Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Sandstone Press a’ Foillseachadh (publish/launch) Dà Leabhar Ùr

by mygaelic.com

Tha sreath (series) de leabhraichean Gàidhlig aig Sandstone Press airson luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre adhartach (at an advanced level), agus tha dà leabhar ùr san t-sreath seo: Cleasan a’ Bhaile Mhòir le Catrìona Lexy Chaimbeul agus Cogadh Ruairidh le Iain MacIllEathain...

Tha na leabhraichean seo nan nobhailean (novels) goirid le mu 100 duilleag anns gach fear, agus còrdaidh iad ri daoine. Nuair a tha thu air tòiseachadh air leabhar, bidh feum agad an uair sin an leabhar sin a chrìochnachadh. Tha an stòiridh fhèin ann an Gàidhlig gun eadar-theangachadh (translation), ach tha geàrr-chunntas (summary) Beurla aig toiseach an leabhair agus tha geàrr-chunntas Beurla aig toiseach gach caibideil (chapter). Mar sin, gheibh thu beagan fiosrachaidh mu dheidhinn dè tha a’ tachairt san leabhar. Cuideachd, tha liosta de dh’fhaclan (a’ Bheurla airson cuid de na faclan Gàidhlig) aig deireadh a h-uile caibideil. Mar sin, nuair nach eil thu a’ tuigsinn dè tha facal doirbh a’ ciallachadh, faodaidh tu coimhead air an liosta, agus an uair sin bidh fhios agad dè tha am facal a’ ciallachadh. Airson an neach-ionnsachaidh a tha aig ìre adhartach, cha bhi na leabhraichean seo ro fhurasta, ach cha bhi iad ro dhoirbh nas motha, agus còrdaidh na leabhraichean seo ri daoine a tha fileanta sa Ghàidhlig cuideachd.

Cleasan book cover - sandstone

Chuidich Dòmhnall Iain MacLeòid, a bha na Oifigear Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, le bhith a’ cruthachadh (creating) nan leabhraichean seo. Tha dà leabhar eile san t-sreath seo mu thràth, Litir à Ameireagaidh le Flòraidh NicDhòmhnaill and Sgeulachdan an Dà Shaoghail ann an Ceithir Litrichean le Mìcheal Newton. Bha Iain MacDhòmhnaill, Stiùiriche (Director) Comhairle nan Leabhraichean, gu mòr an sàs (involved) sa phròiseact seo agus thug a’ Chomhairle taic fhialaidh (generous support) dha.

Cogadh_Ruaridh - book cover

Thuirt an t-Àrd Mhanaidsear (Managing Director) aig Sandstone Press , Raibeart Davidson: ““Tha sinn uabhasach toilichte mun dà leabhar ùr seo agus gu bheil sinn a’ dèanamh obair leis an dithis ùghdar seo ann an Gàidhlig. Dh’obraich an dà leabhar eile a rinn sinn fìor mhath airson luchd-ionnsachaidh adhartach, agus tha sinn cinnteach gu bheil an dà leabhar ùr seo a’ dol a bhith nas fheàrr buileach, oir tha geàrr-chunntasan Beurla annta agus liostaichean de dh’fhaclan cuideachd airson daoine a chuideachadh. Dh’fhoillsich sinn na leabhraichean seo aig a’ Mhòd san Òban am bliadhna, agus thuirt mòran luchd-ionnsachaidh “gu robh iad glè fheumail”. Tha mi an dòchas gun cleachd daoine na leabhraichean seo mar ghoireas ionnsachaidh (learning resource) agus tha mi an dòchas gun còrd iad ri daoine a tha dèidheil air (keen on) stòiridh mhath. Tha an stòiridh uabhasach cudromach sna leabhraichean seo, coltach ri tòrr leabhraichean eile, tha thug na h-ùghdaran agus am fear-deasachaidh (editor) Dòmhnall Iain MacLeòid stòiridhean fìor mhath dhuinn. Tha leabhraichean a-nis againn mu eucoir (crime), uirsgeul (myth), comadaidh romansach (romantic comedy) agus cogadh (war). Tha e gu math feumail don chànan agus luchd na Gàidhlig gu bheil cuspairean mar seo aca ann an clò (in print). Tha mi a’ coimhead air adhart ri tòrr a bharrachd leabhraichean fhoillseachadh agus tha mi an dòchas gun cleachd daoine iad san rùm-sgoile agus san dachaigh. Tha tòrr a bharrachd obair ri dhèanamh.”

Faodaidh tu na leabhraichean seo òrdachadh (ordered) anns a’ mhòr-chuid (majority) de bhùthan-leabhraichean agus gheibh thu iad cuideachd bho Chomhairle nan Leabhraichean agus air an eadar-lìon (internet). Gheibh thu ceanglaichean (links) cuideachd ri Amazon, Books for Scotland, Borders agus Waterstones air na duilleagan mu na leabhraichean aig www.sandstonepress.com le prìs £7.99 air a mholadh (recommended).

There are no comments on this item.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com