Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Am Mòd Eadar-nàiseanta Rìoghail

Tha an t-saoghal gu lèir a toirt an aire air a’ Mhòd! Leugh an airteagal seo agus faigh a mach dìreach cho mòr ‘sa tha a Mòd a fas agus carson a bhios daoine air feadh an t-saoghal a tighinn gus an fhèis sònraichte seo agus Gaelic a’ mholadh...

Tha taobh làidir eadar-nàiseanta aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a’ bhliadhna nuair a tha na h-uimhir ‘a’ tilleadh dhachaigh’, agus fhuair mygaelic.com cothrom bruidhinn ri cuid de na daoine a tha air tighinn don Òban am-bliadhna gus gàirdeachas a dhèanamh ri dualchas agus cànan nan Gàidheal.

Thàinig grunn bho thall-thairis còmhla ann an Talla Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal Dihaoine (16mh Dàmhair) gus comharrachadh mar a tha barrachd is barrachd dhaoine bho iomadh ceàrnaidh den t-saoghal a’ tighinn chun a’ Mhòid – nam measg Gàidheil a thuinich ann an tìrean eile agus daoine bho dhùthchannan eile agus gu leòr dhiubh ag ionnsachadh na Gàidhlig.

An Ukraine, a’ Ghearmailt, Canada, na Stàitean Aonaichte, An Òlaind, New Zealand, Astràilia agus ceàrnaidh no dhà eile: bha daoine a tha a’ fuireach no a tha às na dùthchannan sin uile an làthair. Agus ged a shiubhail a h-uile duine aca astar fada gus tighinn chun a’ Mhòid, ’s e glè bheag as urrainn a ràdh gu bheil iad air siubhal 200,000 mìle ann an ochd bliadhna agus iad a’ frithealadh air a’ Mhòd. Ach ’s e sin a bhios Raghnall MacAoidh bho Melbourne ann an Astràilia air a dhèanamh nuair a thilleas e dhachaigh am-bliadhna.

A’ bruidhinn ri mygaelic.com thuirt e: “Bha a’ chiad Mhòd agam ann an 2001 agus cha robh Gàidhlig agam an uair sin. Thachair mi ri Gillebrìde Mac a’ Mhaoilein nuair a bha e fhèin agus an teaghlach aige a’ siubhal ann an Astràilia agus thuirt e rium: carson nach tig thu chun a’ Mhòid? Bliadhna às dèidh sin thadhail mi air pàrantan Ghillebrìde ann an Uibhist a Deas agus thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig an uair sin.”

Rinn Raghnall an cùrsa inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig, far am bi daoine ag ionnsachadh air a’ fòn, agus tha e cuideachd an sàs ann am buidhnean Gàidhlig ann an Astràilia. A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha Raghnall air seinn ann an farpaisean a’ Mhòid thar nam bliadhnaichean agus tha dòigh gu math innleachdach aige beagan comhairle fhaotainn mun t-seinn aige.

Thuirt e: “’S e tidsear mìorbhaileach a th’ ann an Iseabail T. NicDhòmhnaill. Ma bhios mi ag iarraidh cuideachadh, an toiseach bidh mi a’ clàradh faidhle MP3, agus an uair sin bidh mi ga chur gu Iseabail. Bidh Iseabail an uair sin ag èisteachd ris agus a’ toirt comhairle dhomh ann am post-dealain. Agus bidh sinn a’ bruidhinn ri chèile air a’ fòn cuideachd. Agus tha sin ag obair glè mhath.”

International Mod - Ceol Gorm California, a bhuannaich an fharpais airson comhlain aig a' Mhod. Bha feadhainn dhiubh an lathair aig a' chruinneachadh eadar-naiseanta Dihaoine

Agus a rèir Raghnall tha am Mòd air leth feumail nuair a thig e gu cothroman a’ Ghàidhlig aige a chur gu feum: “Tha daoine uabhasach cuideachail. Mar eisimpleir, an t-àite far a bheil mi a’ fuireach, anns a’ mhadainn, bha sinn a’ gabhail bracaist agus thuirt mi ‘good morning’ ri boireannach, agus an uair sin thuirt mi rithe a bheil Gàidhlig agad, agus thuirt i: tha Gàidhlig gu leòr agam. Agus às dèidh sin bha sinn a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig.”

Agus an uair sin bha fear às a’ Ghearmailt Harald Meyenburg a thog ùidh anns a’ Ghàidhlig agus am Mòd o chionn bliadhna no dhà. Thòisich an ceangal aige ri Alba o chionn 24 bliadhna nuair a thàinig au pair a dh’Alba a dh’obair dha fhèin agus a theaghlach. An uair sin nuair a bha e air turas ann an Dùn Omhain o chionn còrr is bliadhna chuala e mun Mhòd airson a’ chiad uair, agus tha e fhèin a-nis ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha e fhèin agus feadhainn eile bhon Ghearmailt a’ seinn mar chòisir ann an aon de farpaisean a’ Mhòid!

Tha e coltach gu bheil am Mòd a’ sìor fhàs nas eadar-nàiseanta, agus gu bheil na Gàidheil agus na Gàidheil ùra a’ còrdadh glan ri chèile.

Bho Alasdair Caimbeul

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: