Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Susbaint Neo-cheadaichte.

Bòrd na Gàidhlig...

BNG logo

...a’ dearbhadh prìomh àrd-dhreuchd

Tha Bòrd na Gàidhlig air Daibhidh Boag taghadh (chosen) mar Leasaiche Cànain Gàidhlig. Bidh Mgr Boag, a tha an-dràsta (at the moment) ann an dreuchd Manaidsear Leasachaidh agus Iar-Cheannard aig Fèisean nan Gàidheal, a’ tòiseachadh san dreuchd ùr (new post) aig toiseach na Bliadhna Ùir.

Chaidh Mgr Boag a thaghadh bho gheàrr-liosta (shot-list) de cheathrar thagraichean (candidates). Bha am pannal taghaidh air a stiùireadh sa chathair le (chaired by) Iain Aonghas MacAoidh, a tha na bhall (member) den Bhòrd. Thuirt e: “Tha fastadh (appointment) Dhaibhidh Boag a’ comharrachadh prìomh ìre anns a’ phròiseas (project) a tha am Bòrd a’ gabhail os làimh a thaobh structar ùr. Tha e a’ tighinn a-steach dhan bhuidheann le cliù obrach (relevant experience) a tha air a dhearbhadh ann an aon de na roinnean as dùbhlanaich (most difficult sectors) ann an leasachadh (development of) na Gàidhlig, ag obair le daoine òga. Le bhith na neach-ionnsachaidh fileanta sa chànan e fhèin, agus na phàrant le dhithis chloinne (two children) òga, tha eòlas practaigeach (practical experience) aige air na tha a dhìth an lùib a bhith a’ faotainn seasmhachd don Ghàidhlig san fhad-ama ri teachd (long term). Tha ar prìomh amas mar Bhòrd san àm ri teachd air cruthachadh ginealach ùr (to secure a future generation) de luchd-labhairt na Gàidhlig. ’S ann air an dachaigh, luchd-ionnsachaidh agus a’ choimhearsnachd a bhios sinn dha-rìribh a’ cuimseachadh agus tha Daibhidh air a bhith ag obair san roinn sin airson iomadach bliadhna a-nis. Ghabh am pannal taghaidh deagh bheachd air a chuid phlanaichean airson na h-ama ri teachd agus tha an dreuchd aige gar toirt dà thrian den t-slighe a dh’ionnsaigh sgioba de thrì àrd dhreuchdan, a’ toirt dhuinn na Stiùirichean a bhios a’ buileachadh Plana Gnìomh a’ Mhinisteir bho thoiseach na Bliadhna, agus mar sin a’ luathachadh ar n-oidhirp air Plana Nàiseanta na Gàidhlig a liubhairt.”

D Boag Head and shoulders 23112009 (2)

Tha Daibhidh Boag (37), a’ fuireach ann an Inbhir Nis far a bheil a dhithis mhac a’ frithealadh (attending) Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha e a’ seinn ann an Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis agus tha e a’ cluiche na fìdhle sa chòmhlan Meantime. Tha ceum (degree) MSc aige ann am Planadh Ghoireasan Roinneil agus Dùthchail (Rural and Regional Resources Planning) a thuilleadh air MA bho Oilthigh Obar Dheathain (Aberdeen University). Bha e a’ frithealadh Àrd-sgoil Phort Rìgh bho 1984-1990.

Thuirt e: “Tha mi air leth toilichte gu bheil mi a’ gabhail a’ phrìomh cheum seo air adhart nam dhreuchd ann an leasachadh na Gàidhlig, an dèidh fìor thlachd fhaotainn às an àm a bh’ agam aig Fèisean nan Gàidheal thar nan 12 bliadhna a chaidh seachad. Tha mi air a bhith an sàs ann an raon fharsaing de bhuidhnean Gàidhlig thar nam bliadhnaichean sin agus tha mi air eòlas farsaing fhaotainn agus tuigse de na dùbhlain a tha mu choinneamh gach buidheann. Ach ’s e an nì as cudromaiche gu bheil e soilleir nam inntinn far a bheil na prìomh dhùbhlain (challenges) sin a-nis. Bidh mi a’ cuimseachadh (focusing) liubhairt Plana Nàiseanta na Gàidhlig (National Plan for Gaelic) air an taic (support) a dh’fhaodas sinn a thoirt do phàrantan san dachaigh gus a thighinn gu na co-dhùnaidhean as fheàrr a th’ ann mu fhoghlam an cuid chloinne, agus cuideachd mar as fheàrr a chuireas sinn taic èifeachdach ri oidhirpean nan daoine sin a tha ag ionnsachadh Gàidhlig aig an àm seo. Tha gu leòr eile ann cuideachd aig a bheil ìre air choreigin de Ghàidhlig a thuilleadh orrasan a bhios a’ tòiseachadh aig an toiseach. Ged nach bi comas aig gach neach fileantachd a ruighinn, bidh barrachd dhaoine a tha an lùib nam buannachdan co-cheangailte ri dà-chànanas, a’ cur ri seasmhachd agus leasachadh aon de na rudan as prìseil a th’againn ann an Alba.”

Chaidh Mgr Boag a thaghadh airson na dreuchd le pannal de dhithis bhall den Bhòrd, Iain Aonghas MacAoidh, a bha sa Chathair agus Anna NicSuain, còmhla ri Jo NicDhòmhnaill agus Ùisdean MacIllinnein, buill de Sgioba Stiùiridh Eadar-amail a’ Bhùird (ISST). Tha am pròiseas taghaidh (selection process) airson an trìtheamh Leasaiche, Seirbheisean Corporra (corporate services), a’ dol air adhart. Thathar an dùil gum bi am Bòrd a’ sanasachadh airson Ceannard aig àm na Bliadhna Ùire.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: