Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

  • BeurlaEnglish
  • Simple GaelicSimple Gaelic
  • GàidhligGaelic

Dearbh Fhiosrachadh mu Bhuidhnean

Tha 26 còisirean Gàidhlig clàraichte air an làrach-lìn aig Comunn nan Còisirean Gàidhlig agus iad stèidhichte air feadh an t-saoghail. Ann an Alba tha còisirean a’ coinneachadh cho fada deas ri Dùn Èideann agus cho fada tuath ri Gallaibh, ann an Innse Gall san àird an iar, agus ann an Obar Dheathain san àird an ear. Tha còisir Ghàidhlig ann an Lunainn, tha feadhainn ann an Astràilia, tha còisir Ghàidhlig ann an Vancouver ann an Canada, tha fiù ’s tè ann an Argentina.

Leabhraichean

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus am foillsichear Clàr air 15 nobhailean a chur an clò bhon a thòisich an sreath nobhailean ùra Ùr-sgeul ann an 2003. Tha iad a’ dèiligeadh ri taghadh farsaing chuspairean bho mhurt ann an Dùn Èideann gu taighean samhraidh air a’ Ghàidhealtachd. Ghlèidh a’ chiad leabhar san t-sreath ‘Ath-aithne’ le Màrtainn Mac an t-Saoir an Duais Saltire airson Leabhar Ùr na Bliadhna ann an 2003, bha an nobhail aig Aonghas Pàdraig Caimbeul ‘An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn’ aig àireamh a h-ochd air liosta de na leabhraichean Albannach as fheàrr, a dh’fhoillsich ‘The List’ ann an 2005, agus bha ‘Gymnippers Diciadain’ a-rithist le Màrtainn Mac an t-Saoir air an liosta ghoirid airson Leabhar na Bliadhna aig Saltire.

Fàs agus Leasachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig sa Phlana Nàiseanta aca airson na Gàidhlig ag amas air 4,000 a thighinn a-steach gu foghlam bun-sgoile tro Ghàidhlig ann an 2021, agus tha iad ag iarraidh gun tèid an àireamh dhaoine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an àird gu 65,000 ron aon bhliadhna. Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig a’ chiad Phlana Nàiseanta na Gàidhlig ann an 2007 agus stiùiridh sin leasachadh a’ chànain suas gu 2012 nuair a thèid plana ùr fhoillseachadh. Tha am plana seo, fo stiùir Bhòrd na Gàidhlig, a’ sealltainn na slighe air adhart don chànan.

Foghlam

Tha an-dràsta 2,161 sgoilearan an-dràsta ann am foghlam Gàidhlig bun-sgoile, 718 clàraichte ann am foghlam Gàidhlig ro-sgoile, 968 fileantaich a’ dèanamh Gàidhlig no cuspairean Gàidhlig san àrd-sgoil, 2,733 luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh Gàidhlig san àrd-sgoil agus mu 6,000 sgoilear a’ dèanamh Gàidhlig airson Luchd-ionnsachaidh sa Bhun-sgoil. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil còrr is 12,000 sgoilear an sàs ann an Gàidhlig gu ìre air choireigin nan cuid foghlaim ann an Alba sna diofar roinnean comhairle.

Craoladh

Thòisich sianal telebhisean Gàidhlig ùr, BBC Alba, air 19 Sultain 2008 air a bheil iad a’ craoladh farsaingeachd phrògraman. Chithear spòrs, dràma, naidheachdan, comadaidh, prògraman aithriseach is cloinne, agus iomadh rud eile air an t-sianal a tha na phàirt de sheirbheis dhidseatach iomlan ann an Gàidhlig. Thathar a’ sùileachadh gun cosg MG Alba agus am BBC, an dà bhuidheann a tha a’ lìbhrigeadh an t-sianail ann am com-pàirt, £16.5 millean air 777 uairean a thìde de phrògraman ùra ann an 2009.

Fèisean

Tha 43 Fèisean ann an Alba far a bheil òigridh a’ faighinn cothrom ceòl, seinn agus sgilean eile ionnsachadh, gu math tric tro Ghàidhlig. Tha mu 5,000 duine a’ gabhail pàirt sna Fèisean gach bliadhna, agus tha mu 13,000 òganach a’ dol an sàs ann an tachartasan dha bheil Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic. ’S e Fèisean nan Gàidheal am buidheann a tha a’ toirt taic-airgid agus taic eile do na Fèisean ann an Alba. Agus am measg nam prìomh amasan aca ’s e Gàidhlig adhartachadh nan obair.

Follow us on: