Tha eòlas (experience in the field) farsaing aig Dòmhnall MacNeill air saoghal na Gàidhlig agus leasachadh ann an iomadach raon obrach. Mus do thòisich e ag obair do Chomhairle na Gàidhealtachd, bha Mghr MacNèill air deich bliadhna a chur seachad ag obair aig Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean ann an diofar dhreuchdan (different roles). Roimhe sin bha e air a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig le gach cuid Telebhisean Ghrampian, STV agus BBC Rèidio nan Gàidheal.

Thuirt Cathraiche (chairman) Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall Dòmhnallach: “Tha sinn air leth toilichte Dòmhnall MacNèill ainmeachadh mar Cheannard ùr. Tha e follaiseach gu bheil farsaingeachd de sgilean is eòlas aige a bheir cothrom dha cur gu mòr ris an obair againn, agus tha sinn cinnteach gun tèid aige air an sgioba againn agus na pròiseactan anns a bheil sinn an-sàs (involved in or running) a ghluasad gu ìre eile, gan tarraing còmhla gus an grunn dhiofar uallaichean is amasan a choileanadh.”
Thuirt Dòmhnall MacNèill: “Tha mise gu math toilichte an dreuchd tha seo a ghlèidheadh aig an ìre sa. Tha e gu math soilleir gu bheil sinn uile a’ tighinn beò aig àm gu math dùbhlanach ach inntinneach leis an dà chuid cunnartan agus cothroman an saoghal na Gàidhlig. Dh’fhaodadh gu bheil sin gu sònraichte fìor do dh’ iomairtean leasachaidh na Gàidhlig measg choimhearsnachdan aig a’ cheart àm. A dh’aindheoin sin, tha mise dhan bheachd gu bheil de dh’ earbsa agus creideas aig daoine ann an Comunn na Gàidhlig agus an obair a tha a’ bhuidheann a’ dèanamh, gun toir sin cothrom dhòmhsa, agus dhan sgioba-obrach air fad, cùisean a’ ghluasad air adhart còmhla, agus gu sònraichte le ar n-iomairtean coimhearsnachd.”
Tha Comunn na Gàidhlig a-sàs ann an raointean, bho sgeamaichean do oileanaich, gu sgeamaichean soidhnichean dà-chànanach ach gu sonraichte ag obair ann an coimhearsnachdan leis na h-Iomairtean Gàidhlig a tha iad a’ steidheachadh an diofar choimhearsnachdan air feadh Alba. Tha iad an-sàs anns an obair seo gu sònraichte as leth Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.
A’ bruidhinn mun obair a tha gu bhith aig Dhòmhnall MacNèill ri dhèanamh agus CnaG ‘s an fharsaingeachd, thuirt Dòmhnall Dòmhnallach: “Tha e ceart gu bheil sinn ag obair ann an suidheachadh gu math duilich – suidheachadh a th’air a bhi fàs nas duilghe is nas duilghe thar ùine. Tha Bòrd stiùiridh na companaidh air a bhi an-sàs ann an lèirmheas air structar, prìomhachasan agus obair na buidhne bho chionn greiseag. Tha sinn an dùil sin a’ chur an cèill anns na beagan sheachdainnean a tha romhainn. Ged a dh’fhaodadh cuid a’ cho-dhùnaidhean duilich a bhi an lùib seo, tha sinn den bheachd gum bith a’ chompanaidh ann an suidheachadh nas treasa as a dhèidh, agus tha mi cinnteach gun cuir Dòmhnall MacNèill gu mòr ris an obair a tha sin agus na dùbhlain a tha romhainn.”
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.