Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Am Mòd Eadar-nàiseanta (International) Rìoghail

Tha an t-saoghal gu lèir a toirt an aire (taking notice) air a’ Mhòd! Leugh an airteagal seo agus faigh a mach dìreach cho mòr ‘sa tha a Mòd a fas agus carson a bhios daoine air feadh an t-saoghal a tighinn gus an fhèis sònraichte seo (special festival) agus Gaelic a’ mholadh (celebrate)...

Tha daoine bho thòrr àiteachan air feadh an t-saoghail (all over the world) a’ tadhal air a’ Mhòd am-bliadhna agus bha mygaelic.com a’ bruidhinn ri feadhainn dhiubh ann am bliadhna nuair a tha tòrr dhaoine ‘a’ tilleadh dhachaigh’ a dh’Alba.

Bha cothrom (opportunity) aig daoine bho dhùthchannan eile coinneachadh ri chèile ann an Talla Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal (the Argyllshire Gathering Hall) air Dihaoine (16mh Dàmhair), agus bha an Comunn Gàidhealach ag iarraidh sealltainn mar a tha barrachd is barrachd dhaoine bho thall-thairis a’ tadhal air a’ Mhòd. ’S e Gàidheil a th’ ann an cuid de na daoine seo, a tha a’ tilleadh dhachaigh, ach bha feadhainn eile ann nach robh à Alba ach aig an robh ùidh sa Ghàidhlig, agus bha feadhainn dhiubh ag ionnsachadh Gàidhlig.

Bha daoine ann bho iomadh àite: An Ukraine, a’ Ghearmailt, Canada, na Stàitean Aonaichte, An Òlaind, New Zealand, Astràilia agus àite no dhà eile. Ach bha aon duine ann a rinn tòrr siubhail thairis air na bliadhnaichean agus e a’ tighinn chun a’ Mhòid. A rèir Raghnaill MhicAoidh, nuair a thilleas dhachaigh am-bliadhna bidh e air siubhal 200,000 mìle thairis air na h-ochd bliadhna a tha e air a bhith tighinn chun a’ Mhòid.

A’ bruidhinn ri mygaelic.com thuirt e: “Bha a’ chiad Mhòd agam ann an 2001 agus cha robh Gàidhlig agam an uair sin. Thachair mi ri Gillebrìde Mac a’ Mhaoilein nuair a bha e fhèin agus an teaghlach aige a’ siubhal ann an Astràilia agus thuirt e rium: carson nach tig thu chun a’ Mhòid? Bliadhna às dèidh sin thadhail mi air pàrantan Ghillebrìde ann an Uibhist a Deas agus thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig an uair sin.”

International Mod - Ceol Gorm California, a bhuannaich an fharpais airson comhlain aig a' Mhod. Bha feadhainn dhiubh an lathair aig a' chruinneachadh eadar-naiseanta Dihaoine/Ceol Gorm California who won the Folk Group competition. Some of the members were at the Mod's international gathering on Friday.

Rinn Raghnall an cùrsa inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig, far am bi daoine ag ionnsachadh air a’ fòn, agus tha e cuideachd an sàs ann am buidhnean Gàidhlig ann an Astràilia. A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha Raghnall air seinn ann an farpaisean a’ Mhòid thar nam bliadhnaichean agus tha dòigh gu math innleachdach (ingenious) aige beagan comhairle (advice) fhaotainn mun t-seinn aige.

Thuirt e: “’S e tidsear mìorbhaileach a th’ ann an Iseabail T. NicDhòmhnaill. Ma bhios mi ag iarraidh cuideachadh, an toiseach bidh mi a’ clàradh (record) faidhle MP3, agus an uair sin bidh mi ga chur gu Iseabail. Bidh Iseabail an uair sin ag èisteachd ris agus a’ toirt comhairle dhomh ann am post-dealain. Agus bidh sinn a’ bruidhinn ri chèile air a’ fòn cuideachd. Agus tha sin ag obair glè mhath.”

Agus a rèir Raghnall tha am Mòd air leth feumail nuair a thig e gu cothroman a’ Ghàidhlig aige a chur gu feum: “Tha daoine uabhasach cuideachail. Mar eisimpleir, an t-àite far a bheil mi a’ fuireach, anns a’ mhadainn, bha sinn a’ gabhail bracaist agus thuirt mi ‘good morning’ ri boireannach, agus an uair sin thuirt mi rithe a bheil Gàidhlig agad, agus thuirt i: tha Gàidhlig gu leòr agam. Agus às dèidh sin bha sinn a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig.”

Agus an uair sin bha fear às a’ Ghearmailt Harald Meyenburg a thog ùidh anns a’ Ghàidhlig agus am Mòd o chionn bliadhna no dhà. Thòisich an ceangal (connection) aige ri Alba o chionn 24 bliadhna nuair a thàinig au pair a dh’Alba a dh’obair dha fhèin agus a theaghlach. An uair sin nuair a bha e air turas ann an Dùn Omhain o chionn còrr is bliadhna chuala e mun Mhòd airson a’ chiad uair, agus tha e fhèin a-nis ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha e fhèin agus feadhainn eile bhon Ghearmailt a’ seinn mar chòisir ann an aon de farpaisean a’ Mhòid!

Tha e coltach gu bheil am Mòd a’ sìor fhàs nas eadar-nàiseanta, agus gu bheil na Gàidheil agus na Gàidheil ùra a’ còrdadh glan ri chèile.

Bho Alasdair Caimbeul

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: