Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Sgiath MhicShimidh a’ dol air ais gu Inbhir Pheofharain

MOD LOGO 200x200

Ann am prìomh fharpais nan còisirean, b’ e Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a bhuannaich Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn agus dìreach aon phuing eadar iad fhèin agus Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Mhol na britheamhan ìre na Gàidhlig aig na còisirean agus fhuair Inbhir Pheofharain na comharran as àirde airson ceòl.

Thuirt am britheamh Gàidhlig, Gillebrìde Mac a’ Mhaoilein: “Bha an fharpais uabhasach math agus bha sinn uabhasach toilichte leis na chuala sinn de dheagh Ghàidhlig, agus tha an luchd-teagaisg Gàidhlig aca cuideachd rim moladh gu mòr.”

Thuirt Kirsteen Menzies, stiùiriche na còisir: “Bha an fharpais dìreach sgoinneil agus gu math faisg. Tha sinn dìreach fortanach gun do bhuannaich sinn. Fhreagair an t-òran ainmichte gu math air a’ chòisir, agus cha b’ urrainn dhuinn na b’ fheàrr na Cabar Fèidh a roghnachadh, òran le dlùth cheangal ris an sgìre.”

Bhuannaich Inbhir Pheofharain prìomh dhuais nan còisirean an-uiridh cuideachd, a’ chiad bhliadhna aig Kirsteen na stiùiriche. Ron sin bha a h-athair Hamish na stiùiriche air a’ chòisir fad 37 bliadhna. Fhuair Còisir Ghàidhlig Lunnainn an treas àite.

Lovat winners Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain/Dingwall Gaelic Choir

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: