Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Susbaint Neo-cheadaichte.

‘Soillseachadh’ ùr Albannach a’ faighinn maoin tasgaidh co-obrachail de £5.29 millean

Tha maoineachadh de £5.29 millean airson rannsachadh gus taic is ath-bheothachadh a thoirt air cànan is cultar na Gàidhlig gu bhith air a cho-roinn eadar ceithir institiudan foghlaim àrd-ìre ann an Alba ann an ro-innleachd rannsachaidh ùir...

’S e com-pàirteachais rannsachaidh a tha ann an Soillse, a tha a’ gabhail a-steach Institiud nam Mìle Bliadhna (OGE) agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhun Èideann agus Ghlaschu. Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) a’ cur £1.866 millean ris le £2.483 millean a’ tighinn bho na h-institiudan, £0.541 millean bho Bhòrd na Gàidhlig agus £0.4 millean bho Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean.

Thèid am maoin tasgaidh a chleachdadh gus sàr luchd-rannsachaidh fhastadh, naoi sgoilearachdan ollamhachd a stèidheachadh thar nan institiudan com-pàirteachaidh, le co-dhiù ceithir dhiubh an co-bhoinn ri buidhnean aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, agus co-labhairt bliadhnail air a chumail gus lorgaidhean nan rannsachaidhean a thaisbeanadh.

Bidh e na phrìomh dhleastanas aig Soillse fios a chumail ri Riaghaltas na h-Alba mu na prìomhachasan eaconomach is sòisealta airson na Gàidhlig. Bidh na ceithir institiudan ag obair an com-pàirt le prìomh bhuidhnean, leithid Bhòrd na Gàidhlig, gus am fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh bhon rannsachadh a cho-roinn airson fios a chumail ri oidhirpean nàiseanta is ionadail gus tionndadh a thoirt air crìonadh na Gàidhlig agus gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an ceàrnaidheanan far nach eilear ga bruidhinn gu dualchasach.

Thuirt Mark Batho, Àrd-oifigear an SFC: “Tha eachdraidh bheairteach is ioma-dhathach aig Alba agus chluich a’ Ghàidhlig pàirt chudromach san eachdraidh sin. Tha sinne dhan bheachd gu bheil e cudromach gum bi cànan is cultar na Gàidhlig air a bhrosnachadh gus a bhith a’ cinneachadh is a’ leasachadh agus tha mi toilichte gun urrainn dhuinne agus na com-pàirtichean eile rannsachadh a mhaoineachadh gus am pàirt sònraichte seo de dhearbh-aithne na h-Alba a chumail beò.” Thuirt Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha: “Tha mi cinnteach gun cluich an com-pàirteachas seo pàirt chudromach ann a bhith a’ dealbhadh mar a bhios sinn a’ gluasad air adhart le ar n-obair ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean a tha romhainn.

“Feumadh sinn ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig a chruthachadh gus meur bheairteach de bheatha chultarail na h-Alba agus coimhearsnachd cànain sònraichte ann an Alba a dhìon.

“Seach gu bheil com-pàirtichean Soillse sgaoilte air feadh gach ceàrnaidh den dùthaich, chithear gu bheil oidhirpean ga dèanamh air feadh Alba gus stad a chur air an crìonadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.”

Chuir Art MacCormaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, fàilte air iomairt an SFC: “Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic a chur ri Soillse, a tha toirt dhuinn uile cothroman agus stiùiridhean ùra sònraichte. Tha e deatamach gum bi leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd stèidhichte air deagh rannsachadh agus dealbhadh gus an urrainn dhan Bhòrd, agus buidhnean eile, a thighinn gu co-dhùnaidhean fiosraichte mu na h-iomairtean a tha nas buailtich a bhith soirbheachail a thaobh a bhith cuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu ar coimhearsnachdan.

“Chan e a-mhàin gun toir an com-pàirteachas seo ri chèile ealantas sònraichte ach bheir e cuideachd cothroman cosnaidh do dh’òigridh, tro sgoilearachdan PhD, a dhol an sàs ann an rannsachadh agus leasachadh na Gàidhlig san àm a tha an làthair agus san àm ri teachd.”

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: