Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

‘Soillseachadh’ ùr Albannach a’ faighinn maoin tasgaidh co-obrachail de £5.29 millean

Tha maoineachadh (funding) de £5.29 millean airson rannsachadh (research) gus taic is ath-bheothachadh (revitalisation) a thoirt air cànan is cultar na Gàidhlig gu bhith air a cho-roinn (shared) eadar ceithir institiudan foghlaim (four educational institutions) àrd-ìre ann an Alba ann an ro-innleachd rannsachaidh ùir...

’S e com-pàirteachais rannsachaidh (research partnership) a tha ann an Soillse, a tha a’ gabhail a-steach Institiud nam Mìle Bliadhna (OGE) agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhun Èideann agus Ghlaschu. Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (Scottish Funding Council - SFC) a’ cur £1.866 millean ris le £2.483 millean a’ tighinn bho na h-institiudan, £0.541 millean bho Bhòrd na Gàidhlig agus £0.4 millean bho Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (Highlands and Islands Enterprise).

Thèid am maoin tasgaidh (investment) a chleachdadh gus sàr luchd-rannsachaidh fhastadh, naoi sgoilearachdan ollamhachd (PhD studentships) a stèidheachadh thar nan institiudan a tha a gabhail pàirt, le co-dhiù ceithir dhiubh an co-bhoinn ri buidhnean aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig (Gaelic stakeholders), agus co-labhairt bliadhnail air a chumail gus lorgaidhean nan rannsachaidhean a thaisbeanadh.

Bidh e na phrìomh dhleastanas (function) aig Soillse fios a chumail ri Riaghaltas na h-Alba mu na prìomhachasan eaconomach is sòisealta (economic and social priorities) airson na Gàidhlig. Bidh na ceithir institiudan ag obair an com-pàirt le prìomh bhuidhnean, leithid Bhòrd na Gàidhlig, gus am fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh (gathered)bhon rannsachadh a cho-roinn airson fios a chumail ri oidhirpean nàiseanta is ionadail(national and local efforts) gus tionndadh a thoirt air crìonadh (to reverse the decline of) na Gàidhlig agus gus cleachdadh na Gàidhlig (the use of Gaelic) a bhrosnachadh ann an ceàrnaidheanan far nach eilear ga bruidhinn gu dualchasach(where not traditionally spoken).

Thuirt Mark Batho, Àrd-oifigear an SFC: “Tha eachdraidh bheairteach is ioma-dhathach (rich and colorful) aig Alba agus chluich a’ Ghàidhlig pàirt chudromach san eachdraidh sin. Tha sinne dhan bheachd gu bheil e cudromach gum bi cànan is cultar na Gàidhlig air a bhrosnachadh gus a bhith a’ cinneachadh is a’ leasachadh agus tha mi toilichte gun urrainn dhuinne agus na com-pàirtichean eile rannsachadh a mhaoineachadh gus am pàirt sònraichte seo de dhearbh-aithne na h-Alba a chumail beò.” Thuirt Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha (Cabinet Secretary for Education and Lifelong Learning): “Tha mi cinnteach gun cluich an com-pàirteachas seo pàirt chudromach ann a bhith a’ dealbhadh mar a bhios sinn a’ gluasad air adhart (moving forward) le ar n-obair ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean a tha romhainn (the years to come).

“Feumadh sinn ghinealach (generation) ùr de luchd-labhairt (learners) Gàidhlig a chruthachadh gus meur bheairteach de bheatha chultarail na h-Alba agus coimhearsnachd cànain sònraichte ann an Alba a dhìon.

“Seach gu bheil com-pàirtichean Soillse sgaoilte air feadh gach ceàrnaidh den dùthaich, chithear gu bheil oidhirpean ga dèanamh air feadh Alba gus stad a chur air an crìonadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.”

Chuir Art MacCormaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, fàilte air iomairt an SFC: “Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic a chur ri Soillse, a tha toirt dhuinn uile cothroman agus stiùiridhean (directions) ùra sònraichte. Tha e deatamach (vital) gum bi leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd stèidhichte air deagh rannsachadh agus dealbhadh gus an urrainn dhan Bhòrd, agus buidhnean eile, a thighinn gu co-dhùnaidhean fiosraichte mu na h-iomairtean a tha nas buailtich a bhith soirbheachail a thaobh a bhith cuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu ar coimhearsnachdan.

“Chan e a-mhàin (not only will) gun toir an com-pàirteachas seo ri chèile ealantas sònraichte ach bheir e cuideachd cothroman cosnaidh do dh’òigridh, tro sgoilearachdan PhD, a dhol an sàs ann an rannsachadh agus leasachadh na Gàidhlig san àm a tha an làthair agus san àm ri teachd.”

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: