’S ann cudromach a tha e, ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith maireann, gun tòisich clann ga h-ionnsachadh nuair a tha iad glè òg. Sin dìreach na tha a’ tachairt aig Cròileagan Chomar nan Allt! Agus chan e dìreach a’ chlann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, tha agus am pàrantan cuideachd! Air sgàth taic bho Bhòrd na Gàidhlig, tha clann agus pàrantan ag ionnsachadh Gàidhlig aig an aon àm agus iad a’ togail abairtean a chleachdas iad san dachaigh.
Ge-tà, b’ fheudar do na clasaichean tighinn gu crìoch!! Chan eil luchd-obrach ann!! An urrainn dhut, no duine sam bith as aithne dhut, uair a thìde no dhà gach seachdain a chur seachad agus an obair seo a ghabhail òs làimh los gun cùm a’ chlann ag ionnsachadh? Chan eil a dhìth ach comasan bunaiteach ann an Gàidhlig agus dearbhadh farsaing a dhèanamh air d’ fhiosrachadh pearsanta. ’S ann feasgar a tha an cròileagan ga ruith agus tha saorsa ann a thaobh dè na làithean.
Airson tuilleadh fiosrachaidh leig fios gu: croileaganboghafrois@googlemail.com
Buidheann Carthannais Clàraichte: SC039186
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.