Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Duaisean Trad MG ALBA 2009

Fhuair luchd-ciùil Gàidhlig grunn dhuaisean (prizes) aig Duaisean Trad MG ALBA 2009. Chaidh oidhche nan duaisean a chumail san DG One Centre ann an Dùn Phris airson a’ chiad uair, air Disathairne 28 Samhain...

Bha luchd-ciùil is seinneadairean bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean aig na Trads, feadhainn a bha òg agus feadhainn na bu shine. Bha feadhainn a’ seinn, bha feadhainn a’ cluich agus bha gu leòr dhiubh a’ togail dhuaisean. Fhuair Christine Primrose an duais airson Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, fhuair Bodega an duais airson Còmhlan Albannach Traidiseanta na Bliadhna (chleachd (used to) na daoine òga bho Bhodega a bhith nan sgoilearan aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc), agus fhuair Fèis Cheilteach Innse Gall an duais airson Tachartas (event) na Bliadhna. Fhuair Cuairt-cèilidh a’ Chànail Chaileannaich duais cuideachd, Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna, agus fhuair Mairearad Green bho Achd Ille Bhuidhe an duais airson Sgrìobhadair Ciùil na Bliadhna.

Bha na duaisean aig cridhe na bha a’ tachairt air an oidhche, agus chaidh an oidhche a chlàradh (recorded) airson a chraoladh (broadcast) air BBC ALBA air Latha an Naoimh (Saint) Anndra. Ach bha fealla-dhà agus spòrs gu leòr a’ dol air an oidhche cuideachd. Bha cuid a dhaoine a’ bruidhinn air poilitigs, agus bhruidhinn daoine eile mu mar a tha beagan farpais (competition) eadar luchd-ciùil le Gàidhlig agus luchd-ciùil Albannach le Albais (Scots). Bha an còmhlan-ciùil (band) Deaf Shepherd a’ cluich phuirt gu math beòthail (lively) agus bha pìos bàrdachd aig John Moran bhon chòmhlan-chiùil sin a bha beagan tuaileasach (scurrilous), ach bha am pìos cuideachd a’ sealltainn cho cumhachdach (potent) sa tha Albais.

An uair sin bha Ruari Sutherland, a bha gu math cumhachdach e fhèin. Bidh esan a’ dèanamh ceòl beatbox, seòrsa de cheòl-beòil (mouth music) a tha stèidhichte air faram (which is based on percussion). Bha Ruari a’ cumail taic, leis na fuaimean druma, cymbal is deejay aige, ri Norrie MacÌomhair a bha a’ seinn sa Ghàidhlig. Bha am port-a-beul a chuala sinn gu math eadar-dhealaichte bhon àbhaist.

Chuala sinn cuideachd an Treacherous Orchestra a bhios a’ cur ceòl traidiseanta agus ceòl ùr còmhla, agus an uair sin bha Skippinish a’ cluich ceòl dannsa traidiseanta, ceòl a tha cho bitheanta agus làidir air a’ Chost an Iar. Bha Fred Moireasdan, am pìobaire à Uibhist a Deas, agus a chòmhlan am Fred Morrison Trio a’ cluich cuideachd. Bha iad a’ sealltainn mar a thug ceòl Albannach buaidh (affected) air bluegrass, agus sna puirt (tunes) aig a’ chòmhlan chuala sinn diofar stoidhlichean mar swing Django Reinhardt agus ceòl bragail, beòthail Appalachia. Bha an còmhlan aig Donaidh Rothach cuideachd a’ coimhead tarsainn a’ Chuain Siar sa cheòl acasan. Chuala sinn beagan mun chianalas (longing for home) a bha cho cumanta aig daoine a bha a’ falbh a-null thairis, agus le beagan cuideachaidh bho Kris Kristofferson, choimhead iad air na h-eadar-dhealachaidhean is ceistean a tha aig cridhe Ameireagaidh.

Bhruidhinn Donaidh Rothach cuideachd mu Mairead & Donaidh MacLeòid agus Noel Eadie bhon chòmhlan-chiùil Na h-Òganaich. Anns na 1970an mus do thòisich Runrig agus Capercaillie, bha iad a’ sealltainn do Ghàidheil òga gu robh ceòl Gàidhlig a cheart cho math ri ceòl pop no roc aig an àm. Fhuair na h-Òganaich duais airson Euchdan (Achievements/Deeds) do Cheòl na Gàidhlig. Agus fhuair iad fhèin agus am pìobaire agus seinneadair ainmeil Rona Lightfoot urram (honour) eile, tha iad a-nis am measg Gaisgich (Heroes) Ceòl Traidiseanta na h-Alba.

Sheall seann ghaisgeach eile mar a bha na Trads a’ toirt daoine còmhla bho gach taobh de cheòl traidiseanta na h-Alba. Fhuair Robbie Shepherd agus an sgioba aige duais airson a’ phrògraim aca The Reel Blend, agus sheas a h-uile duine san luchd-èisteachd gus sealltainn cho moiteil (proud) sa bha iad de na rinn Robbie agus an sgioba aige. Chan eil am prògram air an rèidio tuilleadh, ach thug am prògram buaidh mhòr air ceòl na h-Alba thairis air na 29 bliadhna a bha e air an rèidio.

Sgrìobhte le Rob Adams

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: