Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Sgiath Mhic Shimidh (Lovat Shield) a’ dol air ais gu Inbhir Pheofharain

MOD LOGO 200x200

Bhuannaich Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn (Lovat and Tullibardine Shield), a’ phrìomh fharpais (competition) airson nan còisirean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Bha na britheamhan (judges) gu math toilichte leis cho math sa bha Gàidhlig nan còisirean, agus fhuair Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain na comharran (marks) as àirde airson ceòl.

Thuirt am britheamh Gàidhlig Gillebrìde Mac a’ Mhaoilein: “Bha an fharpais uabhasach math agus bha sinn uabhasach toilichte leis na chuala sinn de dheagh Ghàidhlig, agus tha an luchd-teagaisg Gàidhlig aca cuideachd rim moladh (to be praised) gu mòr.”

Thuirt Kirsteen Menzies, stiùiriche na còisir: “Bha an fharpais dìreach sgoinneil agus gu math faisg. Tha sinn dìreach fortanach gun do bhuannaich sinn. Fhreagair (suited) an t-òran ainmichte gu math air a’ chòisir, bha an t-òran a roghnaich (chose) sinn cuideachd gu math freagarrach, Cabar Fèidh, oir tha dlùth cheangal (close connection) aige ris an sgìre againn.”

Bhuannaich Inbhir Pheofharain prìomh dhuais nan còisirean an-uiridh cuideachd, a’ chiad bhliadhna aig Kirsteen na stiùiriche. Ron sin bha a h-athair Hamish na stiùiriche air a’ chòisir fad 37 bliadhna. Fhuair Còisir Ghàidhlig Lunnainn an treas àite.

Lovat winners Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain/Dingwall Gaelic Choir

There are no comments on this item.

    Follow us on: