- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Làmh an Uachdair aig na h-Òganaich
Cùm suas leis na naidheachdan as ùra bhon a Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2009, bhon Òban! Latha fìor mhath airson na h-òigridh! Faigh barrachd a-mach bho sgrìobhadair ainmeil Alasdair Caimbeul....
Bha gu leòr a’ dol air Diardaoin a’ Mhòid, latha mòr nam bonn òr: Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Bonn Òr mar chuimhneachan air Màiri NicLaomainn (farpais an t-seann nòs). Bha na tallachan loma-làn agus b’ ann aig òige a bha làmh an uachdair a-rithist agus gach farpaiseach a bhuannaich na buinn airson na fir agus na mnathan sna ficheadan.
B’ i Sìneag Nic an t-Saoir, 23, à Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas a bhuannaich am bonn òr airson na mnathan. Cha b’ e seo a’ chiad uair aig Sìneag aig a’ Mhòd, agus tha i a-nis air aon de na daoine iomraiteach a tha air am bonn òr agus an seann nòs a bhuannachadh (bhuannaich i farpais an t-seann nòs ann an 2006). Thuirt i às dèidh làimh: “Bha mi a’ faireachdainn gu math nearbhach, agus bha an fharpais gu math faisg, ach tha mi dìreach toilichte gun do rinn mi an gnothaich.”
Tha Sìneag ag obair aig a’ chompanaidh telebhisean Ghàidhlig Bees Nees ann an Glaschu agus bha i na h-oileanach aig an RSAMD far an d’fhuair i comhairle agus teagasg bho Cheanna Chaimbeul, agus bha Ceanna fhèin air an àrd-ùrlar Diardaoin agus an Comunn a’ cuimhneachadh gur e 50 bliadhna bhon a bhuannaich Ceanna agus Alasdair Grannd am bonn òr iad fhèin.
Agus b’ e Stephen MacÌomhair à Naast faisg air Poll Iubh a bhuannaich bonn òr nam fear. Tha Stephen fhèin 23 agus ag obair sna meadhanan, mar Co-òrdanaiche Riochdachaidh Gàidhlig aig STV. Thuirt Stephen: “Tha mi gu math toilichte gun do bhuannaich mi, agus rinn mi cadal math a-raoir ged a bha mi beagan iomagaineach. ’S e seo an còigeamh turas a bha mi a-staigh airson am bonn òr, agus tha air mo dhòigh leis mar a chaidh dhomh am-bliadhna.”
Dealbh: Stephen MacÌomhair agus Sìneag Nic an t-Saoir a bhuannaich na buinn òir. Bho Willie Urquhart.
Ann am farpais an t-seann nòs b’ i tè òg eile a fhuair a’ phrìomh dhuais airson na mnathan, Liondsaidh Mitchell à Breascleit ann an Leòdhas, a tha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta. Rinn Liondsaidh, 25, ionnsachadh air a’ Ghàidhlig aig a’ cholaiste san Eilean Sgitheanach, agus tha i an dùil, às dèidh ceumnachadh, for-cheum a dhèanamh ann an Ceòl sa Choimhearsnachd a bhios a’ cuideachadh daoine tighinn air adhart gu pearsanta.
Thuirt i: “Bha mi uabhasach toilichte gun d’fhuair mi chun a’ chuairt dheireannaich, agus cha robh dad a dhùil agam gu robh mi a’ dol a bhuannachadh. Tha e fìor mhath agus chuidich Christine Primrose mi gu mòr.”
Agus b’ e fear às Dùn Bheagan anns an Eilean Sgitheanach, Darren MacIllEathain, 26, a bhuannaich farpais seann nòs nam fear. B’ e òran òil a bh’ ann an aon den dà òran a ghabh e, ‘Horo Illean’. Bhuannaich Darren am bonn òr o chionn 6 bliadhna san Òban cuideachd. “Bha farpais mhath ann,” thuirt e. “Ach bha a h-uile duine cuideachd gu math càirdeil. Cha robh dùil agam gum buannaichinn an fharpais, ach tha mi air mo dhòigh. Agus bha e math gur e òran òil bhon Eilean Sgitheanach aon de na h-òrain a bh’ agam, ghabh mi òran Sgitheanach nuair a bhuannaich mi am bonn òr san Òban o chionn 6 bliadhna.”
Agus sin e, cearthar feadhainn òga uile a-nis a measg ghaisgich a’ Mhòid. Chòrd na farpaisean fìor mhath ris an luchd-èisteachd agus ris na britheamhan, agus tha a h-uile duine a-nis a’ coimhead air adhart ri farpais nan còisirean mòra feasgair Dihaoine.
Le Alasdair H Caimbeul

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.