Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Ceòl is ÒrainMusic and Song Music and SongCeòl is Òrain
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Tha tòrr a’ tachairt ann an saoghal ceòl Gàidhlig. Tha na còmhlain is seinneadairean ainmeil a’ dol bho neart gu neart, agus tha còmhlain agus seinneadairean ùra a’ nochdadh fad an t-siubhail. Tha fèisean, cèilidhean agus cuirmean-ciùil gan cumail air feadh na dùthcha, gu dearbh air feadh an t-saoghail, agus tha ainmean mar Runrig, Capercaillie agus Julie Fowlis a-nis aithnichte ann an iomadach dùthaich thall thairis.
Cluinnear na seann òrain thraidiseanta tric gu leòr fhathast, ach cluinnear cuideachd roc, punc agus iomadh seòrsa ciùil eile a-nis. Dè an ceòl as fheàrr leat-sa?
Tha a’ bhana-sheinneadair òg à Uibhist a Tuath air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dhi fhèin agus am measg nan daoine ainmeil a bhios ag èisteachd rithe tha KT Tunstall, Ricky Gervais agus an craoladair Mark Radcliffe. Fhuair an clàr as ùire aice ‘Cuilidh’ duais airson clàr na bliadhna, agus fhuair Julie fhèin duais mar Sheinneadair Traidiseanta na Bliadhna bho BBC Rèidio 2 ann an 2008. Tha i cuideachd air dreachd Ghàidhlig den òran ‘Blackbird’ leis na Beatles a chlàradh airson foillseachadh ùr den chlàr ‘The White Album’ a tha an iris MOJO air a dhèanamh còmhla ri grunn luchd-ciùil an latha an-diugh. Tha i a-nis na Tosgaire na Gàidhlig airson Alba agus tha clàr ùr aice, ‘Dual’, a rinn i còmhla ri Éamonn Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh agus Ross Martin.
Ged a tha buill a’ chòmhlain air atharrachadh thar nam bliadhnaichean, tha fèill mhòr fhathast air Runrig, an dà chuid ann an Alba agus thall thairis. Tha iad air ceòl Gàidhlig a chur am fianais an t-saoghail mhòir mar nach do rinn duine riamh, agus bha an DVD mu dheireadh aca, ‘Year of the Flood’, aig mullach a’ chlàir oifigeil airson DVDan ciùil san Rìoghachd Aonaichte. Bidh cuimhne aig gu leòr againn air a bhith aig consairt aig Loch Laomainn, Loch Nis, ann an Caisteal Dhùn Èideann, no ann am Bonn no Freiburg. Agus tha e coltach a-nis gu bheil iad gu bhith a’ cluich aig Lùchairt Sgàin ann an 2009 aig cuirm-chiùil mhòir a tha na pàirt den iomairt ‘Tilleadh a dh’Alba 2009’.
’S e còmhlan ùr a th’ ann an Sunrise not Secular à Leòdhas, agus bidh iad a’ seinn ann an Gàidhlig agus Beurla. Tha iad mu thràth air taic a chumail ri còmhlain ainmeil leithid Runrig agus Na Sawdoctors, agus dh’fhoillsich iad a’ chiad EP aca, ‘Toiseach an Turais’, ann an 2008. Seo agad còmhlan òg Gàidhlig a bhios a’ cluich ceòl roc agus Ceilteach, agus gu dearbh chan eil teagamh ann gun cluinnear barrachd agus barrachd mun deidhinn san àm ri teachd. ’S iomadh duine a tha a’ dol a thòiseachadh air turas còmhla ris na balaich seo à Leòdhas.
Chan fheum duine cus a ràdh mu Christine Primrose à Càrlabhagh ann an Leòdhas. Ma dh’èisteas tu rithe a’ seinn innsidh sin cò i, cò às a tha i, gu bheil i air a bogadh ann an dualchas ceòl na Gàidhlig, gu bheil i air aon de na sàr sheinneadairean traidiseanta, gu bheil i air cliù a chosnadh dhi fhèin mar tè aig a bheil guth a tha cho binn agus fìrinneach. Tha Cairistìona air a bhith na tosgaire airson ceòl Gàidhlig fad iomadh bliadhna, a’ seinn agus a’ teagasg air feadh an t-saoghail. Ma tha seinn thraidiseanta a’ còrdadh riut, èist ri Christine Primrose, oir na guth-se cluinnear dualchas nan Gàidheal a’ tighinn beò.