ag iarraidh cluinntinn dè an t-eòlas a bh’ aig daoine air cùisean Gàidhlig, bha sinn a’ faighneachd: an robh daoine a’ cluinntinn no a’ faicinn Gàidhlig tric. Agus bha sinn a’ faighneachd dhaibh, ciamar a tha sinn a’ dol a chur Gàidhlig air adhart (promote, literally put forward).

Fhuair sinn freagairtean air leth math, agus fhuair sinn beachdan nan oileanach fhèin air film a thaobh dè bha iad a’ smaoineachadh a bha an dàn don chànan (in store for the language). Chòrd am bogsa bhidio gu mòr ri daoine, agus bha ùidh aig tòrr dhiofar dhaoine ann. Cha robh daoine a bha taobh a-muigh a’ bhogsa a’ cluinntinn na bha daoine sa bhogsa ag ràdh, agus air sgàth sin bha saorsa (freedom) aig daoine na beachdan aca a thoirt dhuinn.

Fhuair sinn a-mach gu bheil ùidh mhòr aig daoine sa Ghàidhlig agus gu bheil iad ag iarraidh cuideachadh le bhith cur às (removing) do bhacadh (barrier) sam bith a tha a’ cur stad air adhartas (progress) don chànan. Fhuair sinn beachdan, agus chlàraich (recorded) sinn iad, agus chòrd e ris a h-uile duine!

Cùm sùil air an duilleag dachaigh agus chì thu cuid de an pìosan film as fheàrr bho ar caraidean, agus gheibh thu a-mach dè bha iad ag ràdh mun Ghàidhlig!


Our stall

3 myagaelic amigos

Big-up for Gaelic

China Gaelic.

Gaelic Chat.

Gillian and Pamela and Glasses

Glasses on

Group in the booth. Glasses.

Gym at the box

Happy guy coming out of box.

Instructions in the booth.

Jacks in the box

Kangaroo 2

Kangaroo in a box.

Our booth

Our stall

Pile in

Prize draw

Sign-up mygaelic

Sign-up

Sister sister - glasses and taches.

T-shirt

Talking Gaelic.

Thumbs up

_1050526

booth panel

enter the draw. mygaelic girls

mygaelic stand and Pamela

skippy dance.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: