Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

HIE a' dearbhadh luach na Gàidhlig agus a' cur barrachd taic rithe.

Thug Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (Highlands and Islands Enterprise - HIE) iomradh air taic-airgid ùr airson na Gàidhlig; agus fianais ùr a' nochdadh air na buannachdan mòra eaconomach (significant economic benefits) an lùib nam Fèisean an Alba. Tha an taic-airgid ùr a' ciallachadh gu bheil HIE a-nis a' cur roimhpe £990,000 a chuir ri obair-leasachaidh tron a' Ghàidhlig.

Tha geàrr-chunntas aithisg (summary report/findings) ùire 'Buaidh Eaconomach nam Fèisean' ('Economic Impact of the Fèisean'), a chaidh a dh'iarraidh le HIE, ag innse gu bheil na Fèisean fhèin a' cur còrr is £1m ri eaconomaidh na h-Albainn agus iad a' cumail 49 cosnaidhean lan-thìde (full-time posts of employment) sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha an aithisg cuideachd a' cur an aire (taking notice of) gu bheil iad a' toirt buaidh dha-rìribh air na 'sgìrean dùbhlanach' (fragile areas), agus coimhearsnachdan nan sgìrean a' faighinn còrr is cairteal na millean nota agus 14 cosnaidhean às.

Tha an taic-airgid ùr seo a' gabhail a-steach chumhnant (contract) £300,000 le Comunn na Gàidhlig agus iad gu bhi a' lìbhrigeadh sheirbheisean (delivering services)as leth HIE a-chum gus piseach mòra a thoirt air buaidh na Gàidhlig agus an dualchais Ghàidhealaich air leasachadh air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus gu sònraichte na sgìrean dùbhlanach.

Tha seirbheisean a' chùmhnaint seo stèidhichte air Ro-innleachd Eaconomach na h-Albainn (Government Economic Strategy) cho math ri Plana Gàidhlig HIE, agus e a' cur prìomhachas (main focus) air targaidean a leithid ro-innleachd ùr airson a' mhargaidh obrach (labour market) na Gàdhlig agus iomairtean ùra a chuireas a' Ghàidhlig gu feum ann am prìomh roinnean eaconomaidh na Gàidhealtachd.

"Tha sinn gu mòr airson is gun tig fàs air cleachdadh na Gàidhlig ach cuideachd piseach (improvement) mòr air àite na Gàidhlig is i air a chuir gu feum le coimhearsnachdan agus companaidhean. Tha Plana Gàidhlig HIE a' coimhead ri buannachdan aig ghnìomhachasan, gu h-àraidh an fheadhainn (those) ud a tha an sàs anns na gnothachasan Cruthachail (creative industries), a' toirt seachad sheirbheisean agus feadhainn anns an roinn turasachd. Tha HIE airson is gum faic gniomhachasan a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd na buannachdan an lùib a' chànain agus an dualchais shònraichte Ghàidhealaich againn." thuirt John Watt, neach-stiùiridh neartachadh choimhearsnachdan (director of strengthening communities) aig HIE.

Thuirt Calum Iain MacLeòid, stiùiriche leasachaidh (development director) ChnaG: "Le bhi a' cur a' chùmhnaint seo an gnìomh tharais air a' bhliadhna a tha romhainn (before us), tha Comunn na Gàidhlig a' coimhead ri grunn iomairtean (many initiatives) a-chum ath-bheòthachadh (revitalise) na Gàidhlig le taic do ghnìomhachasan (business support) agus leasachadh choimhearsnachdan air feadh na Ghàidhealtachd is nan Eilean.

Tha taic HIE ris a' Ghàidhlig uabhasach cudromach (very important) agus tha sinn air ar toilichte gu bheil iad air a' chùmhnant seo a fhaighinn dhuinne. Tha CnaG cuideachd toilichte gun deach Plana Ghàidhlig HIE fhoillseachadh agus tha seo a' sùileachadh suidheachadh seasmhach airson a' chànain san àm ri teachd."

A bharrachd (in addition to) air taic do ChnaG, the HIE a' cur £50,000 ri Pròiseact nan Ealan (PnE). Tha grunn phròiseactan a' faighinn cuideachadh bho PnE, leithid Opra Hiort, taisbeanaidhean (exhibition) an Leabhair Mhòir a' phròiseact ùr, 'Mo Chuid Aodaich', a thog còrr is £12,000 airson na buidhne cùraim (community care group) Crossroads.

Tha HIE a' cur airgead-tasgaidh £100,000 thar (over / across) trì bliadhna gu Comunn Luchd Ionnsachaidh (Clì Gàidhlig) - agus iad airson barrachd sheirbheisean ionnsachaidh ri luchd-ionnsachaidh agus buidhnean poblach is prìobhaideach mar Iomairt Sòisealta.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: