Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Duaisean Trad MG ALBA 2009

Fhuair luchd-ciùil Gàidhlig grunn dhuaisean (prizes) aig Duaisean Trad MG ALBA 2009. Chaidh oidhche nan duaisean a chumail san DG One Centre ann an Dùn Phris airson a’ chiad uair, air Disathairne 28 Samhain...

Bha luchd-ciùil is seinneadairean bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus iad de gach aois, an làthair, agus feadhainn a’ seinn, feadhainn a’ cluich agus gu leòr dhiubh a’ togail dhuaisean. B’ e Christine Primrose Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, ghlèidh Bodega (buidheann de òganaich a chleachd a bhith aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc) an duais airson Còmhlan Albannach Traidiseanta na Bliadhna, agus fhuair Fèis Cheilteach Innse Gall an duais airson Tachartas na Bliadhna. Fhuair Cuairt-cèilidh a’ Chànail Chaileannaich moladh mòr cuideachd agus iadsan a’ togail na duaise airson Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna, agus fhuair Mairearad Green bho Achd Ille Bhuidhe an duais airson Sgrìobhadair Ciùil na Bliadhna.

Ged as e an t-seirbheis dhuaisean a bha aig cridhe ghnothaichean na h-oidhche, agus i air a clàradh airson craoladh air Latha an Naoimh Anndra air BBC ALBA, bha fealla-dhà is dibhearsain gu leòr a’ dol cuideachd, le feadhainn a’ toirt iomradh air poilitigs, agus feadhainn eile a’ toirt luaidh eirmseach, car sgaiteach, air an fharpais a th’ ann eadar luchd-ciùil chànanan nàiseanta na h-Alba. A thuilleadh air na puirt èasgaidh bhon a’ chòmhlan Deaf Shepherd, agus dithis fhìdhlear air an ceann, dh’aithris John Moran bhon chòmhlan sin rann tuaileasach nach math dhuinn innse a-rithist, ach a sheall cho cumhachdach a dh’fhaodadh Albais a bhith.

A cheart cho cumhachdach, agus ’s e a chòrd ris a h-uile duine, bha Ruari Sutherland a sheall mar as urrainnear an ceòl beatbox, seòrsa de cheòl-beòil bonntaichte air faram, a mheasgachadh le seinn Ghàidhlig. Le trost an druma bass, sgal an cymbal agus sgròb is sgrìob an deejay uile a’ tighinn bho bheul Sutherland, chùm e taic ris an t-seinn Ghàidhlig aig Norrie MacÌomhair le ‘port-a-beul’ gu math eadar-dhealaichte bhon àbhaist, agus e a’ cur car gu math ùr dhan t-seann nòs.

Chuala sinn cuideachd aig an Treacherous Orchestra mar a dh’fhaodas nuadh cheòl agus ceòl traidiseanta tighinn còmhla, agus an uair sin chuir balaich Skipinnish à Tiriodh is Loch Abar nar cuimhne buadh maireannach a’ chiùil dannsa a tha cho bitheanta agus làidir air a’ Chost an Iar. Sheall am pìobaire Fred Moireasdan à Uibhist a Deas, le a chòmhlan am Fred Morrsion Trio, mar a thug ceòl Albannach buaidh air ceòl bluegrass, agus iad a’ cluich seat de phuirt shradagach a bha a’ tarraing air diofar stoidhlichean, nam measg swing Django Reinhardt agus ceòl bragail, beòthail Appalachia. Bha an còmhlan aig Donaidh Rothach cuideachd air turas tarsainn a’ Chuain Siar, agus iad a’ togail air faireachaidhean làidir co-cheangailte ri cianalas, agus le beagan cuideachaidh bho Kris Kristofferson, choimhead iad air na h-eadar-dhealachaidhean is ceistean a tha aig cridhe Ameireagaidh.

Mhol an Rothach cuideachd Mairead & Donaidh MacLeòid agus Noel Eadie bho Na h-Òganaich a sheall do Ghàidheil òga sna 1970an mus robh guth air Runrig agus Capercaillie gum faodadh na h-òrain sa chànan aca fhèin a bhith a cheart cho math agus tarraingeach agus a bha ceòl roc is pop aig an àm. Fhuair na h-Òganaich an duais airson Euchdan do Cheòl na Gàidhlig, a tha a’ ciallachadh gu bheil iad cuideachd a-measg Gaisgich Ceòl Traidiseanta na h-Alba a-nis, urram a fhuair am pìobaire is seinneadair ainmeil Rona Lightfoot air an oidhche cuideachd.

B’ e seann ghaisgeach eile, ’s dòcha cho math ri duine sam bith, a dhearbh mar bha an oidhche a’ toirt gach meur de cheòl traidiseanta na h-Alba còmhla (gach stoidhle, gach ginealach agus gach cànan) nuair a sheas an luchd-èisteachd air fad gus gàirdeachas a dhèanamh ri Robbie Shepherd agus an sgioba aige a fhuair duais airson am prògram aca The Reel Blend – prògram a tha BBC Alba a-nis air stad, a thug buaidh mhòr gun teagamh air daoine agus ceòl thar na 29 bliadhna a bha e ga chraoladh.

Sgrìobhte le Rob Adams

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: