Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Ceòl is Òrain

Tha tòrr a’ tachairt ann an saoghal ceòl Gàidhlig. Tha cèilidhean, fèisean agus cuirmean-ciùil (concerts) ann air feadh (throughout) an t-saoghail, agus tha Runrig, Capercaillie agus daoine mar Julie Fowlis ainmeil airson seinn ann an Gàidhlig. Tha sinn a’ cluinntinn òrain thraidiseanta gu leòr, ach tha sinn cuideachd a’ cluinntinn roc, punc agus stoidhlichean (styles) eile ann an Gàidhlig.

Julie Fowlis

Tha an seinneadair òg seo à Uibhist, agus bidh daoine ainmeil mar KT Tunstall, Ricky Gervais agus Mark Radcliffe ag èisteachd ri ceòl Julie. Fhuair an clàr as ùire aice, ‘Cuilidh’, duais (prize) airson clàr (album) na bliadhna. Agus fhuair Julie duais airson Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna bho Rèidio 2.

Runrig

Tha Runrig air atharrachadh thairis air (over the) na bliadhnaichean. Ach tha iad fhathast a’ còrdadh ri daoine gu mòr. Bha an DVD mu dheireadh aca anns a’ chiad àite ann an clàr (chart) nan DVDan airson ceòl ann am Breatainn. Tha cuimhne aig gu leòr de dhaoine air cuirm-chiùil le Runrig: ann an àiteachan mar Loch Laomainn, Loch Nis agus ann an Caisteal Dhùn Èideann. Agus tha iad a’ dol a chluich ann an Lùchairt Sgàin (Scone Palace) ann an 2009.

Sunrise not Secular

’S e còmhlan ùr a th’ ann an Sunrise not Secular. Tha iad à Leòdhas agus bidh iad a’ seinn ann an Gàidhlig agus Beurla. Chluich iad còmhla ri Runrig agus Na Sawdoctors agus rinn iad a’ chiad EP aca, ‘Toiseach an Turais’, ann an 2008. Tha tòrr dhaoine a’ dol air an turas còmhla ri Sunrise not Secular.

Christine Primrose

Tha Christine Primrose à Càrlabhagh ann an Leòdhas agus bidh i a’ seinn òrain thraidiseanta ann an Gàidhlig. Tha i gu math ainmeil mar sheinneadair Gàidhlig, agus bidh i a’ teagasg seinn Ghàidhlig cuideachd.

Follow us on: