Sandstone Press a’ Foillseachadh Dà Leabhar Ùr
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha dà thiotal ùr san t-sreath Ghàidhlig aig Sandstone Press, a tha san fharsaingeachd ag amas air Luchd-ionnsachaidh Adhartach, Cleasan a’ Bhaile Mhòir le Catrìona Lexy Chaimbeul agus Cogadh Ruairidh le Iain MacIllEathain...
’S e nobhailean goirid a th’ anns na leabhraichean le mu 100 duilleag anns gach fear agus nas cudromaiche na nì sam bith, ’s e leabhraichean susbainteach, tlachdmhor a th’ annta. Aon uair ’s gun toisich thu fear, cha bhi stad ort ga chrìochnachadh. Gheibh thu an stòiridh fhèin ann an Gàidhlig gun tionndadh Beurla, ach gheibh thu geàrr-chunntas Beurla aig toiseach nan leabhraichean agus mìneachadh am Beurla aig toiseach gach caibideil. Mar sin gheibh an neach-leughaidh co-theacs a bheir tuigse dhaibh, agus bidh tuairmse mhath aca co air a tha an stòiridh a-mach. Cuideachd, tha liosta de dh’fhaclan (Gàidhlig gu Beurla) aig deireadh gach caibideil. Mar sin faodaidh an neach-leughaidh, nuair nach eil iad a’ tuigsinn, a dhol gu deireadh a’ chaibideil gus an ciall a lorg agus an uair sin a dhol air ais far an robh iad agus iad a-nis a’ tuigsinn an fhacail/na h-abairt. Bu chòir, ma-tha, gum bi na leabhraichean seo a’ cur an Neach-ionnsachaidh Adhartach gu dùbhlan ach aig an aon àm gun a bhith ro adhartach, agus tha goireas ann gus tuigse fhaighinn air na faclan doirbh, agus gheibh fileantaich tlachd às na leabhraichean seo.
Chaidh cruth nan leabhraichean ùra seo a leasachadh le Dòmhnall Iain MacLeòid, a chleachd a bhith na Oifigear Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd. Chaidh dà leabhar fhoillseachadh mu thràth san t-sreath, Litir à Ameireagaidh le Flòraidh NicDhòmhnaill agus Sgeulachdan an Dà Shaoghail ann an Ceithir Litrichean le Mìcheal Newton. Bha Iain MacDhòmhnaill, Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, gu mòr an sàs sa phròiseact seo agus thug a’ Chomhairle taic fhialaidh dha.
Tha Àrd Mhanaidsear Sandstone Press, Raibeart Davidson, ag ràdh, “Tha sinn uabhasach toilichte mun dà leabhar ùr seo agus gu bheil sinn a’ dèanamh obair leis an dithis ùghdar seo ann an Gàidhlig. Dh’obraich an dà leabhar eile fìor mhath airson luchd-ionnsachaidh adhartach, agus ’s cinnteach gun dèan an dà leabhar ùr, leis na geàrr-chunntasan Beurla agus liostaichean fhaclan aca, feum nas fheàrr buileach. Dh’fhoillsich sinn na leabhraichean seo aig Mòd an Òbain am bliadhna agus thuirt mòran luchd-ionnsachaidh “gur e seo an dearbh rud a bha dhith orra”. Tha mi an dòchas gun tèid na leabhraichean seo a chleachdadh mar ghoireas ionnsachaidh agus gu dearbh do dhuine sam bith a tha dèidheil air deagh leabhar, tha mi an dòchas gun còrd iad riutha mar dheagh sgeulachd. Coltach ri iomadh leabhar ’s e an stòiridh fhèin as cudromaiche, agus tha gach fear is tè de na h-ùghdaran leis an robh sin ag obair, agus Dòmhnall Iain MacLeòid am fear-deasachaidh, air stòiridhean air leth a thoirt dhuinn. Gu ruige seo tha eucoir, uirsgeul, comadaidh romansach agus cogadh air a bhith againn. Tha e chum maith a’ chànain agus nan daoine a tha ga chleachdadh gu bheil caochladh chuspairean mar seo aca. Tha mi a’ coimhead air adhart ri tòrr a bharrachd leabhraichean den t-seòrsa seo fhoillseachadh agus tha mi an dòchas gun cleachdar iad san rùm-sgoile agus san dachaigh. Tha tòrr a bharrachd obair ri dhèanamh.”
– Gabhaidh na leabhraichean seo òrdachadh anns a’ mhòr chuid de bhùthan-leabhraichean agus gheibhear iad cuideachd bho Chomhairle nan Leabhraichean agus air an eadar-lìon. Gheibhear ceanglaichean cuideachd ri Amazon, Books for Scotland, Borders agus Waterstones air na duilleagan mu na leabhraichean aig www.sandstonepress.com le prìs £7.99 air a mholadh.


Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.